Chaidh maoineachadh de £2500 a ghlacadh leis a’ bhuidheann-òigridh Purple Dragons gus tachartas òigridh a chumail mar phàirt dhen chiad Fhèis Pròis Dhùn Dè.
Chaidh maoineachadh de £1500 a thoirt dhaibh le Dundee Youth Fund agus chaidh £1000 a bharrachd a thoirt dhaibh le LGBT Youth Scotland.
Bidh iad ag obair le LGBT Youth Scotland agus Pink Saltire gus an tachartas a chuir air chois.
Thuirt Barry Jordan, a ruitheas pròiseactan LGBT Youth Scotland ann an Dùn Dè:
“Bheir am maoineachadh seo cothrom math dha daoine òga LGBT taic fhaighinn gus tachartas mìorbhaileach a lìbhrigeadh anns a’ bhaile còmhla ri Fèis Pròis Dhùn De. Fad còrr ’s ochd bliadhna tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le daoine òga sa bhaile, a’ toirt taic, a’ ruith bhuidhnean òigridh agus a’ brosnachadh seirbheisean eile. Tha daoine òga air bhioran mun tachartas seo a chionn ’s gu bheil iad air a bhith airson fèis pròise fhaicinn ann an Dùn De fad ùine mhòr. Bidh e na dheagh chothrom a bhith a’ taisbeanadh pròise agus tàlantan dhaoine òga LGBT Dhùn De.”
Thuirt Stuart Duffy, a stèidhich an carthannas Pink Saltire:
“Tha e mìorbhaileach ri fhaicinn na daoine òga ann an Dùn Dè ag obair air an tuc fhèin gus tachartasan eagrachadh airson na co-aoisean aca a bhith a’ comharrachadh iomadachd a’ bhaile mhòir seo agus àite sàbhailte agus fàilteach a chruthachadh dha na h-uile.”
“Tha fìor dhealas aig na daoine òga airson àite a chruthachadh dhaibh fhèin aig an fhèis agus tha sinn taingeil do Young Scot agus Dundee Youth Fund airson taic gus an tachartas seo a chur air chois.”
“Tha sinn a’ creidsinn gu mòr gu bheil tòrr aig daoine òga ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba ri thoirt air ais dhan sgìre aca fhèin agus tha seo na dheagh eisimpleir de bhith a’ tasgadh nam beachdan gus am bi beatha nas fheàrr aig daoine LGBT.”
Click here to read this article in English at PinkSaltire
Tha Pàrlamaid na h-Alba air bhotadh gu h-aon-ghuthach airson lagh ùr a chur an gnìomh a chìthear mathanas oifigeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh an dìteadh fo laghan lethbhreith eachdraidheil.
Thèid mathanas a thoirt gu fèin-ghluasadach dhan a h-uile daoine a chaidh a dhìteadh fo na seann laghan co-dhiubh ma tha iad beò no marbh.
Cuideachd thèid cothrom a thoirt do dhaoine gus tagradh a dhèanamh airson na dìtidhean aca sguabadh à chlàran eucorach.
Cha deach fèise aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Alba gu 1981, còrr ’s deich bliadhna as dèidh Sasainn agus a’ Chuimrigh.
A’ bruidhinn mun lagh ùr, thuirt Tim Hopkins, Stiùiriche Lìonra Co-ionnanachd: “Tha sinn a’ cur fàilte chrìdheil air an naidheachd gun deach am bìle seo a dhèanamh na lagh leis a’ Phàrlamaid. Tha seo a’ toirt aithne dha-rìribh dhan chron mhòr a chaidh a dhèanamh do dhaoine a chaidh a dhìteadh no a dh’fhuirich fo na seann laghan seo.”
“Còmhla ri leisgeul poblach a’ Phrìomh Mhinisteir anns a’ Phàrlamaid san t-Samhain, tha e follaiseach gu bheil Alba air atharrachadh gu brath agus nach eil lethbhreith iomchaidh tuilleadh.”
“‘S e an ath cheum an lagh ùr a chur an gnìomh agus fhoillseachadh. Bidh follseachadh air leth cudromach gus am bidh a h-uile duine a tha fo bhuaidh na dìteadh eachdraidheil seo a chluinntinn mu a dheidhinn. Tha daoine LCDTE fhathast a’ fuiling claon-bhreith agus nàimhdeas, agus tha mòran a bharrachd fhathast ri dhèanamh.”
