Tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd

30 Am Màrt 2008

Tha tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd air sgàth ’s gu bheil an gnèitheachd aca a’ dol an aghaidh poileasaidh creideamh nan sgoiltean.

Tha tidsearan anns a’ bhuidhinn LCDT aig INTO (Irish National Teacher’s Organisation) ag ràdh gu bheil an Employment Equality Act a’ toirt cead ri sgoiltean a chur tidsearan à dreuchd air sgàth ’s an gnèitheachd aca ma tha e a’ dol an aghaidh creideamh an sgoile.

A-rèir Earrann 37 dhen achd faodaidh sgoiltean gnìomh a thoirt gus “casg a chur air neach-obrach sam bith a tha a’ lagachadh inbhe creideamh an t-ionad-obrach.”

Chaidh a’ bhuidhinn LCDT stèidheachadh ann an 2004 agus tha 35 buill an sas ann. Tha iad air iomairt stèidheachadh a-nis gus Earrann 37 a chur às.

• • •

Reachd Ameireaganach ag ràdh gu bheil ainm pòsta co-sheòrsach mì-laghail

30 Am Màrt 2008

Tha Roinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh nach urrainn gnìomhaiche AIDS cead-siubhail ùr fhaighinn air sgàth ’s gu bheil an ainm pòsta aige mì-laghail.

Fhuair Jason Hair-Wynn litir bho Roinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh gu bheil an ainm pòsta aige mì-laghail a-rèir DOMA (Federal Defence of Marriage Act) air sgàth ’s gur e pòsadh aon-sheòrsach a th’ ann.

Tha Hair-Wynn air an cead-dràibhidh agus na pàipearan tèarainteachd shòisealta aig atharrachadh gun strì sam bith ach tha Roinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh chan fhaigh e cead-siubhail mura h-eil e a’ cleachdadh an ainm ceart aige.

• • •

Pàrlamaid Chùba a’ beachdachadh air còirichean LCDTE

30 Am Màrt 2008

Tha luchd-lagha anns a’ Chùba a’ beachdachadh air laghan ùra a dhèanamh gus còirichean co-ionann a thoirt ris a’ choimhearsnachd LCDTE.

Thathar an dòchas gum biodh na laghan seo nan ceuman mòr ri companasan-catharra fhaighinn agus ri cothroman air obraichean lannsa gus ur gnè atharrachadh.

Thuirt Mariela Castro, Neach-stiùiridh Ionad Nàiseanta na Feise:

“Thèid cùmhnant freagarrach a shoighneachadh le Ministrealachd na Slàinte gus dòigh-obrach stèidheachadh airson obraichean lannsa mar seo agus companasan-catharra a thoirt seachad.”

Tha Mariela nan nighean Raul Castro, Ceann-suidhe Chùba agus tha i ag ràdh gu bheil i airson “The Cuban Revolution” beartachadh leis an strì aice airson co-ionannachd eadar daoine de gach gnè agus airson còirichean co-sheòrsach.

Tha i air a bhith na ceannard Ionad Nàiseanta na Feise o chionn 2000 agus o chionn ghoirid tha i air a bhith a’ dèanamh iomairt airson còirichean co-sheòrsach ach tha i ag ràdh gur e obair gu math doirbh a th’ ann air sgàth an comann-sòisealta prìomh-athaireil a tha anns a’ Chùba ach tha beachdan ag atharrachadh.

Chaidh co-sheòrsachd a dhì-eucoireachadh ann an cuid ann an 1979 agus chaidh an aois aontaidh a cho-ionannachadh ann an 1992.

• • •

Casaidean gràin-co-sheòrsachd air an diùltadh leis an IPCC

29 Am Màrt 2008

Tha an IPCC (Independent Police Complaints Commission) a’ diùltadh casaidean gràin-co-sheòrsachd an aghaidh ochd oifigearan ann an Duibhe agus a’ Chòrn.

Chaidh na casaidean a thogail ann an 2004 agus 2005 le gnìomhaiche LCDTE Malcolm Lidbury.

Thuirt e gun robh iad ga droch-làimhseachadh air sgàth ’s an gnèitheachd aige agus gun robh an seasamh aca ri gràin-co-sheòrsachd.

Bhruidhinn an IPCC ri 19 luchd-fianais a bha dhen bheachd nach robh am Poileas a’ làimhseachadh fòirneart dachaigheil co-sheòrsach le urram agus nach robh a’ choimhearsnachd co-sheòrsach a’ creidsinn anns a’ Phoileas.

