Thathar an dùil gun tèid Leo Varadkar, 38 a thaghadh mar ceannard am pàrtaidh poilitigeach Fine Gael.
Thèid an taghadh mu dheireadh a chumail a-màireach (2na An t-Òg-mhios 2017), ach an-dràsta thathar an dùil gum bidh 46 a-mach às na 73 neach-lagha sa phartaidh a’ bhòtadh air a shon.
Ma tha e soirbheachail bidh e air ainmeachadh mar ceannard am pàrtaidh agus mar sin bidh e na chiad Prìomhaire co-sheòrsach agus am fear nas òige ann an eachdraidh na dùthaich.
Nochd an sgeulachd seo air a’ BhBC an-diugh:-
Chaidh iarraidh air luchd-labhairt na Gàidhlig cuideachadh gus liosta de dh’fhaclan agus briathrachas LGBTI a chruthachadh sa chànan.
Tha an iomairt ga cur air chois leis a’ bhuidhinn Lìonra Co-ionnannachd, mar phàirt den obair àbhaistich aca, agus an dèidh thachartasan a chaidh a chumail sna h-Eileanan Siar o chionn ghoirid.
Chaidh iarraidh air colaiste Gàidhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, agus Oilthigh Dhùn Èideann taic a thoirt gus am beag-fhaclair a leasachadh.
Ach, thathas cuideachd a’ sireadh bheachdan bho luchd-labhairt sa bheatha phoblaich.
Aig a’ cheann thall, dh’fhaodadh gun deadh am beag-fhaclair fhoillseachadh mar ghoireas air-loidhne.
Thuirt Scott Cuthbertson, manaidsear leasachaidh aig Lìonra Co-ionannachd, gu bheil briathrachas LGBTI “ag atharrachadh gu luath”.
Thuirt e: “Tha faclan non-binary, trans agus intersex gu math ùr fiù ’s sa Bheurla.
“Tha sinn air fiosrachadh fhoillseachadh sa Ghàidhlig roimhe, leithid na h-iomairt mu deireadh a bh’ againn air eucoir gràin, ach chan eil an-còmhnaidh aonta ann mu ciamar a bu chòir na faclan a bhith air an eadar-theangachadh gu Gàidhlig.”
Thuirt e cuideachd: “B’ e aon de na cùisean a nochd sna h-Eileanan Siar gu bheil feum againne air tuilleadh conaltraidh a dhèanamh ris na coimhearsnachdan Gàidhlig.
“Mar sin, tha sinn airson beag-fhaclair a leasachadh, agus airson obrachadh cuide ri luchd-labhairt na Gàidhlig gus sin a dhèanamh.”
Tha Dr. Emily McEwan air post inntinneach a sgrìobhadh air a’ blog aice: Gaelic Revitalization: The Gaelic for Gay.
Tha ceannard Eaglais Chaitligeach na h-Alba air iarraidh gun tèid bhòt a chumail ann an Alba a thaobh pòsadh càraidean aon-sheòrsach.
Thuirt Càirdineal Keith O’Brien: “Tha e soilleir ma bhios e ciallach gus bhòt a chumail a thaobh neo-eisimeileachd, bidh e deatamach gun tèid bhòt a chumail a thaobh pòsadh gus an tig an dùthaich ri co-dhùnadh mun a’ chùis seo. Thoir e cothrom do dhaoine aig a bheil beachd air a chùis seo a bhith a’ cur earbsa ann am muinntir na h-Alba gus co-dhùnadh a dhèanamh.”
Tha an Eaglais Chaitligeach air ràdh gun cosgaidh iad £100,000 a bharrachd air an iomairt an-aghaidh pòsadh càraidean co-sheòrsach. Tha seo a bharrachd air an £50,000 a tha iad air a chosg gu ruige seo.
A-rèir cunntas-bheachd a rinn Stonewall Scotland o chionn goirid bidh 2/3 de dhaoine ann an Alba toilichte gu leòr airson càraidean aon-sheòrsach a phòsadh.
Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a’ dèanamh deasbad mun a’ chùis o chionn ghoirid agus tha dùil ri co-dhùnadh ro deireadh na mìos.
Chaidh laghan ùra a chur an gnìomh ann an Èirinn Disathairne gus companasan-catharra a dhèanamh laghail anns an dùthaich.
A dh’aindeoin seo tha cuid anns a’ choimhearsnachd LCDT Èireannach air an achd a chàineadh air sgàth ’s gum feumar gach càraid tagradh a chur a-steach co-dhiù trì mìos ro-làimh ma bhios iad airson cead fhaighinn bhon Riaghaltas agus air sgàth ’s nach eil an achd a’ toirt còirichean co-ionann do phàrantan co-sheòrsach.
Tha am buidheann LGBT Noise a’ càineadh an achd ùr air sgàth ’s nach eil e a’ toirt cead pòsaidh do chàraidean aon-sheòrsach.
