Cuairt-litir #129

19 An t-Sultain 2025

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Nigel Farage

Tha Nigel Farage, a tha air dà sgaradh-pòsaidh fhaighinn, air ràdh gur ann eadar fear agus bean a tha an dàimh as seasmhaiche. Bha Farage a’ cumail co-labhairt naidheachd ag ainmeachadh gu bheil Danny Kruger air gluasadh gu Reform UK nuair a chaidh a fhaighneachd air nan robh e ag aontachadh le beachd Kruger gur e pòsadh eile-sheòrsach bun-stèidh sòisealtas sàbhailte agus soirbheachail. Chaidh Farage a chàineadh leis a’ BhP Làbarach, Nadia Whittome, a thuirt gun robh e ri gràin co-sheòrsachd, agus gum biodh còraichean na coimhearsnachd LGBT+ ann an cunnart fo riaghaltas Reform.

Stiùireadh an EHRC

Tha seann cho-cheannard nan Uaineach, Carla Denyer, air ìmpidh a chur air an riaghaltas leigeil le buill-phàrlamaid stiùireadh ur an EHRC air àiteachan aon-sheòrsach a dheasbad mus tèid a chur an gnìomh. Cha deach an stiùireadh ùr fhoillseachadh fhathast, ach tha dragh ann gum bi daoine tar-ghnèitheach air an casg bho bhith a’ cleachdadh seòmraichean-locair, taighean-beaga agus seirbheisean eile nach eil a’ co-fhreagairt ris a’ ghnè a chaidh a bhuileachadh orra aig àm am breith. Sgrìobh Denyer gu bheil dragh mhòr air daoine tar-ghnèitheach anns an roinn-phàrlamaid aice nach biodh iad comasach a bhith beò nam beathannan làitheil le prìobhaideachd agus urram.

Àiteachan aon-sheòrsach

Tha còrr ‘s 650 gnìomhachasan, Ben & Jerry’s, Lucy & Yak, agus Lush Cosmetics nam measg, air sgrìobhadh chun an Riaghaltas air thoiseach air foillseachadh stiùireadh ùr an EHRC ‘s iad ag ràdh nach obraicheadh casg air daoine tar-ghnèitheach bho àiteachan aon-sheòrsach. Thuirt iad gum biodh air luchd-obrach a bhith mar oifigearan-poileis a’ faighneachd ceistean sàrachail no sgrìobhainnean air daoine gus an gnè aca a dhearbhadh agus gum biodh iad ann an cunnart gearanan agus cùisean-lagha fhaighinn bho gach taobh.

Fox & Friends

Tha preasantair Fox News air ràdh gur e cùram-slàinte daingneachadh gnè ag adhbharachadh daoine tar-ghnèitheach a bhith a’ dèanamh gnìomhan ainneartach. Bha Rachel Campos Duffy, Lawrence B. Jones agus Kevin Corke a’ bruidhinn mu dheidhinn Tyler Robinson, a thug ionnsaigh mhairbhteach air an neach-iomairt on làimh dheis Charlie Kirk air Fox & Friends Didòmhnaich. Thuirt Jones gun deach Kirk a losgadh fhad ‘s bha e a’ bruidhinn mu dheidhinn luchd-losgaidh tar-ghnèitheach agus gun ro Robinson ann an dàimh le cuideigin a tha tar-ghnèitheach nuair dh’fhaighnich Campos-Duffy gu “dè a tha na drugaichean [a bhios iad a’ gabhail gus eadar-ghluasad] a’ dèanamh ris na bòdhagan agus nan inntinnean.

Nancy Mace / Ronny Jackson

Tha na Riochdairean Nancy Mace (Carolina a Deas) agus Ronny Jackson (Teagsas) air ràdh gum bu chòir do dhaoine tar-ghnèitheach a bhith air an cur gu ospadalan-inntinn ann an agallamhan fa-leth mun ionnsaigh mhairbhteach air an neach-iomairt on làimh dheis Charlie Kirk. Thuirt Mace gu bheil “tinneas air na daoine seo” agus gum bu chòir dhaibh a bhith air an glacadh ann an “straitjacket with a hard steel lock”. Chaidh iarraidh air Jackson nam bu chòirear ospadalan-inntinn a thoirt air ais agus thuirt e gur e ceannairciche a th’ ann an daoine tar-ghnèitheach, gu bheil trioblaidean saidhg-eòlach orra agus gum bu chòir dhaibh a bhith air an toirt far na sràidean.

Michigan

Tha luchd-poileataigs Poblachdach ann am Michigan air bile a chur a-steach feuchainn ri casg a chur air pòrn agus susbaint sam bith co-cheangailte ri daoine tar-ghnèitheach agus luchd-taisbeantais draga. Nan tèid a dhèanamh ‘na lagh, tha am bile a’ moladh binn suas ri 20 bliadhna sa phrìosan agus/no peanas-airgid suas ri $100,000 air duine sam bith a thèid a dhìteadh fodha.

• • •

Cuairt-litir #126

29 An Lùnastal 2025

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Ball-coise

Chaidh neach-taice Baile Eilginn a chur a-mach à Stèideam Borough Briggs rè geama an aghaidh Baile Dhùn Èideann Disathairne às dèidh dhaibh droch-bheul homafòbach a thoirt do chluicheadair à Dùn Èideann. Thuirt a’ chlub gur e eucoir gràin a th’ ann an gràin co-sheòrsachd agus gun àireamh nan stiùbhart aig geamannan san àm ri teachd àrdachadh.

Middlesbrough

Tha diùraidh ann am Middlesbrough air tar-bhoireannach fhaighinn ciontach de thrì chasaidean drabastachd. Chaidh Ciara Watkins, 21, a chur an greim fo chasaid gun tug i ionnsaigh feiseil air fireannach, nach robh air ainmeachadh, o chionn ’s nach tuirt i ris gun bheil i tar-ghnèitheach mus an robh iad ri gnìomhan feiseil. Thuirt an neach-lagha aice ged a tha i air a bhith ag aithneachadh mar bhoireannach fad ochd bliadhna, nach eil i air cùram-slàinte daingneachadh gnè sam bith fhaighinn fhathast agus gu bheil e follaiseach nach e boireannach bith-eòlasach a th’ innte. Thuirt am fireannach ge-tà nach robh fios aige gus an do dh’innis i dha ann an teachdaireachd às dèidh làimhe agus mar sin co-dhùin an diùraidh nach robh am fireannach comasach air aonta fiosraichte a thoirt seachad. Thuirt am britheamh gum bi aice ris a h-ainm a cur ri clàr nan drabastairean ro cheann trì latha agus gun tèid binn a chur oirre air an 10mh den Dàmhair an dèidh do dh’aithisg chùl-fhiosrachaidh a bhith air a cur ri chèile.

Murt Jesse Baird agus Luke Davies

Chaidh seann oifigear-poilis anns a’ Chuimrigh Nuadh a Deas, Beau Lamarre-Condon às àicheadh gun do mhurt e càraid ghèidh ann an Sydney anns a’ Ghearran 2024. Chaidh cuirp Jesse Baird, 26, agus Luke Davies, 29, a lorg air làrach dùthchail ann am Bungonia, baile beag mu 115 mìle taobh a-muigh Sydney, ochd latha as dèidh dhaibh air an dol a dhìth, agus iad air a bhith air an losgadh le gunna. Chaidh Lamarre-Condon, seann bhràmair Bhaird, a chur an greim an dèidh mar a chaidh fuil agus peilear bho a ghunna a lorg aig taigh Bhaird.

An Fhraing

Tha fireannach Tuiniseach gun dachaigh an greim ann an Paras fo chasaid gun do mhurt e ceathrar fhear. Chaidh na fireannaich ainmeachadh mar Franz, Frangach 48 bliadhna a dh’aois a chaidh a dhìth 11 An Lùnastal; Sami, Aildireach 21 bliadhna a dh’aois a chaidh a dhìth 7mh An Lùnastal ; Abdellah, Arabach 21 bliadhna a dh’aois a chaidh a dhìth 26mh an t-Iuchar; agus Amir, Tuiniseach 26 bliadhna a dh’aois 31d an t-Iuchar. Thuirt na Poilis gun robh dithis aca leth-rùisgte agus bheil iad dhen bheachd gur e gràin co-sheòrsachd a tha air cùlaibh air na muirt an dèidh mar a chaidh na cuirp a thoirt a-mach as an t-Seine faisg air làrach far a bhios fireannaich gèidh a’ coinneachadh ri chèile.

