Tha Eminem (Marshall Bruce Mathers III) gu bhith a’ riochdachadh Sir Elton John ann am film ùr mu dheidhinn beatha an seinneadair co-sheòrsach.
Tha Eminem air tòrr caithream fhaighinn bhon dà fhilm a rinn e mar thà, Da Hip Hop Witch agus 8 Mile, a chaidh a stèidheachadh air a bheatha aige fhèin.
Tha Eminem gu math ainmeil anns a’ choimhearsnachd LGDTC air sgàth ’s gu bheil cuid dhe na h-òrain aige a’ toirt ionnsaigh air, ach ann an 2001 sheinn e aig na Grammys còmhla ri Elton John gus sealltainn nach robh gràin aige air.
Thuirt Eminem ged a tha e uabhasach toilichte gu bheil e an sas anns an fhilm cha bhiodh e deònach air seallaidhean co-sheòrsach a dhèanamh.
Fàg freagairt