Thuirt neach-labhairt a’ bhuidhinn ris an Irish Times:
“Bidh pàrantan a’ pàigheadh cìsean mar càraid ach cha bhi còraichean pàrant aca mar càraid. Tha Noise a’ creidsinn nan robh a h-uile buannachd a th’ aig pòsadh ri fhaotainn le companasan-catharra gur e leth-bhreith a bhiodh ann fhathast air sgàth ’s gum biodh siostam fa leth ann do mhuinntir a’ choimhearsnachd LCDT.”
Thathar an dùil gun tèid na ciad companasan-catharra a chumail sa Ghiblean air sgàth ’s gum feumar cead fhaighinn trì mìosan ro-làimh ach faodar cead fhaighinn ro sin ma bhios tu a’ faighinn saoradh bhon a’ chùirt mar thoradh adhbharan slàinte m.s.a.a.
Bidh an achd ùr ag aithneachadh companasan-catharra bho 27 dùthchannan eile a’ toirt a-steach An Rìoghachd Aonaichte agus Canada ach cha bhi e ag aithneachadh pòsaidhean aon-sheòrsach à dùthchannan far a bheil iad ceadaichte.
Tha sgoilearan aig Sgoil Bhedales, faisg air Petersfield air iomairt a chur air bhonn gus sabaid a’ dèanamh air gràin air deugairean co-sheòrsach.
Chaidh an iomairt GRIN (Global Respect in Education) a stèidheachadh le Claudia White, 17, as dèidh dhi leughadh mu dheidhinn deugairean co-sheòrsach a chur às dhaibh fhèin.
Chaidh an làrach-lìn aca stèidheachadh o chionn dà mhìos le postair de Patrick Lindsay, a tha na sgoilear aig an sgoil, air a bheil am facal ‘Respect’ sgrìobte ann an dathan na bogha-froise air a’ ghruaidh aige. ‘On uair sin, tha 33 duine eile air nochdadh air an làrach-lìn.
A-nis tha na sgoilearan airson airgead a thogail airson an iomairt ann am Brighton Diardaoin 6mh Am Faoilleach agus tha iad an dùil gum bi muinntir a’ phoblach deònach a bhith a’ nochdadh ann an postairean ùra airson an làrach-lìn.
Bu toigh leotha co-dhiù £10 bho gach duine a bhios deònach gu leòr a bhith a’ nochdadh ann am postair le ‘Respect’ sgrìobhte air na gruaidhean aca.
A bharrachd air an làrach-lìn aca fhèin tha GRIN cuideachd a’ sireadh taic bho daoine air Twitter agus Facebook.
Chaidh iomairt a chur an sàs air Facebook gus a’ chiad ceann-suidhe co-sheòrsach a thaghadh ann an Èirinn.
Thathar an dùil gun tèid David Norris a thaghadh na Ceann-suidhe na h-Èirinn anns an Taghadh 2011.
Thuirt Norris gur e iomairt Facebook le ballrachd de còrr ’s 1000 daoine a bhrosnaich e a bhith a’ ruith.
“Tha mi dhen bheachd gu bheil e uabhasach cudromach a bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr. Bha e na chuideachadh ri Ceann-suidhe Obama.”
Tha Norris, a tha fosgailte mun ghnèitheachd aige, cuideachd air ràdh nach eil e an dùil gum biodh e na thrioblaid anns na Sgìrean Chaitligeach san dùthaich gu bheil e co-sheòrsach.
Tha am pàipear-naidheachd Ugandach Rolling Stone air liosta de dhaoine co-sheòrsach san dùthaich agus na dealbhan aca fhoillseachadh.
Chaidh am pàipear fhoillseachadh le ceann-naidheachd air a’ phrìomh-dhuilleag a leughas gum bu chòir dhan a bhith gan crochadh.
A-rèir an t-artaigil, bha na daoine a chaidh an ainmeachadh san liosta a’ feuchainn ri “buaidh a thoirt air millean clann”.
Thuirt Giles Muhame, a tha na neach-deasachaidh a’ phàipear, gum biodh an liosta na chuideachadh ris an h-ùghdarrasan a tha airson daoine co-sheòrsach agus leasbaich an cur an grèim.
Tha Julian Onziema, an tha na neach-iomairt airson còirichean daonna, air ràdh gun deach iomairt a thoirt air co-dhiù ceathrar on a chaidh an liosta fhoillseachadh.
Tha aonadh teagaisg Èireannach air ràdh gu bheil laghanan co-ionannachd a’ toirt cead do sgoiltean cràbhach a bhith a’ dèanamh leth-bhreith air tidsearan co-sheòrsach.
Tha INTO (Irish National Teacher’s Organisation) ag ràdh gu bheil an Employment Equality Act a’ toirt cead ri sgoiltean a chur tidsearan à dhreuchd air sgàth ’s gu bheil an dòigh-beatha aca a’ dol an aghaidh poileasaidh cràbhach nan sgoiltean.
