Bu tòigh le Fèis-pròise Ghlaschu fàilte a chur air a h-uile duine a bhios airson tighinn ris am fosgladh aca.
30mh den Ghiblean aig 7f aig an t-ionad LCDT, 84 Bell Street, Glaschu G1 1LQ
Ma tha sibh airson dol cuiribh fios ro-làimh le bhith a’ clàradh aig www.prideglasgow.co.uk/register no le bhith a’ cur post-d gu pride@prideglasgow.co.uk.

Tha màthraichean leasbach ann an Iosrael a’ sabaid gus am bi iad air ainmeachadh air teisteanas breith an leanabh aca.
‘S e seo a’ chiad cùis-lagha mar seo ann an Iosrael air sgàth ’s gu bheil pàirt beòthail agus bith-eòlach aig gach tè. Air sgàth ’s trioblaidean meadaigeach aig an tè trom, bha feum aca am foetus a’ gluasad dhan tè eile.
Tha seo a’ ciallachadh gum tèid an dàrna tè ainmeachadh mar màthair oifigeil a-rèir laghan Iosralach agus chan eil còirichean aig a’ chiad tè ged a tha i na màthair bith-eòlasach a-rèir gineachan.
Tha na cùirtean ag ràdh ma tha a’ chiad tè airson còirichean laghail feumaidh i an leanabh uchd-mhacachadh.
Tha an càraid a-nis an dùil ris a’ cho-dhùnadh seo atharrachadh.
Tha ball pàrlamaid ann an Canada air leisgeul a dhèanamh as dèidh bhidio fhoillseachadh anns a thuirt e gun robh daoine co-sheòrsach “galarach”.
Thuirt Tom Lukiwski, 56, na BhP airson na Tòraidhean ann an Saskatchewan, gun robh e “uabhasach duilich airson na faclan a thuirt mi 17 bliadhna air ais.”
Chaidh ga thaghadh ann an 2004 air sgàth ’s gun deach bacadh a chur air an neach a bh’ ann roimhe air sgàth ’s barailean aige a bha ri gràin-co-sheòrsachd.
Tha cuid ann an Canada a-nis ag ràdh gum bu chòir an aon rud a’ tachairt ri Mgr Lukiwski.
Lorg neach-obrach am pàrtaidh dùbhlanach am bhidio fhad ’s a bha iad a’ sgioblachadh na h-oifisean aca.
Anns a’ bhidio thuirt Mgr Lukiwski:
“Tha A’an ann agus tha B’an ann. Tha na A’an coltach rium. Tha na B’an co-sheòrsach le ìnean salach a tha a’ sgaoileadh galaran.”
Ann an òraid ri Taigh nan Cumantan, thuirt Mgr Lukiwski:
“Ged a thuirt mi seo 17 bliadhna air ais, chan e leisgeul a th’ ann an seo.”
“Tha mi airson leisgeul a dhèanamh ris na càirdean agus na co-obraichean agam a tha co-sheòrsach neo leasbach. Chan eil fhios ’am ciamar a bhios iad a’ smaointinn orm a-nis.”
“Tha fios ’am gu bheil gràin mòr aig a’ choimhearsnachd LCDT orm an-dràsta. Tha mi a’ tuigsinn seo agus le cinnt tha seo reusanta.”
“Chan urrainn dhomh dad ràdh ach tha mi an dòchas gun gabhaidh sibh mo leisgeul san àm ri teachd.”
“Tha an t-aithreachas orm gun tuirt mi sin.”
Tha am pàrtaidh aige a-nis a’ beachdachadh air na bhios iad a’ dèanamh.
Tha breitheamh feadarail anns na Stàitean Aonaichte ag ràdh gum bu chòir dhan Westboro Baptist Church agus na h-oifisean aig Phelps-chartered Law a bhith air an toirt air falbh bhon luchd-seilbh aca gus càin de $5m a phàigheadh.