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leantainn oirnn ag obair le Riaghaltas na h-Alba gus an Achd Aithneachadh Gnè leasachadh airson daoine tar-ghnèitheach, agus obair eile a dhèanamh gus dèiligeadh ri gràin-co-sheòrsachd, gràin-dà-sheòrsachd agus gràin-tar-ghnèitheachd agus gus cothromachd a bhrosnachadh dha na h-uile.”
Bu chòir do chlann cho òg ri 12 a bhith comasach air gnè atharrachadh air an teisteanas breith aca gun taic phàrant, a-rèir Coimiseanair Cloinne is Òigridh na h-Alba.
Ann am freagairt do cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba a thaobh ùrachadh laghan aithne gnè, thuirt Bruce Adamson gum bu choir do dh’òigridh a bhith comasach air gnè atharrachadh air an teisteanas breith aca gun taic phàrant mura h-eil iad ag aithneachadh leis an gnè bith-eòlasach aca.
Thuirt e gum biodh e “mì-reusanta nan robh cead phàrantan a dhìth airson aithneachadh laghail dhen atharrachadh nan robh am pàiste comasach air atharrachadh às aonais.”
Cuideachd a-rèir Mgr Adamson bhiodh e na bhriseadh dhen Co-chruinneachadh UN airson Còirichean Cloinne mura robh clann tar-ghnèitheach comasach air aithneachadh laghail fhaighinn.
Thuirt Eaglais Shaor na h-Alba gum biodh gluasad sam bith gus leigeil le clann fo aois 16 a bhith a’ faighinn aithne laghail air atharrachadh gnè mì-chùramach, gum biodh e na mhòr-dhragh ann an iomadh teaghlach agus gum biodh deugairean so-leònta a’ faireachdainn troimh-chèile mu a dheidhinn.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh e a’ dèanamh sgrùdadh air freagairtean na co-chomhairle.
Tha Bun-sgoil Mharc-Innis ann an Inverness air leigeil le balaich is nigheanan a bhith a’ farpais ri chèile ann an rèisean latha-spòrs.
Rinn an sgoil an gluasad grunn sheachdainean às deidh stiùireadh bho Comhairle na Gàidhealtachd gus taic a thoirt do sgoilearan leasbach, co-sheòrsach, dà-sheòrsach, tar-ghnèitheach agus eadar-sheòrsach.
Tha Ùisdean Torrance na stiùiriche Ceannardas, Co-ionnanachd is Com-pàirteachas Gnìomhach ann an Spòrs Alba, a dh’fhoillsich an stiùireadh. Thuirt e dhan Scotsman:
“Thàinig an stiùireadh mar thoradh air sgoilearan LGBTI ag obair còmhla ri sgoiltean gus feuchainn ri dèiligeadh ri cùisean duilich a tha sgoilearan eòlach air ann am foghlam corporra gu sònraichte.”
“Tha sinn air moladh nach bu chòir sgoilearan a bhith air an sgaradh a rèir gnè mura h-eil e riatanach.”
“Tha an fhianais ag ràdh nach eil eadar-dhealachaidhean sam bith eadar na cinnidhean nuair a thig e gu spòrs ro àm breith, ach chan eil am manifesto ag ràdh gum feum sinn falbh le sgaradh gnè gu tur ann an spòrs.”
“Chan e mar a tha an saoghal air a stèidheachadh aig an àm seo.”
Chaidh an co-dhùnadh a chàineadh le cuid de phàrantan nan oileanach aig an sgoil, a bha ag argamaid gun deidheadh gluasad gu cuid de chloinn a bhith gam buladh.
Thuirt aon mhàthair ris a’ phàipear-naidheachd: “Bha rèis eadar còignear nigheanan agus aon bhalach agus thàinig e mu dheireadh agus bha na balaich eile mar’ ha, ha … rinn nigheann an gnothach ort’.”
Thuirt i: “Carson nach eil an sgoil dìreach a’ leigeil le clann LGBTI rèis a dhèanamh leis a’ ghnè a tha iad a’ faireachdainn a bhuineas dhaibh, an àite a bhith a’ cur na clann gu lèir ann an rèisean measgaichte?”
Tha an naidheachd a’ tighinn ro Seachdain Iomadachd na Sgoile, comharrachadh air co-ionnanachd LGBT ann an sgoiltean air feadh na RA rè a’ chiad seachdain dhen Iuchar.
Tha an iomairt air a ruith leis a’ charthannas Just Like Us agus e ag amas air dèiligeadh ri gràin-co-sheòrsachd, gràin-dà-sheòrsachd agus gràin-tar-ghnèitheachd.