A-rèir Earrann 37 dhen achd faodaidh sgoiltean gnìomh a thoirt gus “bacadh a chur air neach-obrach sam bith a tha a’ lagachadh inbhe creideamh an t-ionad-obrach.”
Tha bòrd stiùiridh INTO a-nis air bhòtadh gus iarraidh airson Earrann 37 a bhith sguabadh às.
Thathar gu bhith a’ deasbad Bile Companasan-catharra anns an House of Keys a-màireach.
Ma bhios e soirbheachail thèid còirichean co-ionann a thoirt do chàraidean co-sheòrsach agus leasbach ’s a th’ aig càraidean phòsta.
Thuirt Allan Bell, Minister an Ionmhais, gu bheilear an dùil gum biodh am bile ag atharrachadh na beachdan a th’ aig a’ mhòr-shluaigh air an eilean.
A-rèir a’ BhBC thuirt e: “Tha mi a’ smaointinn gu bheil coimhearsnachd againn air an Eilean Mhanainn a tha nas fosgailte agus nas tuigsinniche a-nis. Tha a’ mhòr-chuid a’ gabhail ri càirdeasan co-sheòrsach a-nis.”
“Tha na h-atharrachaidhean eile a tha sinn air cur an gnìomh, a thaobh a’ chùis co-sheòrsach, air toirt an Eilean Mhanainn ris an aon ìre ’s a tha an Rìoghachd Aonaichte agus ma dh’fhaoite an còrr den t-Aonadh Eòrpach.”
Bha co-sheòrsachd mì-laghail air an eilean suas gu 1992 agus chaidh an t-aois-aontachaidh a dhèanamh co-ionann ann an 2006.
An-dràsta thathar cha mhòr ach ag aithneachadh companasan-catharra às an Rìoghachd Aonaichte.
Tha daoine LCDT air a bhith a’ caismeachd air sràidean Chalifornia agus iad a’ togail casaid as dèidh buaidhe Proposition 8.
Tha na caismeachdan air a bhith sìtheil ged a bha iad deònach agus gun chead.
‘S e daoine àbhaisteach a tha gan cur air chois tro làraichean-lìn a leithid Facebook.
Bha iad a’ caismeachd anns an dà chuid bailtean beaga agus bailtean mòra agus bha 20,000 daoine an sàs uile gu lèir.
Ann an Los Angeles, bha Teampall nam Mormonaich agus a’ Chathair-eaglais Chaitligeach cinn-siubhail nan caismeachdan.
Cuideachd aig deireadh na seachdaine, thuirt an Riaghladair Arnold Schwarzenegger gun robh e mì-fhortanach gun do bhuaidh Proposition 8, agus gun robh e dòchasach gum bi Àrd-Chuirt California ga cur às. Chuir Schwarzenegger fhèin bheto air pòsadh aon-sheòrsach nuair a bhòt Assembly na Stàite air a shon.
Anns an LA Times an-diugh, tha leasbach dhubh a’ mìneachadh carson nach do chuir i taic làidir do “No on 8”: http://www.latimes.com/news/opinion/la-oe-cannick8-2008nov08,0,3295255.story. Bhòt 2/3 na daoine dubha airson Proposition 8.
Thathar an dùil gun tèid cead a thoirt do leasbaich Albannach IVF a shireadh bho Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.
Thathar an dùil gum mòl buidheann comhairle an Riaghaltais gum bu chòir do cead a bhith aig leasbaich a bhith a’ cleachdadh seirbheisean IVF air an SNS.
Tha Caroline Harris agus Julie McMullen air a bhith a’ strì an-aghaidh SNS Ghlaschu am-bliadhna airson cead a bhith a’ cleachdadh na seirbheisean IVF aca.
Thuirt SNS Ghlaschu gur ann airson càraidean neo-thorrach a bha na seirbheisean IVF agus nach robh càraid leasbach a’ co-fhreagairt am mìneachadh seo.
Thuirt an càraid gum biodh iad a’ toirt an urras dhan lagh air sgàth ’s gun robh an urras a’ dèanamh leth-bhreith orra agus thug seo air an urras an riaghailt atharrachadh.
An-dràsta tha càraidean leasbach comasach air seirbheisean IVF a’ cleachdadh ann an ospadalan aig SNS na Crìochan, SNS a’ Ghàidhealtachd agus a-nis SNS Ghlaschu ach tha SNS ag ràdh gum faodar seo leasachadh.
Thuirt neach-labhairt an Riaghaltais ris The Times:
“Chan eil riaghailtean an latha an-diugh a’ cur casg air càraidean aon-sheòrsach agus tha fios againn nach eil cuid dhe na bùird SNS a’ tabhann seirbheisean IVF do càraidean aon-sheòrsach… Tha sinn a’ tuigsinn nach eil seo cunbhalach air feadh na h-Alba agus iarraidh sinn air a’ bhuidheann comhairle a’ chùis seo a bheachdachadh.”