Tha an eaglais stèidhichte ann an Topeka, Kansas agus tha iad air tòrr làraichean-lìn a chruthachadh a leithid GodHatesFags.com agus GodHatesAmerica.com a tha a’ dìteadh daoine LCDT, Muslamaich, Iùdhaich agus Caitligich Romanach.
Chaidh an càin a chur orra air sgàth ’s gu bheil iad a’ picketeadh tìodhlachaidhean saighdearan Ameireaganach air sgàth ’s gu bheil iad dhen bheachd gu bheil na saighdearan a’ bàsachadh air sgàth ’s gu bheil Ameireaga a’ toirt taic ris a’ choimhearsnachd LCDT agus gu bheil Dia mì-thoilichte.
Tha an co-dhùnadh seo a’ ciallachadh gum tèid an eaglais fhèin agus na h-oifisean aig Phelps-chartered Law a bhith gan toirt air falbh bhon t-Urr. Fred Phelps agus an teaghlach aige a tha nan ceannardan na h-eaglais.
Chaidh bacadh a chur air làrach-lìn, a tha a’ toirt seachad seirbheis gus companaich flat a lorg, le cùirt anns na Stàitean Aonaichte air sgàth ’s gun robh an làrach-lìn a’ cur ceistean air na buill mu dheidhinn an gnèitheachd aca.
Chaidh Roommates.com a chàineadh le Comhairle an Taigheadas Cothromach (Fair Housing Council) ann an Gleann San Fernando agus ann an San Francisco air sgàth ’s gun robh e riantanach airson buill a bhith ag ràdh nan robh iad co-sheòrsach.
“Cha robh Roommates.com dìreach a’ faighneachd do bhuill an gnèitheachd aca ach bha na seirbheisean a bha iad a’ tabhann an crochadh air freagairtean nam buill,” arsa Breitheamh Alex Kozinski.
Chaidh lìon-sòisealta ùr do phàrantan LCDT a chruthachadh le càraid co-sheòrsach gus taic a thoirt ri càraidean LCDT eile a tha airson leanabh uchd-mhacachadh.
‘S e an New Social Family an t-ainm a th’ air agus chaidh ga chruthachadh le Andy May gus cothrom a thoirt ri pàrantan LCDT air feadh Bhreatainn a bhith a’ conaltradh le chèile.
Tha 60 teaghlaichean LCDT clàraichte air an làrach-lìn mar thà. Tha ballrachd anns an làrach-lìn saor an-asgaidh agus tha bòrd-brath prìobhaideach ann far a bheil buill comasach air bruidhinn ri chèile.
“Bha mi fhìn agus mo chompanach a’ cleachdadh Adoption UK airson bruidhinn ri daoine eile a tha a’ dol tron t-siostam uchd-mhacachaidh”, ars Mgr May.
“Bha sinn a’ faireachdainn gum bu chòir do taic a bhith ann airson daoine LCDT a tha airson leanabh uchd-mhacachadh agus smaoinich sinn air làrach-lìn prìobhaideach a thòiseachadh.”
Tha am buidheann gu mòr airson uchd-mhacachadh LCDT a bhrosnachadh agus tha iad ag ràdh gu bheil dà bhuannachd aca.
“An toiseach tha àite ann far am urrainn do dhaoine bhruidhinn ri chèile.”
“Anns an dàrna àite tha am buidheann math airson cothrom a thoirt ris na uchd-leanabhan fhèin a bhith a’ bruidhinn ri clann eile aig a bheil pàrantan LCDT.”
Ma tha sibh airson a’ gabhail anns an lìon-sòisealta, putaibh an seo http://www.newfamilysocial.co.uk/
Thèid coinneamh a chumail an seachdain seo gus deasbad a dhèanamh air fèis-pròise a chumail ann an Cardiff.
