Deugaire co-sheòrsach gu bhith a’ fuadachadh a-mach às an Èilbheis air ais gu Camarun

Tha deugaire co-sheòrsach gu bhith a’ fuadachadh a-mach às an Eilbheis air ais gu Camarun far am b’ urrainn dha a bhith ga chur an greim agus ga dhìteadh gu peanas corparra.

Ràinig Anatole Zali, 18, an Eilbheis 3mh An Gearran agus chuir e a-steach iarrtas airson tèarmann poileataigeach air sgàth ’s gu bheil bagairt air a chionn ’s gu bheil e co-sheòrsach.

Thuirt Zali gun robh am Poileas a’ bagairt air agus a’ sireadh fàsadh bhuapa nuair a bha e ann an Camarun a’ fuireach leis a’ cho-ogha. Chuir am Poileas greim air a’ cho-ogha agus fhuair iad barantas-glacaidh airson Zali cuideachd ach theich e dhan Eilbheis.

Chaidh an iarrtas a dhiùltadh 14mh An Gearran agus chuir e a-steach tagradh an-aghaidh na binne ach chaidh seo a dhiùltadh cuideachd.

Tha Amnesty International ag ràdh gu bheil dleastanas aig an Eilbheis a rèir an 1951 UN Refugee Convention a bhith a’ toirt cothrom ceart do fògarraich agus gun a bhith gan cur air ais gu dùthchannan far am biodh iad ann an cunnart briseadh còirichean daonna.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.