Idaho

Tha fireannach, 51, an greim ann Caldwell, Idaho, fo chasaid gun do mhurt e a nighean. Dh’aidich Delbert Cornish ris na Poilis gun do loisg e Onyx Cornish, 18, na ceann mus do suain e a corp ann am bratach-pròise mar chuimhneachan oirre. Nuair a ràinig a mhac dhachaigh às an sgoil, dh’innis e dha na rinn e agus thomh e a’ ghunna ris ach bha am balach comasach air athair a dhì-armachadh mus do chur e gairm ris na Poilis.

Ceinia

Tha cùirt ann an Ceinia air an riaghaltas òrdachadh reachdas a thoirt a-steach gus dìon laghail a thoirt do thar-bhoireannaich agus tar-fhireannaich. Bha an cùirt a’ riaghladh air cùis Shieys Chepkosgei, tar-bhoireannach a chaidh a chur an grèim ann an 2019 fo chasaid breug-riochdachaidh. Riaghail a’ chùirt gun deach a còraichean a briseadh nuair a chaidh a rùsgadh agus a chur fo iomadh sgrùdadh meadaigeach gus a gnè a dhearbhadh. Fhuair Chepkosgeil 1,000,000 tastan Ceineach (mu £5,700) de dh’airgead-dìolaidh.

• • •

Cuairt-litir #120

20 An t-Iuchar 2025

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Àrd-choimiseanair nan Dùthchannan Aonaichte airson Còraichean Daonna

Tha ro-aithisg bho Oifis Àrd-choimiseanair nan Dùthchannan Aonaichte airson Còraichean Daonna ag ràdh gu bheil neo-shàstachd gnè leanmhainneach agus gu bheil iomairt eadar-nàiseanta a’ criomadh còraichean bhoireannach le bhith ag atharrachadh am mìneachadh laghail a th’ aig fireannach agus boireannach. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil buill-stàite an UN a tha a’ gabhail ri tar-bhoireannaich a’ diùltadh aithne laghail eadar-dhealtaichte do bhoireannaich, buidheann so-leònta a tha feumach air dìon fo lagh eadar-nàiseanta. Mhol ùghdar na h-aithisge, Reem Alsalem, co-dhùnadh Prìomh-chùirt na Rìoghachd Aonaichte air dè a th’ ann am boireannaich. Tha i a’ moladh casg air daoine sam bith fo aois 18 bho bhith a’ dèanamh eadar-ghluasad laghail no sòisealta, is i ag ràdh gum bu chòir dhaibh dol fo leigheas saidhg-eòlach na’ àite.

PrEP

Chaidh iomairt ùr a chur air bhog gus fireannaich gèidh agus dà-sheòrsach, agus gu h-àraid an fheadhainn òg agus dubh, a brosnachadh PrEP (leigheas ro-chasgach airson daoine a tha gu bhith ann an cunnart HIV fhaighinn) a chleachdadh. Bidh an iomairt, PrEP Protects, a’ ruith fad an t-samhraidh. Tha e a’ tighinn as dèidh gun deach stiùireadh meadaigeach ùr fhoillseachadh a tha ag ràdh gum bu chòir do PhREP a bhith air a thoirt don a h-uile neach a tha ga iarraidh gun a bhith a’ faighneachd orra mun ghnìomhachd feise aca. A-rèir Buidheann Tèarainteachd Slàinte na Rìoghachd Aonaichte, chan eil 36% den fheadhainn fo aois 25 a tha ann an cunnart HIV a’ gabhail PrEP, an taca ri 24% den fheadainn eadar 25-34. Tha fireannaich dubh cuideachd mòran nas eu-coltaiche PrEP a ghabhail na tha fireannaich geal. Faodar barrachd fhiosrachaidh mu PhREP fhaighinn aig https://www.startswithme.org.uk

RSHE

Tha Roinn an Fhoghlaim air an stiùireadh aca air foghlam feise agus dhàimhean ùrachadh is ag innse do sgoiltean gum bu chòir dhaibh a bhith mothachail gu bheil deasbad a’ dol mu dhearbh-aithnean gnè, agus nach bu dhaibh a bhith gan teagaisg mar firinn shuidhichte. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Gillian Keegan, gun robh an stiùireadh feumach air ùrachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil clann air an dìon bho susbaint neo-iomchaidh. Thèid an stiùireadh ùr a chur an gnìomh air a’ chiad latha den t-Sultain 2026.

Draghan mu chòirichean tar-ghnèitheach

Tha Coimiseanair airson Còraichean Daonna aig Comhairle na Roinn-Eòrpa, Michael O’Flaherty, air draghan nochdadh mun làimhseachadh den fheadhainn thar-ghnèitheach anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt e gu bheil tar-fhireannaich agus tar-bhoireannaich air a bhith air an cur dhan iomall, agus iad air a bhith air an cur fo mion-sgrùdadh poilitigeach agus poblach.

Poilis air riaghailtean neo-phàirteachd a bhriseadh

Tha britheamh air riaghladh gun do bhris Poilis Northumbria riaghailtean neo-phàirteachd nuair a thug iad pàirt ann an Northern Pride an-uiridh. Tha e a’ tighinn as dèidh do leasbach, Lindsey Smith, ath-sgrùdadh laghail iarraidh orra airson taic a nochdadh do “ideòlas-gnè” le bhith a’ caismeachd le bratach-pròise progress - bratach bogha-froise le dathan a bharrachd a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan tar-ghnèitheach, eadar-sheòrsach agus daoine LGBT+ de dhath. Ged a dh’aithnich am britheamh nach deach amharas a tharraing air neo-phàirteachd an fheachd air fad, thuirt e gun robh faireachdainn ann gun robh am feachd agus/no an Àrd-chonstabal air taic a nochdadh do “ideòlas gnè agus còraichean tar-ghnèitheach” o chionn ‘s gun robh na h-oifigearan a bha an làthair a’ caismeachd mar bhuidhean le deisean-poilis orra agus brataichean-pròise aca.

Boghadaireachd

Tha buidheann riaghlaidh boghadaireachd na Rìoghachd Aonaichte, Archery GB, air casg a chur air tar-bhoireannaich bho fharpaisean bhoireannach ri linn co-dhùnadh na prìomh-chùirte air gnè. Ann an suidheachaidhean nuair nach eil gnè an neach-bogha soilleir, tha na riaghailtean ùra aca ag ràdh gum faod iad farpais, agus gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an tachartas leis na rèitearan. Tha iad ag ràdh gun faodar stad a chur air farpaisean ma tha deasbad ann, ach iad a’ moladh gun a bhith a’ dèanamh sin ach ann an suidheachaidhean far a bhios cuideigin ann an cunnart.

Cùram-slàinte daingneachadh gnè ann an Èirinn

Chomharraich Achd Aithneachadh Gnè na h-Èireann 10 bliadhna air an 15mh den Iuchar, agus tha iomairtichean a’ cleachdadh an tachartais gus gairm airson ath-leasachadh air còraichean tar-ghnèitheach agus eadar-sheòrsach.

Tha buidheann-iomairt na Gender Rebels air ath-chuinge a chur gu Ministear Slàinte na h-Èireann, Jennifer Carroll MacNeil ag iarraidh orra cùram-slàinte tar-ghnèitheach ath-leasachadh agus buidheann-gnìomha stèidheachadh gus siostam ùra a co-dhealbhachadh còmhla ris a’ choimhearsnachd tar-ghnèitheach. Thuirt am buidheann gu bheil an siostam làithreach briste, le euslaintich a’ feitheamh còrr ‘s deich bliadhna airson cothrom fhaighinn air cùram-slàinte daingneachadh gnè. Thuirt iad cuideachd gu bheil neo-ghnìomhachd na stàite ag adhbharachadh cron agus dh’ainmich iad rannsachadh a rinn TENI (Lìonra Èireannach na Co-ionnannachd Tar-ghnèithich) ann an 2013 a sheall gun robh 84% de dhaoine tar-ghnèitheach nach eil air cùram-slàinte daingneachadh gnè fhaighinn fhathast beachdachadh air làmh a chur nam beathannan fhèin, an taca ri dìreach 4% de dhaoine a tha air cothrom fhaighinn air.