Thathar an dòchas gum bi an fhèis seo a’ tachairt an àite Mardi Gras a chaidh a chur dheth am-bliadhna air sgàth ’s trioblaidean ionmhais
Bidh fàilte mhòr air taighean-seinnse, clubaichean, gnìomhaichean LCDTE, buidhnean LCDTE agus a’ choimhearsnachd LCDTE san fharsaingeachd a tha airson tighinn ris a’ choinneamh ann an Talla a’ Bhaile Diciadain 9mh den Ghiblean 7.30f.
Thèid barrachd fiosrachadh mu dheidhinn an fhèis fhoillseachadh air an làrach-lìn http://www.pridecardiff.org/ a dh’aithghearr.
Chaidh aithisg fhoillseachadh leis an Ionad airson Smachd a chumail air Tinneasan (an CDC) a tha a’ sealltainn gu bheil cùisean HIV air àrdachadh le 48% anns na Stàitean Aonaichte eadar 2005-2006.
Tha na figearan a’ sealltainn gun robh 35,537 cùisean HIV ann an 2005 ach bha seo air àrdachadh gu 52,878 cùisean ann an 2006.
Chuir an CDC luach de $600,000 (£302,000) air leigheas HIV fad beatha aon duine a’ ciallachadh gum feum iad $36 billean a chosg air leigheasan fad beathannan nan daoine seo.
“‘S e mòr chreach a th’ ann,” arsa Michael Weinstein, Ceann-suidhe Stèidheachd Cùram-slàinte AIDS.
“Dh’iarr sinn air a’ ChDC na figearan seo a chur thugainn san t-Samhain gus am biodh an Riaghaltas comasach air seo a thoirt a-steach ris a’ bhuidsead ùr ach thuirt iad nach robh iad deiseil.”
“A-nis tha na figearan seo agus seasamh a’ ChDC a’ sealltainn nach biodh na Stàitean Aonaichte comasach air an galar sgaoilte seo fhreagairt.”
Tha Medhi Kazemi air tilleadh ris an Rìoghachd Aonaichte.
Tha Mgr Kazemi air a bhith a’ fuireach ann an ionad-sàis anns na Tìrean Ìsle an dèidh tèarmann poileataigeach sireadh air sgàth ’s gun robh an Rìoghachd Aonaichte a’ dol ga chur air ais gu Ioràn far am biodh a bheatha ann an cunnart air sgàth ’s gu bheil e co-sheòrsach.
Tha Mgr Kazemi a-nis a’ fuireach leis uncail fhad ’s tha Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte a’ dèanamh ath-sgrùdadh air an tagradh aige airson tèarmann poileataigeach.
Chaidh rannsachadh a thòiseachadh air sgàth ’s gun do rinn maighstir lagha ceangal eadar daoine co-sheòrsach agus paedophiles air prògram aithriseach anns a’ Chuimrigh.
Bha Mgr Byron Butler a’ bruidhinn air am prògram aithriseach Week In Week Out air BBC Wales nuair a thuirt e:
“Tha mi a’ smaointinn gu bheil a’ mhòr-chuid dhen a’ phoblach a’ smaointinn gum bi iad a’ gabhail gnothach ri daoine òga ’s mar sin air adhart agus tha seo air a bhith fìor ann an eachdraidh.”
Thuirt Ian ‘H’ Watkins, neach-taisbeanaidh a’ phrògram, a tha co-sheòrsach:
“Chuir na barailean aige mòr-iongnadh orm gu h-àraidh nuair a dh’ionnsaich mi gur e maighstir lagha a th’ ann.”
“Chan urrainn dhomh creidsinn gu bheil e comasach air co-dhùnaidhean cothromach gun leth-bhreith a dhèanamh nuair a tha e dhen bheachd gur e daoine co-sheòrsach nan paedophiles.”
Tha fianais ùr air nochdadh gun do rinn boireannach tar-ghnèitheach gearan mus do chur à dhì fèin gun robh prìosanaich eile ga burraidheachd air sgàth ’s an gnè aice.