A-rèir an carthannas tha còrr is 150,000 de sgoilearan LGBT ann an àrd-sgoiltean na Rìoghachd Aonaichte agus nam measg bidh ~25% a’ feuchainn ri fèin-marbhadh, bidh ~50% a’ dèanamh cron orra fhèin agus bidh cha mhòr a h-uile duine, 96%, a’ cluintinn beachdan oilbheumach.
Thathar an dùil gun tèid a’ chiad fèis pròis na h-Antartaig a chumail an t-seachdain-sa.
Tha buidheann de 10 daoine LGDT+ air tòiseachadh ag ullachadh airson a’ chiad fèis pròise riamh aca, le bhith a’ togail dealbh dhen bhuidheann taobh a-muigh an stèisean aca aig Stèisean MacMhurchaidh – timcheall air 850 mìle air falbh bhon Phòla a Deas.
Tha iad an dùil an tachartas a chuimhneachadh 9mh Ògmhios ach dh’fheumadh iad an an dealbh a thogail san Ghiblean mus tàinig an dòrchdas a mhàireas sa’ mhòr-thìr eadar an t-Ògmhios agus an t-Sultain.
Thàinig Shawn Waldron agus Evan Townsend air adhart leis a’ bheachd airson an tachartais.
“Carson nach tog an dealbh seo gus daoine sealtainn gu bheil riochdachadh queer fiù ’s aig deireadh na talmhainn,” thuirt Waldron.
An-dràsta, chan eil ach 133 neach aig MacMhurchaidh airson a’ gheamhraidh agus tha faisg air 900 duine ag obair aig an stèisean rè mìosan an t-samhraidh ach a dh’aindeoin an àireamh bheag de dhaoine, tha coimhearsnachd LGBT soirbheachail ann.
Thuirt Townsend: “Bha beagan thachartasan sòisealta LGBTQ againn a bha air an frithealadh le dhaoine agus cuideachd o chionn ’s gu bheil an coimhearsnachd cho beag, tha e furasta faighinn a-mach cò a tha agus nach eil anns a’ choimhearsnachd LGBTQ.”
“‘S e an t-eagal as motha a bh’ agam mus do dh’fhàg mi, gum biodh mise an aon neach co-sheòrsach ann, cha bhith duine sam bith eile an seo. Bha mi ceàrr.”
Thuirt Townsend gun robh an comas a bhith a’ riochdachadh dhaoine LGBT ann an suidheachadh cho iomallach glè chudromach agus gum biodh an riochdachadh seo na chuideachadh mòr dha nuair a bha e na phàiste.
Thuirt e: “Bhiodh eisimpleir de dhuine a tha a’ siubhal agus a’ dol air na dàna-thursan sin sgoinneil dhomhsa mar phàiste ach fiù ’s nas motha na sin a bhith a’ faicinn gu bheil daoine queer pròiseal a-miugh an sin agus nach eil e a’ cur bacadh orra bho bhith a’ dol air na dàna-thursan sin.”
Tha Eaglais na h-Alba air ceum nas dlùithe a ghluasad gus leigeil le ministearan pòsaidhean aon-sheòrsach a chumail.
Bhòt Seanadh Coitcheann na h-Eaglaise 345 an-aghaidh 170 airson comataidh stèideachadh gus lagh na h-eaglaise ullachadh a bhios freagarrach ri Roinn 9 (1A) dhen Marriage Scotland Act.
Chaidh iarraidh air a’ chomataidh aithris a thoirt aig coinneamh bhliadhnail a’ bhuidheann co-dhùnaidh ann an 2020.
Fo na planaichean a chaidh a mhìneachadh anns a’ ghluasad, bhiodh ministearan agus deochanan comasach air pòsaidhean aon-sheòrsach a chumail “ma thogras iad”.
Thàinig a’ bhòt an dèidh dhan Urramach Còir Susan Brown a chur an sàs mar Mhodaràtor aig Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba aig toiseach a’ chruinneachaidh ann an Dùn Èideann.
Thàinig an dreuchd aice anns a’ bhliadhna a tha an Eaglais a’ comharrachadh 50 bliadhna bho cho-òrdanachadh boireannaich ’s ise an ceathramh tè a chum an tiotal.
Tha dithis oifigearan riaghaltais à Carolina a Tuath air a ràdh gu bheil Apple a’ beachdachadh air oifis corporra mòr fhosgladh anns an stàit – a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh coimhearsnachd LGDTE na stàite.
Dh’innis iad dhan Associated Press gu bheil an companaidh teicneòlais faisg air co-dhùnadh am bu chòir dha ionad corporra mòr fhosgladh ann an sgìre Raleigh-Durham ann an Carolina a Tuath.