Bha còrr ’s 10,000 neach an-làthair aig Trans & Intersex Pride ann am Baile Àtha Cliath Disathairne agus tha eagraichean an fhèis air litir a chur gu grunn phàrtaidhean poileataigeach ag iarraidh orra an taic a chur ri còraichean tar-ghnèitheach agus eadar-sheòrsach.

Ionnsaigh air tar-chaileag

Chaidh casaidean a chur às leth còignear deugairean gun tug iad ionnsaigh air tar-chaileag a bha air a suidheachadh ann an ionad glacas do bhalaich ann an Washington D.C. Dh’fhulang i peirceall briste agus bha aice ri dol a dh’ospadal airson cùram.

Riaghailtean nas fhosgailte a thaobh fala a thoirt seachad ann an Astràilia

Tha Astràilia air na riaghailtean a-thaobh a bhith a’ toirt seachad fala a lùghdachadh. Fon na riaghailtean ùra, bidh fireannaich gèidh, fireannaich dà-sheòrsach agus tar-bhoireannaich uile comasach air fuil agus plasma a thoirt seachad cho fhad ’s nach eil iad air a bhith ri feise le cèile ùr, no iomadh chèile, anns na trì mìosan a dh’fhalbh. Bidh daoine a bhios a’ gabhail PrEP a-nis comasach air plasma a thoirt seachad, ach iad fhathast air an casg bho bhith a’ toirt seachad fala. Cuideachd tha fhathast casg air daoine air a bheil HIV, agus na cèilean aca, bho bhith a’ toirt seachad fala no plasma.

Casg air cluicheadair ball-coise Astràilianach

Tha Lìg Ball-coise Astràilia air casg ceithir geama a chur air an cluicheadair sgioba an West Coast Eagles, Jack Graham, as dèidh gun do chleachd e cànan homafòbach an-aghaidh cluicheadair na Giants rè gheama ann am Peairt air an 4mh latha den Iuchar. Leig Graham fhèin fios dhan AFL mu dheidhinn, agus rinn e leisgeul prìobhaideachd do chluicheadair na Giants agus do Cheann-suidhe an AFL. Bidh e cuideachd a’ frithealadh a’ chùrsa-trèanaidh Pride in Sport.

• • •

Cuairt-litir #119

11 An t-Iuchar 2025

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Carragh-cuimhne Nàiseanta Stonewall

Tha Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte air iomraidhean air daoine dà-sheòrsach a chur à làrach-lìn Carragh-cuimhne Nàiseanta Stonewall. Tha e a’ tighinn as dèidh gun do chur iad às iomraidhean air daoine tar-ghnèitheach bhon làrach-lìn anns a’ Ghearran. Tha seann dreachan den làrach-lìn, a ghabhas fhaicinn ann an Wayback Machine an Internet Archive, a’ sealltainn gun deach an giorrachadh LGBTQ+ a chur às dhan làrach-lìn anns a’ Ghearran agus LGB a chur na’ àite, ach tha e air tighinn am follais gun deach ùrachadh a-rithist anns a’ Ghiblean gus “gay and lesbian” a chleachdadh an àite LGB. A dh’aindeoin na h-atharrachaidhean, tha dealbhan de daoine tar-ghnèitheach agus dà-sheòrsach, leithid Marsha P. Johnson agus Sylvia Rivera, fhathast a’ nochdadh air an làrach-lìn. Tha còrr is 47,000 neach air ath-chuinge an-aghaidh nan atharrachaidhean a shoidhnigeadh.

Caraid aon-sheòrsach air aithneachadh le cùirt Ucràineach

Tha cùirt anns an Ucràin air aithne oifigeil a thoirt do charaid aon-sheòrsach airson a’ chiad turas. Tha Zoryan Kis agus Tymur Levchuk air a bhith a’ fuireach còmhla o chionn 2013, agus phòs iad anns na Stàitean Aonaichte ann an 2023. Thug iad Ministreachd nan Dùthchannan Cèin gu cùirt ann an 2024 as dèidh gun do dhiùlt iad am pòsadh aithneachadh. Thuirt a’ chùirt o chionn ‘s gu bheil an Ucràin na soidhniche don ECHR (Cùmhnant Eòrpach nan Còraichean Daonna), tha dleastanas aca air aithneachadh laghail agus dìon a thoirt do theaghlaichean aon-sheòrsach. Chaidh reachdas a dhèanadh companasan-catharra laghail a thoirt don phàrlamaid ann an 2023, ach tha adhartas air a bhith gu math slaodach ri linn a’ chogaidh an-aghaidh na Ruise.

Tar-bhoireannach dubh air a murt ann an Washington D.C.

Tha na Poilis ann an Washington D.C. a’ sireadh fhiosrachaidh mu mhurt tar-bhoireannaich dhuibh. Bha Dream Johnson, 28, air a losgadh le gunna iomadh turas, agus chaidh a lorg anns an t-sràid tràth madainn Disathairne. Chaidh a toirt a dh’ospadal, ach cha do mhair beò i. Tha na Poilis air ràdh nach eil fianais sam bith ann fhathast gur e eucoir-gràin a bh’ ann, ach thuirt a teaghlaich ri pàipear-naidheachd an Washington Blade gun robh iad air aithris fhaighinn bho neach-fianais gun deach triùir fireannaich na comhair i agus gun do dh’èigh iad ainm lùghdachail dhi mus deach a losgadh iomadh turas le fear dhiubh. Tha na Poilis a’ tabhann $25,000 airson fiosrachadh sam bith a bheireas am murtair gu ceartas.

Ball-coise

Tha Comann Ball-coise Shasainn air ainmeachadh gum bi e riatanach do chluicheadairean tar-fhireannach ri aithris-àichidh a shoidhnigeadh nam biodh iad airson cluiche an ath sheusan. Feumaidh iad aontachadh gur e “boireannaich bith-eòlasach” a th’ annta agus gu bheil iad fo chunnart nas motha a’ cluich an-aghaidh fireannaich bith-eòlasach. Bidh e cuideachd riatanach gum bidh ìre de theisteostaron eadar 7.7 agus 29.4 nanomoles anns gach liotair de fhuil aca. Tha tar-bhoireannaich air a bhith air an casg bho bhith a’ cluich an-aghaidh boireannaich bith-eòlasach bho thoiseach an Ògmhios.

• • •

Cuairt-litir #116

20 An t-Ògmhios 2025

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Alba

Làraichean gnè shingilte

Tha am buidheann chòraichean bhoireannach, Sex Matters, air litir a chur do Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun toir iad an riaghaltas gu cùirt airson fàilligeadh a chur riaghladh na Prìomh Chùirte air gnè bith-eòlasach agus làraichean gnè shingilte an gnìomh. Tha am buidheann For Women Scotland cuideachd air ràdh mar-thà gun toir iad an riaghaltas gu lagh dàil a chur air làraichean gnè shingilte. Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gu bheil iad a’ gabhail ri riaghladh na Prìomh Chùirte ach gu bheil iad a’ feitheamh ri stiùireadh bhon EHRC (Coimisean na Co-ionnannachd agus Còraichean Daonna)

An Rìoghachd Aonaichte

Bratach-pròise air a ghoid

Tha rannsachadh a’ leantainn ann an Congleton as dèidh gun deach bratach-pròise a mhilleadh airson an t-seasamh uair anns na trì bliadhna mu dheireadh. ‘S e na thachair an turas mu dheireadh, gun deach am bratach a mhilleadh 13 An t-Ògmhios, chaidh bratach ùr a chur ‘na àite, ach chaidh an tè sin a ghoid an aon oidhche. Dh’iarr na Poilis air neach sam bith le fiosrachadh fòn a chur gu 101 agus àireamh na cùise IML 2110748 a thoirt seachad.

