Riaghaltas na h-Alba airson laghan a thaobh dearbh-aithne ghnèitheach ath-leasachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gum bi iad a’ dol air adhart le planaichean gus laghan a thaobh dearbh-aithne ghnèitheach ath-leasachadh as dèidh gun do chur Riaghaltas Bhreatainn dàil air na planaichean acasan.

Dh’ainmich Justine Greening, Rùnaire an Fhoghlaim agus Ministear nam Ban, anns an t-Iuchar 2017 gum bidh Riaghaltas Bhreatainn ath-leasachadh an lagh a thaobh dearbh-aithne ghnèitheach.

Ach anns an Dùbhlachd sgrìobh The Sunday Times gum bidh Riaghaltas Bhreatainn a’ cur dàil air na planaichean aca air sgàth ’s gur e cùis “iomadh-fhillte” agus “co-roinnteach” a th’ ann.

Ach tha Riaghaltas na h-Alba a-nis ag ràdh gum bidh iadsan a’ dol air adhart leis an ath-leasachadh agus tha iad air co-chomhairle a chur air bhog a’ sireadh molaidhean airson atharrachaidhean dhan Gender Recognition Act 2004.

Thig a’ co-chomhairle gu crìoch 1 Màrt 2018.

Thuirt BP Angela Crawley ri Pink News: “Tha 2018 gu bhith na bhliadhna cudromach a thaobh co-ionannachd LCDTE ann an Alba.”

“Leis an ath-leasachadh a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh bidh Alba na ceannabhaidh air feadh an t-saoghal a thaobh co-ionannachd tar-ghnèitheach le bhith ga dhèanamh nas sìmplidh agus nas cùramaiche airson daoine tar-ghnèitheach a bhith a’ faighinn aithneachadh laghail dhen dearbh-aithne gnèitheach aca agus airson daoine tar-ghnèitheach a bhith air an aithneachadh airson a’ chiad turas anns an Rìoghachd Aonaichte.”

Read more