Taghadh a’ toirt dòchas do dhaoine co-sheòrsach ann an Sìombabue

Tha daoine co-sheòrsach ann an Sìombabue an dòchas gum bi smachd Robert Mugabe a’ tighinn gu crìoch an seachdain seo.

Tha Mugabe, 84, air a bhith a’ dèanamh geur-leanmhainn air a’ choimhearsnachd LCDT fad còrr ’s 25 bliadhna.

Tha e ainmeil airson ag ràdh gu bheil daoine co-sheòrsach nas miosa na mucan agus coin agus tha e air luchd-eaglaise bhagairt air sgàth ’s gun robh iad a’ toirt taic ri iomairtean LCDT a leithid le companasan-catharra. Tha e fiù ’s mì-laghail làmh cuideigin dhen aon ghnè a chumail.

Dhùin na h-ionadan-bhòtaidh feasgar Disathairne ach cha deach na toraidhean fhoillseachadh fhathast.

Tha dragh air a’ choimhearsnachd eadar-nàiseanta a thaobh an dàil seo.

Thuirt Gordon Brown, Prìomhaire an Rìoghachd Aonaichte:

“Bidh sùilean an t-saoghal air Sìombabue anns na làithean a tha romhainn agus tha mi a’ smaointinn gu bheil e gu math cudromach gum bi taghadh saor aca, gum bi na toraidhean a’ tighinn a-mach agus gum bi iad a’ tighinn a-mach gu luath.”

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.