An Roinn-Eòrpa

Ospadal an Naomh Seumas

Tha Ospadal an Naomh Seumas ann am Baile Àtha Cliath air an leisgeul a thabhann do tar-bhoireannach airson leigheas èiginneach a dhiùltadh dhi an-uiridh. Chaidh Paige Behan fo obair-lannsa daingneachadh gnè anns a’ Ghearmailt, ach ghabh i galar as dèidh dhi tilleadh a Èirinn. Chaidh i a dh’Ospadal an Naomh Seumas ach dhiùlt trì roinnean an ospadail leigheas a thoirt dhi. Chaidh i an uair sin a dh’Ospadal Nàiseanta Mhàthrachais air Sràid Holles far an dh’fhuair i leigheas. Rinn i gearain reachdail ag ràdh gun do bhris Ospadal an Naomh Seumas laghan co-ionnannachd na h-Èireann. Dh’aontaich an ospadal coinneachadh ri TENI (Lìonra Co-ionnannachd Tar-ghnèitheach na h-Èireann) gus na draghan mun chùram-slàinte daingneachadh gnè a tha ri fhaighinn do dh’euslaintich tar-ghnèitheach a tha a’ tilleadh a Èirinn à thall thairis a dheasbad. Thuirt Paige nach e ach cìrean de thrioblaid siostamach anns an HSE (Seirbheis Slàinte na h-Èireann) a th’ ann, agus nach eil i a’ cur earbsa ann an comas na dùthcha a bhith a’ gabhail cùram air na saoranaich tar-ghnèitheach aice tuilleadh.

Pròis Bhudapest

Tha na Poilis anns an Ungair air casg a chur air Pròis Bhudapest na bliadhna seo, ach tha am Mèar Gergely Karacsony ag ràdh gun tèid e air adhart co-dhiù no co-dheth. Tha e mì-laghail anns an Ungair co-sheòrsachd a bhrosnachadh do chlann, agus thuirt am Prìomhaire Viktor Orban anns a’ Ghearran nach biodh tachartas na bliadhna seo a’ dol air adhart. Anns a’ Mhàrt ghabh an riaghaltas aige ri lagh a leigeas ris na Poilis siostaman aithneachaidh-aodainn a chleachdadh gus freastalaichean aig tachartas sam bith a bhrosnaicheas co-sheòrsachd do chlann aithneachadh agus peanas-airgid eadar £14 agus £420 a chur orra. Tha fhathast dùil gum bi na deichean mhìltean a’ shiubhal a Budapest às an Ungair agus nas fhaide air falbh airson an tachartas air an 28mh latha den Ògmhios.

Aimearaga a Tuath

Loidhne-taice òigridh LGBT+ ann an cunnart dùnadh

Tha carthannas an Trevor Project, a bhios a’ toirt comhairleachadh èiginneach do dh’òigridh LGDTCEN+ ann an cunnart làmh a chur nam beathannan fhèin, air ràdh gu bheil rianachd a’ Chinn-shuidhe Trump air dùnadh an loidhne-taice speisealaichte aca òrdachadh bhon 17mh latha den Iuchair. Thuirt neach-labhairt an Taighe-ghil “nach ann airson seirbheis còmhraidh far a bheil clann air am brosnachadh gabhail ri ideòlas gnè radaigeach le ‘luchd-comhairleachaidh’ gun chead am pàrantan a tha airgead an luchd-pàighidh cìse”. Tha an Trevor Project air litir fosgailte, a chaidh a shoidhnigeadh le Daniel Radcliffe, Pedro Pascal, Ariana Grande, Troye Sivan agus mòran a bharrachd, fhoillseachadh air an làrach-lìn aca ag iarraidh air an riaghaltas an loidhne-taice a shàbhaladh.

Faodaidh Tennessee casg a chur air cùram-slàinte daingneachadh gnè

Tha Prìomh Chùirt nan Stàitean Aonaichte air bhòtadh 6-3 gus leigeil le Stàit Tennessee casg a chur air cùram-slàinte daingneachadh gnè do dh’euslaintich fo aois 18. Chaidh an cùis a thoirt gu lagh le buidhean de theaghlaichean aig a bheil clann tar-ghnèitheach. Thagair an neach-lagha aca gun robh an casg a’ briseadh laghan co-ionnannachd leis gu bheil e a’ cur casg air dotairean bho bhith a’ toirt casgan-inbhidheachd no teiripe ionadachadh bhrodagan do mhion-aoisich tar-ghnèitheach ach gum faod iad fhathast an toirt do mhion-aoisich cios-ghnèitheach. ’S e co-dhùnadh na Prìomh Chùirte ge-tà nach ann air mion-aoisich tar-ghnèitheach a tha an casg a-mach, ach mion-aoisich sam bith, gun umhail air an gnè aca, air a bheil neo-shàstachd gnè no mì-rian dearbh-aithne gnè agus tha an eadar-dhealachadh sin a’ ciallachadh nach eil e ri leth-bhreith. Tha dùil ann a-nis gun tèid an co-dhùnadh seo a chleachdadh mar ro-shampall airson cùisean-lagha mar seo ann an stàitean eile.

Fireannach an greim ann an Siorrachd Marion Florida

Chaidh fireannach 35 bliadhna a dh’aois a chur an greim ann an Siorrachd Marion, Florida as dèidh gun do mhaoidh e gun loisgeadh e air tachartas pròise aig Central Florida Fairgrounds Disathairne a chaidh. Chaidh Michael Wilcox a chur an greim Dihaoine as dèidh gun deach fios a leigeil dhan FBI gun robh e air an tachartas a mhaoidheadh ann am postaichean air Facebook agus Instagram le dealbh de chuideigin a’ luchdachadh gunna is an caipsean “Can’t expect God to do all the work”.

Fireannach an greim ann an Wilton Manors, Florida

Chaidh fireannach 31 bliadhna a dh’aois a chur an greim Disathairne ann an Walton Manors, Florida as dèidh gun do dh’fheuch e a’ dol tro lorgaire-meatailte aig tachartas-pròise le gunna. Thathar ag aithris nach do stad Michael Monheit as dèidh dha an lorgaire-meatailte a chur dheth, agus gun do leig e seachad oifigearan a thuirt ris stad. Nuair a chaidh a chur an greim lorg na Poilis gunna-làimhe agus dà mhagazine 9mm luchdaichte air.

• • •

Cuairt-litir #108

25 An Giblean 2025

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Bile Riochdachadh nan Gnèithean air Bùird Phoblach

Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gun tèid Bile Riochdachadh nan Gnèithean air Bùird Phoblach atharrachadh as dèidh don Phrìomh Chùirt riaghladh air dè th’ ann am boireannach. Gu ruige seo, tha tar-bhoireannaich agus boireannaich cios-ghnèitheach air a bhith air an cunntadh ri chèile nuair a bhathar a’ coimhead air àireamhan riochdachaidh air bùird phoblach. Dhearbh an Riaghaltas cuideachd nach eil planaichean aca tuilleadh Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè ath-bheothachadh.

John Swinney

Chaidh faighneachd air Prìomh-mhinistear na h-Alba, John Swinney, iomadh turas nan robh e a’ creidsinn gur boireannaich a th’ anns an tar-bhoireannaich rè coinneamh naidheachd ann an Glaschu Diciadain. Nuair a chaidh ìmpidh air gum freagair e, thuirt e gu bheil e a’ gabhail ri co-dhùnadh na prìomh-chùirte.

Raibeart Paulin

Chaidh binn dà bhliadhna sa phrìosan air fireannach eucoirean feiseil air dithis bhalach ann an Inbhir Nis eadar 2012 agus 2014.

Bha Raibeart “Robbie” Paulin na choidse aig Highland Wildcats, sgioba ball-coise Aimeireaganach stèidhte ann an Inbhir Nis, nuair a stiùir e dithis bhalach fo 18 bliadhna a dh’aois ri bhith a’ dèanamh dealbhan is bhidiothan drùiseantach a dhèanamh.

