Coimhearsnachd eadar-nàiseanta a’ cur cuideam air an Èipheit air sgàth casaidean HIV/AIDS

Tha còrr ’s 115 buidhnean còirichean daonna air cuideam a chur air an Èipheit air sgàth casaidean HIV.

Tha na buidhnean seo a’ toirt a-steach Human Rights Watch agus Amnesty International agus tha iad sgapte air feadh 41 dùthchannan.

Ann an litir ri Ministrealachd na Slàinte agus Comann Iomairt nan Doctairean Èipheiteach, na doctairean a tha a’ cruaidh-cheasnachadh fìr fo chasaid HIV/AIDS, thuirt na buidhnean gu bheil na doctairean a’ dol an aghaidh na modhan slàinteach aca.

Tha còignear ann an Cairo gu bhith ann an cùirt Diciadain air sgàth ’s “police crackdown” air daoine le HIV/AIDS.

Chaidh dà dhuine dheug a chur an greim mar thà agus chaidh ceathrar a dhìteadh gu bliadhna ann am prìosan.

A-rèir Prògram nan Còirichean Daonna agus Slàinte a tha na phàirt de Iomairt Èipheiteach airson Còirichean Pearsanta (EIPR) fhuair am poileas fiosrachach bho cruaidh-cheasnachaidhean de phrìosanaich eile mu dheidhinn na daoine seo agus fhuair na daoine seo deuchainnean HIV gun a bhith a’ toirt cead ris na doctairean. Cuideachd thuirt iad nan robh na deuchainnean seo a’ sealltainn gun robh cuideigin HIV+ chaidh iad gan cuibhreachadh ri leabaidh anns an ospadal.

Thog am poileas casaid gan aghaidh airson “habitual practice of debauchery” a tha a’ toirt a-steach feise co-sheòrsach.

Thuirt Malcolm Smart, na stiùiriche Amnesty International anns an Ear-mheadhan agus Afraga a Tuath:

“Tha e neo-thaitneach gu bheil doctairean a’ dèanamh deuchainnean HIV gun cead neo a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air daoine gus casaidean mì-laghail dearbhadh.”

“Tha doctairean a tha a’ dèanamh seo a’ dol an aghaidh na dleastanasan bunaiteach aca.”

Thuirt Joe Amon, na stiùiriche a’ phrògram HIV/AIDS aig Human Rights Watch:

“Bu chòir do doctairean prìomhachas a dhèanamh air na euslàintich aca an àite a bhith a’ gabhail pàirt ann an “witch-hunt” air stiùireadh le lethbhreith.

“A-nis tha còrr ’s 100 buidhnean a’ cur an cuimhne nan doctairean an dleastanas aca a bhith a’ toirt spèis do uaigneas, neo-eisimeileach agus cead nan euslàintich.”

Airson an litir a sgrìobh na buidhnean còirichean daonna fhaicinn, putaich an seo.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.