Thuirt Coimiseanair an IPCC Iain Bynoe:

“Cha do lorg sinn fianais sam bith de gràin-co-sheòrsachd.”

Thuirt Neach-labhairt na Poileas:

“Tha dealas làidir againn a bhith a’ toirt seachad seirbheisean a tha ri fhaighinn leis a h-uile duine agus tha sinn ag aithneachadh gum feum sinn èisteachd ris na draghan a tha air a’ choimhearsnachd co-sheòrsach.”

• • •

Neach-poileataigs aig a bheil gràin-co-sheòrsachd a’ coinneachadh le PFLAG

29 Am Màrt 2008

Tha neach-poileataigs à Oklahoma, a tha ainmeil airson ag ràdh gu bheil daoine co-sheòrsach nan bagairtean nas motha ris na Stàitean Aonaichte na tha ceannaircich, air a bhith a’ coinneachadh le buidheann PFLAG (Parents & Friends of Lesbians & Gays).

Thug a’ choimhearsnachd eadar-nàiseanta an àire do Riochdaire Sally Kern na bu tràithe a’ mhìos seo chaidh nuair a dh’fhoillsich am buidheann Gay & Lesbian Victory Fund bhidio air YouTube a’ sealltainn Riochdaire Kern a’ toirt seachad òraid a bha ri gràin-co-sheòrsachd.

Tha Riochdaire Kern a’ togail casaid an aghaidh a’ choimhearsnachd co-sheòrsach ag ràdh gu bheil iad a’ putadh “gay agenda” agus tha iad a’ feuchainn ri dòigh-beatha co-sheòrsach a bhrosnachadh ri clann òg.

Thuirt i:

“An stuth seo, tha e marbhtach, tha e a’ sgaoileadh agus millidh e na daoine òga againn. Millidh e an nàisean seo.”

Thuirt Loyce Newton-Edwards, Ceann-suidhe PFLAG ann an Oklahoma:

“Tha sinn toilichte gun tug Riochdaire Kern ùine airson bruidhinn rinn, agus gu bheil i deònach smaoineachadh air còmhradh seasmhach stèidheachadh eadarainn.”

• • •

Iomairt Albannach ag amas air stad a chur air deugaire co-sheòrsach fuadach a-mach

29 Am Màrt 2008

Chaidh iomairt a stèidheachadh gus deugaire co-sheòrsach, a tha gu bhith a’ fuadach a-mach às an Rìoghachd Aonaichte, a shàbhaladh.

Tha JoJo Jako Yakob, 19, gu bhith a’ fuadach a-mach às an Rìoghachd Aonaichte air ais gu Siria, ach tha e ag ràdh gun tèid a chur gu bàs ma thilleas e air ais dhan dùthaich.

Tha Yakob air a bhith fo chasaid o chionn 12 mhìos ann am Polmont Young Offenders, An Eaglais Bhreac air sgàth ’s gun robh e a’ cleachdadh cead-siubhail brèige fhad ’s a bha e a’ sireadh tèarmann poileataigeach.

A-nis tha an Save JoJo Campaign air a bhith a’ stèidheachadh le buidhnean gnìomhaiche LCDTE agus luchd-tagraidh còirichean daonna bho air feadh Alba leis an amas gum biodh Jakob comasach air fuireach ann an Alba.

Thuirt Rob McDowall, neach labhairt dhen bhuidheann Equal Rights Now:

“Tha an siostam in-imrich againn a’ fàilligeadh na daoine ann an èis agus a’ seachnadh na daoine a tha ann an droch chunnart.”

“Tha dleastanas againn a bhith a’ toirt cùram ris na daoine a’ tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte , tha dleastanas againn a bhith a’ sgrùdadh na tha dhìth orra agus a bhith gan làimhseachadh le spèis agus urram agus an rud as cudromaiche a bhith a’ dèanamh cinnteach nach bi sinn gan fuadach a-mach ri dùthchannan far am biodh iad a’ cur ann an cràdh neo a’ cur gu bàs.

Tha luchd-iomairt ag iarraidh daoine a chur litir ris na Buill Pàrlamaid aca neo gu Jacqul Smith, Rùnaire na Dùthcha, gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air cùis-lagha Mgr Yakob.

Bidh luchd-iomairt cuideachd a’ coiteachadh a’ Phàrlamaid ann an Dùn Èideann, an Ambasaid Siridheach ann an Lunnainn agus a’ chùirt far am bi Yakob ag ionnsachadh dè bhios a’ tachairt ris 7mh den Chèitean.