Chuala a’ chùirt gun do thog Paulin dealbhan de bhod bhalaich, a bha 17 bliadhna a dh’aois, agus gun do chlàr e bhidio fhad ’s a bha am balach ri fèin-bhrodadh.

Chuala iad cuideachd gun do thog Paulin dealbhan de bhod bhalach eile, a bha 15 bliadhna a dh’aois, agus gun do dh’fheuch e ri bhidio den bhalach a chlàradh fhad ’s a bha e ri fèin-bhrodadh.

Tha an dithis a-nis anns nam ficheadan, ’s thuirt iad ris a’ chùirt gun tuirt Paulin dhaibh gum b’ ann airson stuth-teagaisg a bha na dealbhan ’s bhidiothan.

Bha Paulin air a dhol às àicheadh nan casaidean ’s e a’ cumail a-mach gu bheil na balaich diombach ris, ach fhuair an diùraidh ciontach e.

A bharrachd air binn prìosain, chaidh Paulin a chur air clàr nan drabastairean fad deich bliadhna.

Maggie Chapman

Tha neach-lagha Albannach ag iarraidh leisgeul bhon a’ BhPA Uaineach, Maggie Chapman, as dèidh gun tuirt i gun robh co-dhùnadh na Prìomh Chùirte claon-bhreitheach agus làn gràin.

Bha Chapman a’ bruidhinn aig togail-fianais an aghaidh a’ cho-dhùnaidh ann an Obar Dheathain Disathairne nuair a thuirt i: “We say not in our name to the bigotry, prejudice and hatred that we see coming from the Supreme Court and from so many other institutions in our society.”

Dh’iarr Roddy Dunlop KC leisgeul “làn agus luath” oirre agus dh’fhaighnich e am bu chòir dhi leigeil dhith a dreuchd mar Leas-chathraiche Comataidh Co-ionnanachd Pàrlamaid na h-Alba

Keir Starmer

Chan eil Keir Starmer fhathast a’ creidsinn gur e boireannaich a th’ ann an tar-bhoireannaich.

Thuirt Starmer ri pàipear-naidheachd The Times anns a’ Mhàrt 2022: ‘’S e inbheach boireann a th’ ann am boireannach, agus a bharrachd air sin ‘s boireannaich a th’ ann an tar-bhoireannaich, agus chan e dìreach mo bheachd a tha sin - ‘s ann an lagh a tha sin a-cheana”.

Chaidh a fhaighneachd air Neach-labhairt a’ Phrìomhaire ma tha e fhathast a’ creidsinn sin às dèidh don Phrìomh Chùirt riaghladh air dè a th’ ann am boireannach, ‘s thuirt e: “Chan eil, tha co-dhùnadh na Prìomh-chùirte gu math soilleir a-thaobh Achd na Co-ionnannachd gur e boireannach bith-eòlasach a th’ ann am boireannach”.

A bharrachd air sin thuirt Starmer fhèin ri ITV West Country: “’S e inbheach boireann a th’ ann am boireannach, agus tha a’ chùirt air sin a dhèanamh gu tur soilleir.

Bridget Phillipson

Tha am Ministear airson Boireannaich agus Co-ionnannachd ann an Westminster, Bridget Phillipson, air ràdh ann an agallamh air BBC Radio 4 gum bu chòir do thar-bhoireannaich taighean-beaga a tha a’ co-fhreagairt ris an “gnè bith-eòlasach” aca a chleachdadh. Chur am preasantair, Anna Foster, ìmpidh air Phillipson an uair sin gun soilleirich i nan robh sin a’ ciallachadh gum bu chòir do thar-bhoireannaich taighean-beaga fireannach a’ chleachdadh nuair a tha iad a-muigh is a-mach, ach thuirt Phillipson gu bheil taighean-beaga uile-sheòrsach aig mòran gnìomhachasan san latha an-diugh.

Stèisean Waverley

Tha Network Rail air ràdh nach eil geàrdan-faire ag iarraidh air daoine na cairtean-aithneachaidh aca a shealltainn mus faigh iad a-steach gu na taighean-beaga aig Stèisean Waverley.

Bha aca ri aithris a dhèanamh as dèidh gun deach post a cho-roinneadh air nam meadhanan-sòisealta a leugh: “Warning. I attended the trans protest in Edinburgh today, before I joined the protest I needed to use the bathroom (like a normal person) I ended up going to the toilets at Waverley and noticed that the security were asking for ID…1. Why? 2. wtf? 3. I walked away because I’m not being asked for ID to f***ing pee”.

Thuirt neach-labhairt Network Rail ri pàipear-naidheachd an National “nach eil fìrinn sam bith anns an sgeulachd”.

Togail-fianais

Bidh buill na coimhearsnachd LGDTCEN+ a’ togail fianais ann an Inbhir Nis Disathairne an-aghaidh riaghladh na Prìomh Chùirte.

Cruinnichidh iad taobh a-muigh Talla a’ Bhaile aig 2f agus bidh fàilte air a h-uile neach a tha airson pàirt a ghabhail ann.

Taighean-beaga sgoile

Tha britheamh air ràdh gun cur i òrdugh air sgoiltean-stàite ann an Alba gus taighean-beaga fa-leth a thabhann do nigheanan agus balaich stèidhte air gnè aig àm am breithe.

Tha e a’ tighinn as dèidh gun tug pàrantan Bun-sgoil Earlston gu lagh mu taighean-beaga uile-sheòrsach aig an sgoil agus as dèidh riaghladh na Prìomh Chùirte air dè th’ ann am boireannach.

A-rèir am P&J, tha taighean-beaga uile-sheòrsach aig Acadamaidh Alanais, Àrd-sgoil Inbhir Ùige, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus Acadamaidh Bhaile Theàrlaich agus Comhairle na Gàidhealtachd a-nis a’ measadh buaidh an òrduigh orra.

Maraton Lunnainn

Tha stiùiriche Maraton Lunnainn, Hugh Brasher, air ràdh nach tèid na riaghailtean aca atharrachadh ri linn co-dhùnadh na Prìomh Chùirte, agus gum faod tar-bhoireannaich fhathast clàradh airson ruith ann an rèis nam ban Didòmhnaich. Thuirt e gu bheil iad a’ feitheamh ri stiùireadh oifigeil bho Choimisean na Co-ionnanachd agus Chòraichean Daonna mus dèan iad co-dhùnadh air na riaghailtean airson rèisean san àm ri teachd.

Mississippi

Tha Prìomh Chùirt Mhississippi air riaghladh nach fhaod daoine tar-ghnèitheach fo 21 bliadhna a dh’ aois na h-ainmean aca atharrachadh air sgàth ’s nach eil iad sean gu leòr airson co-dhùnadh cho chudromach ri sin a dhèanamh. A dh’aindeoin sin, ge-tà, tha an stàit fhathast a leigeil le balaich 17 bliadhna a dh’aois is nigheanan cho òg ri 15 bliadhna a dh’aois pòsadh agus teaghlaichean a thòiseachadh (cho fhad ’s a tha cead phàrant aca).

Minnesota

Tha Àrd-neach-tagraidh Mhinnesota, Keith Ellison, air cùis-lagha a thogail an-aghaidh rianachd Dhòmhnaill Thrump airson casg a chur air tar-chaileagan bho bhith a’ gabhail pàirt ann an spòrs a tha a’ co-fhreagairt ris an dearbh-aithne gnè aca. Tha an cùis-lagha a’ tagairt gu bheil an òrdugh, a shoidhnig Trump air an 5mh latha den Ghearran, a’ briseadh Title IX agus Bun-reachd nan Stàitean Aonaichte. Thuirt Ellison aig coinneamh naidheachd Dimàirt gu bheil “Minnesota air a’ chùis-lagha seo a thogail gus stad a chur air Ceann-suidhe Trump bho bhith a’ burraidheachd clann so-leònta anns an stàit seo”.