Bha Lisa Woodhall air a dìteadh gu 4 bliadhna ann am prìosan air sgàth ’s gun tug i ionnsaigh air seann chompanach a’ charbhaidh aice.
Chaidh Woodhall fo obair lannsa ann an 2004 gus a gnè atharrachadh.
Chaidh a corp ga lorg anns a’ chealla phrìosain aice le luchd-obrach a’ phrìosain 26mh An Dàmhair 2006 còmhla ri litir anns a sgrìobh i:
_“I grow tired of this war.”
“Perhaps death is the only way out. I expect no heaven only hell.”
“Perhaps I’m not dying by my own hand.”
“I’m murdered by ignorance and lack of appropriate care and help.”
“A secure psychiatric hospital may have offered treatment, yet I suspect this option was never looked at. I’m too logical?”
“Goodbye world and goodbye to those not involved in the plot against me.”
Chaidh rannsachadh a dhèanamh gus fhaighinn a-mach ciamar a fhuair i bàs. Dh’ionnsaich iad gun deach Woodhall air ainmeachadh “transvestite” leis na prìosanaich eile ged a bha i air a gnè atharrachadh gu h-oifigeil agus gun robh i a’ bruidhinn ri doctair inntinn.
Tha còrr ’s 115 buidhnean còirichean daonna air cuideam a chur air an Èipheit air sgàth casaidean HIV.
Tha na buidhnean seo a’ toirt a-steach Human Rights Watch agus Amnesty International agus tha iad sgapte air feadh 41 dùthchannan.
Ann an litir ri Ministrealachd na Slàinte agus Comann Iomairt nan Doctairean Èipheiteach, na doctairean a tha a’ cruaidh-cheasnachadh fìr fo chasaid HIV/AIDS, thuirt na buidhnean gu bheil na doctairean a’ dol an aghaidh na modhan slàinteach aca.
Tha còignear ann an Cairo gu bhith ann an cùirt Diciadain air sgàth ’s “police crackdown” air daoine le HIV/AIDS.
Chaidh dà dhuine dheug a chur an greim mar thà agus chaidh ceathrar a dhìteadh gu bliadhna ann am prìosan.
A-rèir Prògram nan Còirichean Daonna agus Slàinte a tha na phàirt de Iomairt Èipheiteach airson Còirichean Pearsanta (EIPR) fhuair am poileas fiosrachach bho cruaidh-cheasnachaidhean de phrìosanaich eile mu dheidhinn na daoine seo agus fhuair na daoine seo deuchainnean HIV gun a bhith a’ toirt cead ris na doctairean. Cuideachd thuirt iad nan robh na deuchainnean seo a’ sealltainn gun robh cuideigin HIV+ chaidh iad gan cuibhreachadh ri leabaidh anns an ospadal.
Thog am poileas casaid gan aghaidh airson “habitual practice of debauchery” a tha a’ toirt a-steach feise co-sheòrsach.
Thuirt Malcolm Smart, na stiùiriche Amnesty International anns an Ear-mheadhan agus Afraga a Tuath:
“Tha e neo-thaitneach gu bheil doctairean a’ dèanamh deuchainnean HIV gun cead neo a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air daoine gus casaidean mì-laghail dearbhadh.”
“Tha doctairean a tha a’ dèanamh seo a’ dol an aghaidh na dleastanasan bunaiteach aca.”
Thuirt Joe Amon, na stiùiriche a’ phrògram HIV/AIDS aig Human Rights Watch:
“Bu chòir do doctairean prìomhachas a dhèanamh air na euslàintich aca an àite a bhith a’ gabhail pàirt ann an “witch-hunt” air stiùireadh le lethbhreith.
“A-nis tha còrr ’s 100 buidhnean a’ cur an cuimhne nan doctairean an dleastanas aca a bhith a’ toirt spèis do uaigneas, neo-eisimeileach agus cead nan euslàintich.”
Airson an litir a sgrìobh na buidhnean còirichean daonna fhaicinn, putaich an seo.