Riaghailtean ùra air fhoillseachadh airson casaidean HIV
Chaidh riaghailtean ùra fhoillseachadh le Seirbheis Casaid a’ Chrùin an-diugh airson stiùireadh a thoirt do luchd-casaid a’ dèiligeadh ri cùisean-lagha far a bheil daoine air HIV a sgaoileadh a dh’aona-ghnothach.
An dèidh co-chomhairle farsaing le buidhnean diofraichte, tha Seirbheis Casaid a’ Chrùin air poileasaidh poblach agus teisteanas stiùiridh fhoillseachadh a tha a’ toirt stiùireadh seachad air dè seòrsa fianais a tha riatanach airson casaidean HIV a dhol air adhart.
Thuirt Sir Ken MacDhòmhnaill QC, Neach-stiùiridh Caiseadan Poblach:
“Ged nach eil na cùisean-lagha seo cumanta, tha sinn a’ foillseachadh na riaghailtean seo air sgàth ’s gu bheil sinn a’ faicinn cho cudromach ’s a tha co-dhùnaidhean seasmhach.”
“Ghabh sinn comhairle bho luchd-clionaig, carthannasan agus buidhnean coimhearsnachd mu dheidhinn leasachadh a’ phoileasaidh agus stiùireadh seo.”
“Bhuannaich sinn gu susbainteach bho na beachdan agus na draghan aca, agus tha sinn gu math taingeil airson na rinn iad.”
Ged nach eil iad airson casaidean an-aghaidh daoine neo-chùramach a sgaoil HIV chur an t-Urras Nàiseanta AIDS fàilte air na riaghailtean airson a’ mhodh-casaideachaidh soilleireachadh.
Thuirt Deborah Jack, Àrd-oifigear an urrais:
“Thèid an stiogma a tha air daoine HIV+ àrdachadh ma cuirear sgaoileadh neo-chùramach HIV fon choil.”
“A dh’aindeoin seo, tha na riaghailtean bho Seirbheis Casaid a’ Chrùin feumail airson a’ mhodh-casaideachaidh soilleireachadh.”
Thuirt Lise Power, Ceannard Poileasaidhean an THT (Urras Terrence Higgins):
“Tha an THT airson casaidean an-aghaidh daoine a dh’aon ghnothach gus HIV sgaoileadh ach tha sinn gu tùr an-aghaidh casaidean an-aghaidh daoine neo-chùramach a sgaoil HIV.”
“Ach tha e cudromach gu bheil riaghailtean seasmhach ann agus gum bi daoine le tinneasan feise eòlach air an lagh.”