• • •

Cuairt-litir #86

15 An t-Samhain 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Murchadh Friseal

Tha Ball Tòraidheach ann am Pàrlamaid na h-Alba air gearan a thogail an aghaidh Poileas Alba an dèidh gun deach post a sgrìobh e mun fheadhainn neo-bhìnearaidh a chlàradh mar thachartas gràin.

Chaidh aithisg a dhèanamh dhan phoileas mu phost a cho-roinn Murchadh Friseal air na meadhanan sòisealta anns an t-Samhain 2023. Sgrìobh e: “Choosing to identify as ‘non-binary’ is as valid as choosing to identify as a cat.”

Co-dhùin oifigearan nach e eucoir gràin a bh’ ann, agus chaidh a chlàradh mar thachartas gràin no NCHI (Non-Crime Hate Incident) an àite sin.

Bhagair Friseal air Poileas Alba a thoirt gu lagh agus dh’iarr e orra an NCHI a chur às, ach dhiùlt iad e.

Tha Friseal a-nis air gearan oifigeil a thogail an aghaidh Poileas Alba, agus e a’ cumail a-mach gun deach a làimhseachadh ann an dòigh neo-chothromach agus gun deach a chòir air saor-labhairt a bhriseadh.

Aithisg an Dtr. Cass

Tha còrr ‘s 200 saidhg-eòlaiche air litir fosgailte do Rùnaire an Fhoghlaim Bridget Phillipson a shoidhnigeadh ‘s iad a’ nochdadh draghan mun sgrùdadh a rinn an Dtr. Hilary Cass air cùram-slàinte don fheadhainn thar-ghnèitheach anns an Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh an litir a co-sgrìobhadh leis an Dtr. Dan O’Hare, àrd-òraidiche aig Oilthigh Bhristol, an Dtr. Cora Sargeant, àrd-cho-eòlaiche na teagaisg aig Oilthigh Southampton agus Christie Ghent, foghlainneach saidhg-eòlais.

Sgrìobh iad: “We welcome the diverse range of opinions of colleagues on the question of how professional psychologists can best support gender-diverse children and young people. We are concerned, however, that there are approaches to the discussion that invalidate the experiences and identities of trans and gender-diverse children and young people.”

“Such invalidation is fundamentally discriminatory, contrary to equality and human rights legislation, and has the potential to cause harm. We reaffirm our commitment to act in accordance with the Health and Care Professions Council’s standards of proficiency, and kindly but firmly challenge discrimination where we identify it.”

“While we appreciate that not all children and young people with diverse-gender experiences will seek transition-related healthcare, we agree with the fundamental finding of the review and the worldwide consensus that transition-related healthcare should be available and accessible to the children and young people who need it”.

“Holistic-transition-related healthcare becomes challenging in an overstretched and under-funded health care system [and the recommendations are] likely to continue to influence policy decisions which perpetuate existing inequality.”

“Gender diversity is a genuine aspect of the human experience, present across cultures and throughout history. Exploration and education about this diversity are welcome, but we hold that we should always refrain from attempting to change someone’s gender identity.”

Chaidh aithisg an Dtr. Cass a fhoillseachadh anns a’ Ghiblean ‘s am measg rudan eile mhol i faiceall ann a bhith a’ toirt seachad casgan inbhidheachd - mar thoradh air a sin, chaidh casg gun chrìoch a chur air dotairean san Dùbhlachd bho bhith a’ toirt seachad casgan-inbhidheachd do dh’euslaintich fo aois 18 bliadhna a dh’aois.

Dh’iarr na soidhnichean air Phillipson:

  • fàilte a chur air càineadh air molaidhean an Dtr. Cass;

  • coinneachadh riutha;

  • agus a taice a chur ri casg air na cleachdaidhean gu lèir ris an canar “teiripe iompachaidh”.

Ionnsaighean Grindr ann am Baile Àtha Cliath

Dh’aidich fireannach, 24, gun do chleachd e an aplacaid Grindr gus triùir fhear a thargaid, ionnsaigh a thoirt orra agus an robaigeadh.

Chaidh Micheal Quinn, à Choolock, Baile Àtha Cliath, a chur an greim anns an Iuchar 2024 fo dà chasaid robaidh agus aon chasaid oidhirp air robadh.

Chaidh Quinn a dhìteadh ann an Èirinn agus Sasainn roimhe de dh’ionnsaigh, dh’ionnsaigh a dh’adhbhraich cron, mhèirle, robadh agus casaid gun robh cainb aige.

Chur am britheamh dàil air binn, ach thèid Quinn a chumail an grèim fhad ‘s a thathas a’ feitheamh ri aithisgean. Thuirt am britheamh ge-tà gum bu chòir do Quinn a bhith an dùil ri binn phrìosain.

Usbagastàn

Tha ceannard a’ phàrtaidh phoilitigeach Milliy Tiklanish, a tha ann an co-bhanntachd còmhla ri pàrtaidh riaghlaidh na h-Usbagastàn, air ràdh gu bheil an riaghaltas a’ dreachdadh reachdas a chuireadh casg air “propaganda” LGDTCEN+.

Tha co-sheòrsachd mì-laghail ann an Usbagastàn, agus faodaidh fireannaich binn 3 bliadhna sa phrìosan fhaighinn nan tèid a dhìteadh dheth.

Bryan Smith

Tha rannsachadh a’ leantainn an dèidh gun do bhàsaich an DJ mòr-chòrdte gèidh Bryan Smith ann an Washington DC.

Chaidh Smith fhaighinn gun mhothachadh air an t-sràid mu 5m 27mh An Dàmhair.

Chaidh a thoirt a dh’ospadal ionadail, far an deach ainmeachadh an ceann greis.

Chaidh a ghluasad gu ospadal ann an Virginia an dèidh sin far an do bhàsaich e 7mh An t-Samhain.

Tha na poilis air ràdh gu bheil fios aca gun deach Smith

• • •

Cuairt-litir #85

08 An t-Samhain 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Burraidheachd

Tha sgrùdadh a rinn a’ charthannas LGDTCEN+, Just Like Us, a’ sealltainn gu bheil 10% de sgoilearan tar-ghnèitheach eadar aois 10 agus 18 anns an Rìoghachd Aonaichte air burraidheachd fhulang gach latha - sin an taca ri 2% de sgoilearan cios-ghnèitheach.

Oidhche chlub ùr do bhoireannaich LGDTCEN+

Cuiridh Table 45, Baile Àtha Cliath fàilte air boireannaich leasbach, dà-sheòrsach, neo-bhìnearaidh agus tar-ghnèitheach aig oidhche chlub an Rose Party 14mh An t-Samhain.

Gheibhear tiocaidean an-seo.

Ionnsaigh ann am Bellingham, Washington

Tha poilis a’ rannsachadh ionnsaigh air tar-bhalach, 16 bliadhna a dh’aois, ann am Bellingham, Washington 22 An Dàmhair. Tha am Bellingham Herald ag aithris gun do thilg buidheann chloinne tàthagan a bha ri oillt thar-ghnèitheach air a’ bhalach fhad ’s a bha iad ga phutadh agus ga bhualadh, agus gun deach a thoirt a dh’ospadal ‘s leth-dhùil gun robh criothnachadh-eanchainn air.

Teiripe iompachaidh ann an Sealainn Nuadh

Tha boireannach ag iarraidh air Riaghaltas Sealainn Nuaidh aideachadh gun deach a cur fo chreòtachd air sgàth ’s a taobhadh-feise.

Dh’fhulang Joan Bellingham call-cuimhne, losgadh mu a ceann, agus doille eadar-mheadhanach an dèidh gun deach i fo theiripe ECT (dealan-ghrad-chlisgeach) còrr ‘s 200 turas nuair a bha i fo chùram Ospadal na Bana-phrionnsa Mairead ann an Christchurch eadar 1970 agus 1982.

Tha i air airgead-dìolaidh còrr ‘s $15,000 (NZ) fhaighinn mar-thà, ach i airson ‘s gun aidich an riaghaltas gur e creòtachd a th’ ann an teiripe iompachaidh agus nach e leigheas meadaigeach a th’ ann.

