Lagh an-aghaidh gràin-co-sheòrsachd a’ gluasad air adhart

Chaidh deasbad a chumail ann an Taigh nam Morairean seachdain seo chaidh mu dheidhinn lagh ùr a bhios a’ ciallachadh gum bi gràin-co-sheòrsachd (Homophobia) mì-laghail.

A bharrachd air seo tha an Riaghaltas airson an lagh seo a bhith a’ dèanamh sgaradh eadar co-sheòrsachd (Homosexuality) agus paedophilia.

Thuirt Morair Thomas à Gresford:

“Tha sinn a’ gabhail gnothach ris am beachd a tha aig a’ BhNP (Partaidh Nàiseanta Bhreatainn) agus daoine eile a tha a’ smaoinntinn gu bheil ceangal ann eadar co-sheòrsachd agus paedophilia agus gum feumadh paedophile a bhith anns a h-uile duine co-sheòrsach.”

Chaidh an lagh tron ìre chomadaidh ach feumaidh e a-nis a dhol tron ìre iomradh ann an Taigh nam Morairean.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.