Gearanan mu dheidhinn sanasan co-sheòrsach air an diùltadh

Tha an ASA (Advertising Standards Authority) ag ràdh nach eil iomairt sanasachaidh a’ bhuidheann Stonewall a’ dol an-aghaidh an còd aca.

Chaidh sanasan a thaisbeanadh air 600 bùird-shanais air feadh Breatainn seachdain seo chaidh leis an abairt “Some people are gay. Get over it!

Fhuair an ASA 54 gearanan mu dheidhinn na sanasan air sgàth ’s gu bheil iad tàmailteach ri buidhnean Crìosdaidheachd agus cha bu chòir dhaibh a bhith ann an àiteachan far a bheil clann.

A bharrachd air seo fhuair iad dà ghearan ag ràdh gu bheil na sanasan tàmailteach ri daoine eile-sheòrsach agus gu bheil iad a’ ciallachadh gu bheil a h-uile daoine eile-sheòrsach ciontach air gràin-co-sheòrsachd.

Thuirt an ASA:

“Ged nach eil a h-uile duine a’ dol leis an dòigh aig an luchd-sanasachd, cha robh droch-chainnt neo ìomhaighean anns na sanasan a tha tàmailteach ri daoine eile-sheòrsach neo ri buidhnean cràbhach.”

“Chan eil iad a’ ciallachadh gu bheil daoine eile-sheòrsach uile ciontach air gràin-co-sheòrsachd agus chan eil iad a’ brosnachadh dòigh-beatha co-sheòrsach ri clann òg.”

Chaidh an iomairt a dhèanamh le taic bho 150 àrd sgoiltean mar phàirt dhen iomairt Education For All a tha aig Stonewall.

Thèid an iomairt a thòiseachadh a-rithist nas anmoiche air a’ bhliadhna.

Read more