• • •

Cuairt-litir #84

01 An t-Samhain 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Seirbheis Phrìosan na h-Alba

Tha Poileas Alba a’ rannsachadh mar a chaidh boireannach cios-ghnèitheach a chur gu prìosan fireannach o chionn ’s gun do ghabh na h-ùghdarrasan i airson fireannach.

Chaidh a chur gu HMP Perth, ach chaidh a cumail na h-aonar nuair a chaidh am mearachd a lorg. Chaidh a toirt gu HMP Cornton Vale an ath latha.

Ball-coise Gàidhealach

Tha Na Gaeil Aeracha air tighinn a’ chiad sgioba LGDTCEN+ gus geama deireannach cupa a bhuannachadh ann an eachdraidh an GAA (Cumann Lúthchleas Gael).

Dh’ainmich an LGFA (Cumann Peil Gael na mBan) gu robh an sgioba air a’ chupa a bhuannachadh as dèidh dhaibh ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ gheama a chluich iad an-aghaidh CLG Naomh Breandáin anns an Lùnastal.

Tha Na Gaeil Aeracha air a bhith a’ cluich ball-coise Gàidhealach nam ban o chionn 2021, ball-coise Gàidhealach o chionn 2022, camanachd Èireannach o chionn 2023 agus thòisich iad air camanachd Èireannach nam ban a chluich na bu tràithe air a’ bhliadhna.

EMBER

Tha an AIIHPC (All Ireland Institute of Hospice and Palliative Care), LGBT Ireland agus an Irish Hospice Foundation air bileag-iùil ùr fhoillseachadh le fiosrachadh mu na dùbhlain shònraichte a dh’fhaodadh a bhith air daoine LGDTCEN+ nuair a tha iad a’ dèiligeadh ri bhàs, chaoidh agus chùram deiridh-bheatha. Gheibhear am bileag-iùil, EMBER, an-seo.

Iapan

Chaidh Àrd-chùirt Tokyo an dàrna cùirt gus riaghladh gu bheil an casg a th’ air pòsadh aon-sheòrsach ann an Iapan neo-bhun-reachdail.

Ruig cùirt nas ìsle an aon cho-dhùnadh ann an 2022.

Mhòl an Àrd-chùirt gum bu chòir dhan lagh a bhith air atharrachadh gus còireachan co-ionnann a thoirt do chàraidean aon-sheòrsach ach thuirt an riaghaltas gun cumadh iad sùil air cùisean lagha eile a tha a’ feitheamh.

Teagsas

Tha Stàit Theagsais a’ toirt dàrna dotair gu cùirt airson cùram slàinte daingneachadh gnè a thabhann do mhion-aoisich.

Chaidh aithris roimhe gu bheil an stàit a’ toirt Dtr. May C. Lau gu cùirt airson teiripe ionadachadh bhrodagan a thoirt do 21 euslaintich ann an Dallas an dèidh gun deach casg a chur air a bhith ga thabhann do mhion-aoisich an-uiridh.

Tha an cùirt a-nis a’ toirt Dtr. Hector M. Granados gu cùirt airson casgan inbheachd agus/no teiripe ionadachadh bhrodagan a thabhann do 21 mhion-aoisich ann an El Paso.

Faodar an dithis aca na ceadan-meadaigeach aca a chaill nan tèid an dìteadh agus tha an cùis-lagha an-aghaidh Granados ag iarraidh air airgead-dìolaidh suas ri $1,000,000 a phàigheadh.

• • •

Cuairt-litir #83

24 An Dàmhair 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Glasgow & Clyde Rape Crisis

Tha an t-ionad-taice Glasgow & Clyde Rape Crisis air dealachadh bhon bhuidheann charthannais Rape Crisis Scotland air sgàth aimhreit mu ghnè. Tha iad ag ràdh nach eil iad airson tar-bhoireannaich fhastadh, gu bheil iad airson seirbheis do dh’aon ghnè a tha air a ruith le boireannaich a-mhàin a thabhann agus gu bheil seo eu-coltach ris a’ bhuidhinn nàiseanta.

Ball-basgaid

Thèid a’ chiad gheama bhuill-bhasgaid LGDTCEN+ a-riamh ann an Èirinn a chumail Disathairne 9mh An t-Samhain. Bidh Shamrock Síoga agus Belfast Dykesketball a’ cluiche an-aghaidh a cheile 4f ann an Clontarf, Baile Atha Chliath ’s iad a’ togail airgead airson a’ charthannas TENI (Transgender Equality Network Ireland). Cosgaidh tiocaidean €5 agus bidh fàilte chridheil air a h-uile neach. Gheibhear barrachd fhiosrachaidh an-seo.

An Ruis

Tha na Poilis ann am Mosgo air còrr ‘s 50 neach an grèim an dèidh dhaibh dà bhar LGDECEN+ a rannsachadh 11 an Dàmhair.

Thathar ag aithris gun dh’fhuair iad gearanan mu thaisbeanaidhean draga agus gnìomhachd aon-sheòrsach a’ dol air adhart ann am follais a’ phobaill.

Ann an 2013 chur Riaghaltas na Ruise casg air “propaganda LGDTCEN+” do mhion-aoisich, agus chaidh an casg a mheudachadh gu daoine de gach aois ann an 2022.

Ann an 2023 thuirt Àrd-chùirt na Ruise gur e gluasad “eastramach” a th’ anns an “gluasad LGBT eadar-nàiseanta”.

Dòmhnall Trump

Tha Dòmhnall Trump air mì-fhios a sgaoileadh mu chlann tar-ghnèitheach a-rithist. Bha e a’ dèanamh òraid iomairt aig Knockout Barber anns a’ Bhronx Diardaoin ’s e a’ bruidhinn mu fhoghlam nuair a thuirt e: “Reading, writing and arithmetic. No transgender, no operations. You know, they take your kid. There are some places, your boy leaves for school, comes back a girl. Without parental consent. What’s that about?”

Carolina a Deas

Tha cùirt ann an Carolina a Deas air binn-bheatha a chur air Daqua Lameek Ritter airson murt tar-bhoireannaich anns an Lùnastal 2019. Chaidh Pebble LaDime Doe a losgadh le gunna trì tursan na ceann. Cha tug an diùraidh ach ceithir uairean gus Ritter fhaighinn ciontach nuair a nochd e air am beulaibh sa Ghearran.

Teagsas

Tha òrdanas ùr ann an Odessa, Teagsas a’ leigeil ri neach sam bith, seach oifigearan an riaghaltais, neach tar-ghnèitheach a thoirt gu cùirt ma chleachdas iad taigh-beag a tha a’ co-thaobhadh ris an gnè.

Tha an òrdanas ag ràdh gum bi aig an neach tar-ghnèitheach cosgaisean na cùirte agus an neach-lagha a phàigheadh agus airgead-dìolaidh £10,000 air a’ char as lugha a phàigheadh don neach-agairt.

A bharrachd air sin thèid am faighinn ciontach de Mhì-ghnìomh Ìre C agus thèid peanas-airgid $500 orra.

Tha daoine ciorramach a tha air an cuideachadh le neach de ghnè eile neo-bhuailteach don òrdanas.

Pagastàn

Tha na Poilis ann am Pagastàn air triùir fireannaich a chur an grèim fo chasaid gun do mhuirt iad dithis thar-bhoireannach.

Chaidh an luchd-fulaing ainmeachadh mar Salmanu agus Nazik, agus bha iad air an sàthadh gu bas Oidhche Dhòmhnaich anns an dachaigh aca ann am Mardan. Thathar ag aithris gun robh daoine tar-ghnèitheach eile san taigh aig an aon àm, ach gun robh iad am falach ann an taigh beag.

Chaidh an luchd-amharais a chur an grèim Diciadain ’s iad air na muirt aideachadh.

• • •

Cuairt-litir #82

18 An Dàmhair 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Trans Kids Deserve Better

Leig am buidheann-iomairt, Trans Kids Deserve Better, mu 6,000 greollan mu sgaoil aig co-labhairt buidhinn tar-thoirmeasgach an LGB Alliance ann an Lunnainn Dihaoine sa chaidh.