Thathar an dùil gun tèid eadar 5,000 gu 10,000 obraichean a dhèanamh aig na h-oifisean, ga dhèanamh mar aon de na ionadan còrparra as motha san dùthaich.
Ach chaidh na planaichean a chàineadh le iomairtichean LGDTE. Thuirt Kate Oakley, bho Iomairt Chòraichean Daonna ri Associated Press: “Tha cothrom aig Apple stiùireadh le bhith a’ lorg agus a’ tasgadh ann an àiteachan a tha a’ dìon luchd-LGBTQ gu h-iomlan. Chan e Carolina a Tuath aon dhe na h-àiteachan sin.”
Chaill an stàit sreath de ghnìomhachasan tasgaidh mòra ann an 2016 nuair a bha am bìle connspaideach HB2 ga dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Pat McCory.
Chuir às HB2 dha na h-òrdanan ionadail uile a bha a’ dìon chòraichean LGBTE, chuir e casg air tar-ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh-beag as fheàrr leotha, agus thug e cead do ghnìomhachasan a bhith a’ dèanamh lethbhreith an aghaidh luchd-LGDTE air sgàth ’s adhbharan diadhaidh.
Rinn companaidhean a leithid Paypal agus Deutsche Bank boycott air an stàit air sgàth ’s na laghan lethbhreitheil.
Ann an 2017 chaidh HB2 a chuir às nuair a chaidh HB142 a dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Roy Cooper.
Tha HB142 a’ toirt cead ri tar-ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh-beag dhen ghnè ris a bheil iad ag aithneachadh ach tha e cuideachd a’ cur casg air bailtean-mòra bho bhith a’ dèanamh laghan ùra a-thaobh leithbhreith ro 2020. Tha seo a’ ciallachadh ma tha droch-bhuaidh sam bith air neach tar-ghnèitheach air sgàth ’s an taigh-beag a chleachdas iad cha bhith iad air an dìon leis an lagh. Cuideachd chan eil an lagh ùr seo a’ buntainn ach ri togalaichean poblach agus riaghaltais agus chan eil ri companaidhean prìobhaideach.
Ann an aithris ri PinkNews tha neach-labhairt Apple air diùltadh gun deach co-dhùnaidhean sam bith a dhèanamh aig an ìre-sa a thaobh suidheachadh an oifis ùr.
Thèid maoineachadh de chòrr is £8000 a thoirt gu Fòram LGDT na Gàidhealtachd le Mhaoin a’ Chrannchuir Mhòir airson tachartas Proud Ness a chumail ann an Inbhir Nis san t-Sultain. A bharrachd air Proud Ness thathar ag ràdh gum bi sreath de thachartasan nas lugha ann an àiteachan eile anns a’ Ghàidhealtachd sna mìosan a leanas.
Thuirt neach-labhairt an fòraim ri Phink Saltire:
“Tha Fòram LGBT na Gàidhealtachd fìor thoilicte gun d’fhuair sinn maoineachadh. Tha na tachartason airson iomadachd, co-ionnanachd agus co-chòrdadh a bhrosnachadh taobh a-staigh na Gàidhealtachd. Chaidh mòran a dhèanamh leis an Riaghaltas airson seo a bhrosnachadh ach tha obair fhathast ri dhèanamh gus aontachas sòisealta leasachadh anns a’ Ghàidhealtachd.”
Thuirt BPA airson Inbhir Nis agus Inbhir Nàrann, Fergus Ewing:
“Tha mi an dòchas gum bidh deagh fhrithealadh aig na tachartasan seo agus gum bidh iad a’ brosnachadh tuigse agus aontachas nas fheàrr anns a’ Ghàidhealtachd air daoine aig a bheil beachdan agus cùl-raointean eadar-dhealaichte. Bu chòir dhuinn uile luach a thoirt air a chèile mar dhaoine, air sgàth ’s gu bheil beatha luachmhor, agus fuireach còmhla nar coimhearsnachdan le spèis agus aontachas air eadar-dhealachaidhean.”
Tha am Fòram a’ cur fàilte air daoine a bhios airson frithealadh an ath choinneamh aca air 12mh Cèitean anns a’ Ghearasdan far a bhios cothrom ann a bhith a’ cuideachadh le cruth a chur air an tachartas.
