• Dìonan tar-ghnèitheach gan cur às bho phoileasaidh Twitter air giùlan gràineil

    Tha Twitter air am poileasaidh aca air giùlan gràineil ùrachadh gu sàmhach gus earrann a thug dìon do chleachdaichean tar-ghnèitheach bho mhì-ghnèitheachadh (misgendering) is mharbh-ainmeachadh (deadnaming) a chur às.

    B’ àbhaist dhan poileasaidh a ràdh:

    “We prohibit targeting others with repeated slurs, tropes or other content that intends to dehumanize, degrade or reinforce negative or harmful stereotypes about a protected category. This includes targeted misgendering or deadnaming of transgender individuals.”

    ach chaidh atharrachadh 8mh den Ghiblean gus an rosgrann mu dheireadh a chur às.

    Tha am poileasaidh fhathast a’ toirmeasg ionnsaighean a-thaobh cinnidh, cinnidheachd, tùs-àite, dual-fhine, taobhadh feise, gnè, fèin-aithne gnè, creideimh, aoise, ciorraim no droch-thinneis.

  • SQIFF: ‘The Trans-Generational Tour April-June 2023’

    Bidh an fhèis-film LGDTC+, SQIFF, a’ taisbeanadh sreath de fhilmichean air an dèanamh leis a’ choimhearsnachd tar-ghnèitheach aig Cùirt an Easbaig, Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.

    Thèid na filmichean a thaisbeanadh aig An Lanntair, Steòrnabhagh san Ògmhios cuideachd.

    Gheibhear barrachd fhiosrachaidh an-seo.

  • Bùth-obrach: ‘What’s happening in trans healthcare?’

    Bidh Scottish Trans a’ stiùireadh bùth-obrach an-asgaidh mu chùram-slàinte tar-ghnèitheach 2f Disathairne 29mh den Ghiblean san Ionad Spectrum, Inbhir Nis. Gheibhear barrachd fhiosrachaidh agus tiocaidean an-seo.

  • Athchuinge an-aghaidh Bile na h-Aithne Gnè air a chur air dòigh leis a’ Phàrtaidh Alba

    Tha am pàrtaidh poileataigeach, Alba, air athchuinge a chur air dòigh a tha a’ feuchainn ri stad a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) bho bhith a’ dol na lagh.

    Tha e a’ tighinn as dèidh gun do dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba Diciadain gun dèan iad dùbhlan laghail an-aghaidh mar a chur Riaghaltas na RA stad air a’ bhile.

    Chaidh am bile, a dhèanadh e nas fhasa do dhaoine thar-ghnèitheach GRC (teisteanas aithneachadh gnè) fhaighinn, aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba san Dùbhlachd ach thuirt Riaghaltas na RA gun dèanadh e sgaradh eadar diofar dhùthchannan na Rìoghachd Aonaichte agus chleachd iad Earrann 35 de dh’Achd na h-Alba gus stad a chur air bho bhith a’ dol na lagh.

    Sgrìobh Alba air an làrach-lìn aca Diardaoin gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba fòcas a dhèanamh air cùisean a tha cudromach do mhuinntir na h-Alba an àite a bhith beò-ghlacte le gnè ach tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gum feum iad a dhol air adhart le dùbhlan laghail an-aghaidh Riaghaltas na RA gus deamocrasaidh na h-Alba a dhìon.

  • Seachdnar air an EHRC fhàgail mar a tha oillt thar-ghnèitheach a’ sìor-fhàs sa bhuidheann

    Tha Vice News ag aithris gu bheil seachdnar àrd-oifigeach – ball-bùird, stiùiriche-gnìomha, ceathrar stiùiriche agus ball-comataidh – air an EHRC (Coimisean nan Còraichean Daonna is na Co-ionnannachd) fhàgail air sgàth ’s gu bheil oillt thar-ghnèitheach a’ sìor-fhàs sa bhuidheann.