Chaidh an LGB Alliance a stèidheachadh ann an 2019 mar roghainn tar-thoirmeasgach eile an àite Stonewall.

Chaidh a’ cho-labhairt fhosgladh le òraid bhon t-ùghdar, JK Rowling, a tha air a tighinn ainmeil airson na beachdan gnè-chriotaigeach aice.

Thuirt Trans Kids Deserve Better gur b’ e amas a’ cho-labhairt nam biodh e air a dhol air adhart oillt thar-ghnèitheach agus mì-fhios a sgaoileadh.

Èirinn

Tha Seanadh na h-Èireann air Bile nan Eucoirean gràin aontachadh.

Cuirear am lagh ùr binnean nas fhada air an fheadhainn a thèid a dhìteadh de dh’eucoirean-gràin.

Èirinn a Tuath

Nochd fireannach ann an cùirt ann am Bèal Feirste Diardaoin fo chasaid gun deach e an riochd chaileige òige gus dealbhan mì-iomchaidh fhaighinn bho chaileagan gèidh eile.

Chuala a’ chùirt gun do thargaidich Alexander McCartney, 26, à Chonntaidh Àird Mhaca, còrr is 70 clann-nighinn eadar aois 10 agus 16 air feadh an t-saoghail.

Chuir caileag Aimeireaganach 12 bliadhna a dh’aois làmh na beatha fhèin anns a’ Chèitean 2018 an dèidh do McCartney mhaoidh oirre a dealbhan a leigeil mu sgaoil.

Dh’aidich McCartney casaid de dhuine-mharbhadh, 59 casaidean de dhubh-chìs, agus 70 casaid gun do bhrosnaich e leanabh-nighinn ri gnìomhachdan feiseil. Dh’aidich e cuideachd iomadh chasaid de bhith a’ dèanamh agus a’ sgaoileadh dealbhan mì-iomchaidh de chlann-nighinn.

Thèid binn air an ath-sheachdain.

Janne Puhakka

Chaidh Janne Puhakka fhaighinn marbh ann an Espoo, An Fhionnlann Didòmhnaich.

Ann an 2019, chaidh Puhakka a’ chiad chluicheadair hocaidh deigh proifeiseanta anns an Fhionnlann gus tighinn a-mach mar ghèidh.

Tha na Poilis air fireannach, 65, a chur an greim fo amharas gun do loisg e Puhakka, 29, le gunna, agus tha aithrisean ann gur e a dhuine, Rolf Nordmo, a th’ ann.

An Eadailt

Tha Seanadh na h-Eadailte air bhòtadh 84-58 airson reachdas an-aghaidh ionadachadh a leasachadh.

Tha ionadachadh mì-laghail anns an Eadailt mar-thà, ach cuiridh an lagh ùr seo casg air an fheadhainn a bhios airson a dhol thall-thairis gus màthair-ionaid a lorg agus faodar 2 bhliadhna sa phrìosan agus càin suas ri €1m air an fheadhainn a thèid a dhìteadh fodha.

Ged a tha an lagh ùr a’ buntainn ris na h-uile, thathar an dùil gun toir e buaidh nas motha air càraidean LGDTCEN+ a tha nas buailtiche a bhith an urrachd ri ionadachadh.

Teagsas

Tha Stàite Theagsais a’ toirt dotair à Dallas gu cùirt airson cùram slàinte daingneachadh gnè a thabhann do 21 mhion-aoisich.

Chaidh cùram-slàinte daingneachadh gnè do mhion-aoisich a dhèanamh mì-laghail ann an Teagsas ann an 2023.

Thathar ag aithris gun tug May C. Lau teiripe ionadachadh bhrodagan an dèidh gun deach an casg a chur an gnìomh.

Faodar i an cead-meideagach aice a chaill nan tèid a dìteadh.

• • •

Cuairt-litir #81

11 An Dàmhair 2024

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Baile Àtha Cliath

Tha Cùirt Sgìreil Baile Àtha Chliath air binn 14 mìos sa phrìosan a chur air fireannach a thilg tàthag homafòbach air fireannach eile mus do bhreab e a chù.

Gay Project

Tha buidheann LGDTC+ an Gay Project air ionad-coimhearsnachd ùr a cheannach ann an Corcaigh.

Tha e feumach air beagan ath-nuadhachadh gus a dhèanamh cinnteach gu bheil e làn-ruigsinneach dha na h-uile, ach tha dùil gun solaraich e àite sònraichte don choimhearsnachd LGDTC+ airson cruinneachaidhean sòisealta, bùthan-obrach agus seirbheisean taice.

Scéalta ár Stampaí

Anns an t-sreath seo ionnsaigh sianar mu na h-ìomhaighean a tha rim faicinn air stampaichean na h-Èireann, nam measg tha an stampa suaicheanta “Bród”.

Faodar a choimhead air TG4 a-nis.

Poblachd nan Deideanach / An Ruis

Tha buidhean chòraichean daonna an SK SOS ann am Poblachd nan Deideanach air aithris gu bheil an Ruis a’ sparradh air prìosanaich ghèidh sabaid an uchd a’ bhlàir anns an Ucràin.

Thathar ag aithris gun deach sparradh air co-dhiù seachdnar fhear gèidh taghadh eadar “tairgsinn” a dhol gu uchd a’ bhlàir no èirig 1.5m rùbal (mu £10,000) a phàigheadh.

Oilthigh Wyoming

Chur sgioba ball-bholaidh nam ban aig Oilthigh Wyoming dheth geama an-aghaidh Oilthigh Stàit San José air sgàth ’s gu bheil cluicheadair tar-ghnèitheach air sgioba San José.

Bha iad gu bhith a’ cluich an-aghaidh a chèile 5 An Dàmhair, ach chaidh an geama a chur dheth 1 An Dàmhair.

Chaidh aithris gun do chur Riaghladair na Stàite, Cheri Steinmetz, agus eadar 15-20 luchd-lagha an ainmean ri litir fosgailte gu Ceann-suidhe an Oilthighe, Ed Seidel, agus Stiùiriche-spòrs, Tom Burman, a’ cur ìmpidh orra an geama a chur dheth.

’S e Oilthigh Wyoming an treasamh sgioba gus geama an-aghaidh San José a chur dheth.

Pennsylvania

Tha sgìre-sgoile ann am Pennsylvania air $8,700 a chosg gus uinneagan faire a stàladh ann an taighean-beaga gnè-neodrach aig Emory H. Markle Middle School ann an Hanover.

Cha deach uinneagan a stàladh ann an taighean-beaga do sgoilearan cios-ghnèitheach.

Leigidh na h-uinneagan air an fheadhainn a-muigh fhaicinn taobh a-staigh raon sinc nan taighean-beaga, gun a bhith a’ faicinn taobh a-staigh nan stàilichean fèin, agus mar sin tha Ceann-suidhe Bòrd na Sgìre-sgoile Matthew Gelazela air ràdh nach eil iad a’ briseadh a-steach air prìobhaideachd nan sgoilearan.

Tha Bòrd na Sgìre-sgoile cuideachd air ràdh nach fhaod luchd-teagaisg ach ainmean agus riochdairean laghail nan sgoilearan a chleachdadh.

Uganda

Tha Uganda air eadar $470m agus $1.6b a chaill bhon a chur i lagh an-aghaidh co-sheòrsachd an gnìomh anns a’ Chèitean 2023.

Sin a-rèir aithisg a tha Open for Business, buidheann de gnìomhachasan eadar-nàiseanta a bhios a’ brosnachadh ion-ghabhaltas, air fhoillseachadh.

Thuirt Banca na Cruinne goirid as dèidh sin gun cuireadh iad stad air iasadan ùra don dhùthaich, o chionn ’s gun robh an reachdas a’ dol an-aghaidh an luachan.

Tha Open for Business ag ràdh gu bheil an dùthaich air seilbheachd cèin, taic-airgead, agus airgead bho mhalairt agus turasachd a chiall cuideachd agus iad air measadh gun caill an dùthaich eadar $2.3 agus $8.3b thairis air còig bliadhna.

• • •