Ma tha sibh airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn, tadhalaibh air http://www.savejojo.net/.

• • •

Bàrd connspaideach a’ fuireach air curraicealam na h-Èirinn

28 Am Màrt 2008

Tha an An Chomhairle Náisiúnta Curaclaim agus Measúnachta (An Comhairle Nàiseanta Curraicealaim agus Measaidh) ann an Èirinn ag ràdh gum bi obraichean Cathal Ó Searcaigh a’ fuireach air curraicealam na h-Èirinn ged a tha am bàrd fo amharas gun do ghabh e brath air balaich ann an Neapàl.

Thuirt Mary Hanafin, Ministear an Fhoghlaim:

“Tha a’ chomhairle dhen bheachd gum bu chòir dhan co-dhùnadh tùsail aca air luach an obair Cathal Ó Searcaigh fulang.”

Tha Mgr Ó Searcaigh air a bhith fo amharas o chionn taisbeanadh dhen film aithriseach Fairytale of Kathmandu, a tha a’ sealltainn an obair saor-thoileach a tha Ó Searcaigh a’ dèanamh ann an Neapàl.

Sgrìobh am bàrd litir mìos seo chaidh a’ càineadh na casaidean. Sgrìobh e:

“Ma tha mo dòigh-bheatha co-sheòrsach no na càirdeis agam oilbheumach ri dhaoine eile, tha mi duilich.”

“Ach tha e neo-fhìrinneach agus mì-chàilear a bhith ag ràdh gun robh mi a’ gabhail brath air na balaich seo.”

“Tha na càirdeis agam ann an Neapàl air a bhith gràdhach, fosgailte agus follaiseach.”

• • •

Droch-làimhseachadh de dhaoine a’ sireadh tèarmann na ghaoid air cliù an Rìoghachd Aonaichte

28 Am Màrt 2008

Tha coimisean a chaidh a stèidheachadh gus poileasaidhean tèarmann anns an Rìoghachd Aonaichte sgrùdadh ag ràdh nach eil na poileasaidhean cho àrd ’s a bu chòir dhaibh a bhith airson dùthaich “sìobhaltach”.

Ach tha Buidheann nan Crìochan & In-imrich (Border & Immigration Agency) ag ràdh gu bheil iad a’ làimhseachadh daoine a’ sireadh tèarmann le “cùram agus truas”.

Tha an àireamh de dhaoine a’ sireadh tèarmann anns an Rìoghachd Aonaichte air a bhith a’ tuiteam anns na bliadhnaichean mu dheireadh agus cha robh ach 23, 000 ga sireadh an-uiridh.

Thuirt an coimisean gu bheil an siostam tèarmann aig an Rìoghachd Aonaichte a’ fàs nas fheàrr ach nach eil e freagarrach fhathast air sgàth ’s nach eil e a’ toirt taic ris na daoine ann an èis gu h-àraidh clann, boireannaich, daoine le trioblaidean slàinte agus daoine a chaidh a chur an cràdh.

A bharrachd air seo tha strì nan daoine co-sheòrsach a’ sireadh tèarmann air a bhith a’ togail aire an dèidh dhan Riaghaltas tagradh Medhi Kazemi a dhiùltadh. Bha Mgr Kazemi a’ feuchainn ri tèarmann fhaighinn air sgàth ’s gun robh a bheatha ann an cunnart ann an Ioràn far a bheil co-sheòrsachd mì-laghail.

Tha buidhnean còirichean daonna ag ràdh gu bheil còrr ’s 4,000 daoine co-sheòrsach air a bhith a’ cur gu bàs o chionn 1979 air sgàth ’s an taobhadh a-thaobh fèise a bh’ aca.

• • •

Duine pòsta air òrdachadh ri airgead-sgaraidh a phàigheadh ri seann chompanach co-sheòrsach

28 Am Màrt 2008

Tha cùirt ann am Braisil air ràdh gum feum duine airgead-sgaraidh a phàigheadh ri seann chompanach co-sheòrsach aige.

Tha luach còrr ’s $450m (£225m) aig an Ameireaganach, a tha an duine a-nis a’ fuireach leis a bhean anns na Stàitean Aonaichte, agus a-rèir an cùirt feumaidh e còrr ’s $120m (£60m) a phàigheadh ris a’ Bhraisileach.

