Michael Stipe air ràdh gu bheil e co-sheòrsach

Tha Michael Stipe, seinneadair anns a’ chòmhlan-ciùil R.E.M. air ràdh gu bheil e co-sheòrsach.

Bha Stipe, 48, a tha ainmeil airson ceistean mu dheidhinn an gnèitheachd aige a sheachnadh, a’ bruidhinn anns an iris ciùil Spin.

“Tha mi air a bhith gu tùr fìrinneach leis a’ chòmhlan, mo theaghlach agus mo chàirdean. Bha mi a’ smaointinn gun robh e follaiseach.”

“Chan eil faireachdainnean làidir gu leòr air a bhith agam riamh a bhith ag ràdh ‘Seadh. ‘S e mo charabhaidh a th’ ann, sin mar a tha e.’

“A-nis tha mi a’ mothachadh gu bheil e cuideachail do dhaoine co-sheòrsach òga a bhith a’ faicinn daoine ainmeil a tha fìrinneach mu dheidhinn an gnèitheachd aca.”

Tha a’ mhòr-chuid air a bhith a’ cur fàilte air an agallamh agus a’ cho-dhùnadh aige ach tha cuid ag ràdh gur e cleas a th’ ann air sgàth ’s gu bheil clàr ùr aig a’ chòmhlan aige.

Ach thuirt Stipe:

“Tha mi air a bhith a’ falbh le duine iongantach o chionn trì bliadhna a-nis.”

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.