• Easbaig a’ càineadh a’ choimhearsnachd LCDTE

    Tha Easbaig Caitligeach a’ tagradh gu bheil daoine co-sheòrsach a’ dèanamh co-fheall an aghaidh dualchas Crìosdaidheachd.

    Ann an òraid aig Oilthigh Ghlaschu thuirt Easbaig Joseph Devine gun do ghabh a’ choimhearsnachd LCDTE ris na mion-bhuidhnean, a leithid daoine a thàrr às an Holocaust, airson co-fhaireachdainn a chruthachadh.

    Chaidh an òraid a chàineadh le buidhnean LCDTE agus buidhnean airson daoine a thàrr às an Holocaust.

    Thuirt Devine gur e co-fheall ana-mhòr agus eagraichte a th’ ann, nach d’thug a’ choimhearsnachd Caitligeach àire air.

    Thuirt Calum Irving, àrd-oifigear Stonewall Scotland, buidheann a tha a’ brosnachadh co-ionannachd agus ceartas airson daoine LCDTE, gu bheil na barailean aig Devine mealltach agus tàmailteach.

    Thuirt e: “Is e aon rud a bhith a’ toirt ionnsaigh air, mar gum biodh, an gay lobby ach ’s e rud eile a th’ ann a bhios ag ràdh nach eil àite ann airson daoine co-sheòrsach a-measg nan daoine a thàrr às an Holocaust.”

    “Gu fortanach, tha a’ mhòr-chuid ann an Alba agus tòrr Crìosdaidhean airson co-ionannachd, urram agus spèis a bhrosnachadh agus tha iad an aghaidh an sealladh dorch sgaiteachail a tha aig Devine.”

  • Carthannas ag iarraidh banachdaich HPV airson balaich

    Tha an carthannas fiaclach as motha anns an Rìoghachd Aonaichte airson balaich a thoirt a-steach dhan phrògram a bhios a’ toirt a-mach banachdaich an-aghaidh an tinneas feise HPV (Human papillomavirus) gus bacadh a chur air aillse beòil.

    Tha a’ BhDHF (British Dental Health Foundation) ag ràdh gu bheil iad airson a’ phrògram seo mheudachadh air sgàth ’s aithisg a thàinig a-mach às na Stàitean Aonaichte a’ sealltainn gu bheil 46,000 cùisean ùra air nochdadh.

    A-rèir na figearan tha an àireamh de cùisean marbhtach air àrdachadh le trian anns na trithead bliadhna mu dheireadh agus tha iad a-nis aig an ìre as àirde ’s a bha iad riamh.

    Tha Bòrd na Slàinte air aontachadh mar thà ri banachdaich a thoirt a-mach gu nigheannan eadar 12-13 bliadhna a dh’aois a’ tòiseachadh san t-Sultain ‘08 gus bacadh a chur air aillse cervical a tha air adhbharachadh le HPV.

    Thuirt Dr Nigel Carter, àrd-oifigear an stèidheachd:

    “Tha e ionmholta gu bheil an Riaghaltas a’ dèanamh ceumannan cho math airson an àireamh de chùisean aillse cervical ìsleachadh ach air sgàth ’s gu bheil aillse beòil air adhbharachadh le HPV a’ marbhadh barrachd daoine ’s a tha aillse cervical agus aillse testicular le chèile, tha e soilleir gu bheil an tinneas seo feumach air freagairt.”

    “Le bhith a’ leasachadh a’ phrògram HPV gus balaich a thoirt a-steach, bhiodh an Riaghaltas comasach air an àireamh de chùisean marbhtach ìsleachadh ann an dòigh sìmplidh, ceart agus èifeachdach.”

    “Air sgàth ’s gu bheil òigridh san latha an-diugh a’ fàs nas eòlaiche a-thaobh feise, cha bhi an trioblaid seo a’ dol air falbh.”

    Thèid duine a mharbhadh a h-uile còig uairean air sgàth ’s aillse beòil agus tha e nas cumanta a-measg fireannaich na tha a-measg boireannaich.

  • Buidheann LCDT Grèigeach air beàrn a lorg ann an laghan pòsaidh

    Tha buidheann LCDT anns a’ Ghrèig, an OLKE, a’ bagairt ùghdarrasan ionadail a thoirt gu lagh air sgàth ’s nach eil iad deònach càraidean co-sheòrsach a phòsadh ged a lagan pòsaidh a’ mìneachadh pòsadh mar aonadh eadar daoine an àite duine agus bean.

    Tha OLKE airson am beàrn seo a chur gu feum gus pòsaidhean aon-sheòrsach a chumail.

    Bidh Riaghaltas na Grèige a’ toirt còirichean ùra gu càraidean nach eil pòsta a dh’aithghearr ach chan eil e cinnteach ma bhios na coirichean seo a’ toirt a-steach càraidean co-sheòrsach.

    Thuirt neach-labhairt airson OLKE:

    “Mura faigh sinn cead bho na h-ùghdarrasan ionadail, bidh sinn gan toirt ri lagh.”

    “Cha bu chòir bacadh a bhith oirnn.”

    “Tha an lagh a’ toirt iomradh air “daoine” an àite “duine agus bean”. ‘S mar sin bidh sinn a’ dol air adhart mar nach eil bacadh oirnn.”

    Ged a tha a’ Ghrèig na ball anns a t-Aonadh Eòrpach, chan eil a’ choimhearsnachd LCDT a’ faighinn a’ mhòr-chuid dhe na còirichean ’s a bhios iad anns na stàitean Eòrpach eile, mar eisimpleir aois aontaidh co-ionannachd.

Roinnean-seòrsa