Tha companasan-catharra air a bhith laghail ann an Rio Grande do Sul o chionn 2004, agus thuirt an cùirt air sgàth ’s gun robh an càraid còmhla fad ceithir bliadhna, tha iad dhen bheachd gur e càirdeas seasmhach a bh’ ann.

Thathar an dòchas gum bi an co-dhùnadh seo mar eisimpleir ri cùirtean eile air feadh an t-saoghal air sgàth ’s gum bi seo a’ chiad turas a bhios maoin a’ sgaoileadh eadar càraid co-sheòrsach nach robh a’ fuireach ri chèile tuilleadh.

Tha an Ameireaganach ag agairt an aghaidh a’ cho-dhùnadh ag ràdh gur e càirdeas gnothaich a bh’ ann.

• • •

Duine trom air bruidhinn a-mach an aghaidh Seirbheis Slàinte claon-breitheach

27 Am Màrt 2008

Tha duine tar-ghnèitheach à Portland, Oregon air ràdh anns a’ cholbh aige anns an iris co-sheòrsach The Advocate gu bheil e trom.

A bharrachd air seo tha Thomas Beatie ag ràdh gu bheil doctairean agus ionadan slàinte air a bhith a’ dèanamh lethbhreith na aghaidh air sgàth ’s an leatrom.

Tha Beatie clàraichte gu laghail mar fireannach agus tha e pòsta ri Nancy Beatie. Tha an càraid air a bhith ag iarraidh clann o chionn fhada a-nis ach chan eil Nancy comasach air leanabh a bhreith air sgàth ’s trioblaidean slàinte agus ’s mar sin thàinig Beatie gu co-dhùnadh nach biodh e a’ toirt às na buill-ghineamhainn boireannach aige agus gun stadadh e a’ toirt ann-steallaidhean Testosterone gus am b’ urrainn dha fàs trom.

Tha an càraid ag ràdh gun robh na doctairean a’ gàireachdainn aca, gun tuirt iad nach robh an càraid freagarrach do clann a thogail agus nach biodh iad deònach cuideachadh a thoirt dhaibh ged a chosg an càraid mìltean mar thà airson leigheas sìolachaidh.

An dèidh seo cheannach an càraid sìol-ghinidh gun ainm tabhairtich agus dh’fhàs Beatie trom le triùir san aon breith ach chiall e na triùir air sgàth ’s trioblaidean slàinte ach dh’fhàs Beatie trom a-rithist le nighean agus tha iad ga dùil san t-Iuchar.

• • •

Siridheach co-sheòrsach gu bhith a’ fuadach a-mach às an Rìoghachd Aonaichte

19 Am Màrt 2008

Tha deugaire Siridheach gu bhith a’ fuadach a-mach às an Rìoghachd Aonaichte air sgàth ’s gun do dhiùlt Rùnaire na Dùthcha an iarrtas aige airson tèarmann poileataigeach.

Tha JoJo Jako Yakob ag ràdh gun tèid a mharbhadh nan tèid e air ais gu Siria. Thuirt e gun robh am Poileas a’ bagairt air agus ga bhualadh nuair a bha e ann an Siria, bha e cho dona gun do leig iad peilear ann agus gun robh e ann an còma air sgàth ’s na pronnaidhean.

Tha Riaghaltas Bhreatainn ag ràdh gun do dhiùlt iad an iarrtas aige air sgàth ’s gun robh e a’ cleachdadh cead-siubhail brèige.

Bidh Yakob mu choinneamh cùirt ann an Glaschu 7mh Chèitean gus fhaighinn a-mach dè bhios a’ tachairt dha.

• • •

An Èipheit air a chàineadh airson an iomairt an aghaidh AIDS lagachadh

19 Am Màrt 2008

Tha Amnesty International agus Human Rights Watch ag ràdh gu bheil Riaghaltas an Èipheit “aineolach mu dheidhinn HIV agus gu bheil iad a’ coimhead air le claon-bharail” an dèidh barrachd casaidean airson “habitual debauchery.”

Tha iad a’ cleachdadh an abairt “habitual debauchery” ann an laghan Èipheiteach far a bheil iad a’ ciallachadh feise co-sheòrsach.

Thuirt neach-labhairt airson Human Rights Watch:

“Bidh casaidean an aghaidh daoine air sgàth ’s an inbhe HIV/AIDS aca a’ cur an t-eagal air daoine eile a tha airson leigheas fhaighinn airson na tinneasan.”

“Tha na laghan seo a’ briseadh riaghailtean uaigneas agus leth-bhreith a-rèir an International Covenant on Civil and Political Rights (ICCPR).”

• • •