    Chaidh an coimisean a stèidheachadh ann an 2007 gus sùil a chumail air laghanan co-ionnannachd agus a dhèanamh cinnteach gun tèid an cur an-gnìomh air feadh Shasainn, na Cuimrigh is na h-Alba.

    Chaidh an coimisean a chàineadh seachdain seo chaidh ge-tà as dèidh gun tug iad comhairle ri Kemi Badenoch, Ministear nam Bàn is na Co-ionnannachd, air mar a ghabhas Achd na Co-ionnannachd ath-leasachadh gus bacadh a chur air daoine tar-ghnèitheach bho àiteachan aon-sheòrsach – seòmraichean-éididh, taighean-beaga agus m.s.a.a. – le bhith a’ dèanamh sgaradh nas soilleire eadar mìneachadh laghail nam faclan “gender” agus “sex”.

    A-rèir Vice News b’ e obair-ullachaidh a’ chomhairle seo a thug air na h-oifigich an coimisean fhàgail.

  • Bànrigh draga Albannach ag amas air a’ chrùn

    Bidh bànrigh draga à Dùn Dè a’ taisbeanadh aig ro-fharpais Miss Continental Northern Europe ann an Rotterdam as t-samhradh.

    Sgrìobh Miss Peaches air Instagram gu bheil i air bhiorain gur ise “a’ chiad bhànrigh Albannach a-riamh gus an dùthaich againn a riochdachadh san taisbeanadh chliùiteach seo”.

    Bidh còrr is 40 ro-fharpais air feadh an t-saoghail mus tèid na buannaichean gu Chicago airson a’ chuairt dheireannach agus crùnadh Miss Continental 2023 san t-Sultain.

    View this post on Instagram

    A post shared by Miss Peaches🍑 (@officialmisspeaches)

  • Dùbhlan laghail do Riaghaltas na RA air ainmeachadh

    Dh’ainmich Prìomh-mhinistear na h-Alba, Humza Yousaf, gu h-oifigeil an-diugh gun dèan Riaghaltas na h-Alba dùbhlan laghail an-aghaidh Riaghaltas na RA mun cho-dhùnadh aca bacadh a chur air ath-leasachadh gnè an Alba.

    Chaidh am bile, a dhèanadh e nas fhasa do dhaoine thar-ghnèitheach teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn, tro Phàrlamaid na h-Alba san Dùbhlachd ach chleachd Westminster Earrann 35 de dh’Achd na h-Alba gus stad a chur air bho bhith a’ faighinn aonta rìoghail.

    B’ e seo a’ chiad turas a-riamh gun deach an earrann seo a chleachdadh bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh.

  • Tar-bhoireannaich toirmeasgte bho fharpaisean snàimh nam ban

    Tha Swim England air ainmeachadh gun tèid casg a chur air boireannaich tar-ghnèitheach bho fharpaisean snàimh nam ban.

    A-rèir am poileasaidh ùr aca cha bhi ach boireannaich cios-ghnèitheach comasach air farpais san roinn bhoireannach is thèid roinn fhosgailte a chruthachadh do snàmhadairean fireannach, neo-bhìnearaidh agus tar-ghnèitheach.

    Sgrìobh iad air an làrach-lìn aca gur e seo an dòigh as fheàrr cothromachd na farpais a dhìon.

    Thèid am poileasaidh ùr a chur an gnìomh air a’ chiad latha dhen t-Sultain 2023.

  • Là Faicsinneachd nam Pearsa Tar-ghnèitheach

    Tha a’ choimhearsnachd tar-ghnèitheach an-còmhnaidh air a bhith aig tòiseach na strìthe airson còraichean na coimhearsnachd LGDTC+ gu lèir agus ’s e sin an adhbhar a bhios An Gèidheal Ùr a’ cur taice riutha chan ann dìreach an-diugh air Là Faicsinneachd nam Pearsa Tar-ghnèitheach ach a h-uile latha.

  • Sàr-dhibhearsanaiche Paul O’Grady air bàsachadh

    Naidheachd bhrònach mun t-sàr-dhibhearsanaiche Paul O’Grady (Lily Savage).

Roinnean-seòrsa