Tha Alba air a bhith a’ faicinn àrdachadh mòr ann an tachartasan LGDT san fharsaingeachd, le 11 Fèisean Pròise dearbhte a’ gabhail àite ann an 2018, an coimeas ri dìreach 4 ann an 2017. Tha cuideachd grunn thachartasan a’ gluasad a-mach de mheadhan na h-Alba, leithid Campa Pròise LGDT ann an Siorrachd Inbhir Àir agus Còla-deug Fèis Spòrs LEAP (le 60 tachartas air feadh na h-Alba).
Na bu tràithe sa bhliadhna chaidh a’ chiad Fèis Pròise Tar-ghèitheach a chumail ann an Dùn Èideann agus chaidh tachartasan ùra ainmeachadh airson Siorrachd Pheairt, Dùn Dè, Grampian, Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, Lodainn an Ear agus Eilean Bhòid agus tha seo a bharrachd air tachartasan stèidhichte mar-thà ann an Fìobha, Lodainn an Iar, Dùn Èideann agus Glaschu.
‘S urrainn dhuibh cumail suas leis na tha am Fòram a’ dèanamh air an làrach-lìn aca no air Facebook.
Dh’aontaich Pàrlamaid na h-Alba gu h-aon-ghuthach Diciadan ri prìomh-amasan an Historical Sexual Offences (Pardons and Disregards) (Scotland) Bill.
A-nis thèid an reachdas dhan an ath-cheum ’son atharrachaidhean a mholadh agus thathas an dùil gum bi e na lagh nas anmoiche air an t-samhradh.
Bidh an reachdas a’ toirt mathanas fèin-ghluasadach do dhaoine a chaidh an dìteadh fo laghan lethbhreith eachdraidheil.
Bidh e cuideachd a’ toirt cothrom do dhaoine tagradh a dhèanamh airson na dìtidhean aca sguabadh à chlàran eucorach.
Chuir luchd-iomairt co-ionannachd fàilte air a’ bhòt. Thuirt Tim Hopkins, stiùiriche Lìonra Co-ionannachd, “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ chiad deasbad pàrlamaideach air a’ bhile seo.”
“Ged nach urrainn do bhile leth-bhreith san àm a dh’fhalbh agus an cron a rinn e atharrachadh tha e na aithris fìor chudromach gu bheil Alba làn aithreachais agus a’ diùiltadh an leth-bhreith sin agus a-nis a’ smaoineachadh gu bheil na daoine LGBTI nan saoranaich gu tur co-ionann a tha airaidh air spèis cho-ionann.”
Thuirt Rùnaire a’ Cheartais, Michael MacMhathain, “Cuiridh am bile seo teachdaireachd shoilleir dha na daoine air a bheil buaidh orra gun robh na laghan seo mì-cheart.”
Thuirt neach-labhairt ceartas Làbarach Daniel Johnson, “The seo na cheum cudromach air an rathad gus eucoirean eachdraidh neo-dhèanamh agus comann-sòisealta co-ionnan a thogail.”
‘S e Lagh Thuring far-ainm an reachdas an dèidh Alan Tuiring a bha na neach-matamataig agus eòlaiche choimpiutairean. Air feadh an Dàrna Cogadh b’ e còd-cnacair a bh’ ann ag obair aig Pàirc Bletchley ann an Sasainn far an do bhrist e an còd Enigma aig na Gearmailtiche. Ann an 1952, chaidh Turing a dhìteadh airson cleamhnas a dhèanamh le fear. Bha roghainn aige eadar prìosan no spoth ceimigeach agus thagh e spoth. B’ e buaidh an spoth neo-chomas agus dh’fhàs uchdan air. As dèidh dà bhliadhna a’ fuireach leis na buaidhean sin, thug Turing ùthachd dha fhèin. Fhuair e mathanas bho Riaghaltas Bhreatainn ann an 2013.
Thuirt BPA Liberalach Ailig Cole-Hamilton, “Tha an grèim agus an dìteadh aig Alan Turing sgàthanaichte anns na sgeulachdan bho mìle fear is barrachd air feadh na h-eileanan seo agus tha gach fear am bog ann an geur-leanmhainn, irioslachadh agus traidseadaidh ann an cuid de chùisean.”
“Tha am bile seo a’ riochdachadh clach-mìle eile airson còraichean co-sheòrsach san dùithaich seo. Tha e a’ cur an cèill nach eil e gu diofar dè gnè an neach air a bheil an gaol agaibh, ach nas motha na sin, cha bu choir dha a bhith buntainneach a-riamh.”
Tha mi air leth toilichte a bhith ag obair comhla ri Pink Saltire gus barrachd den t-susbaint aca a thabhann tro mheadhan na Gàidhlig!
Tha Pink Saltire na na bhuidheann carthannais clàraichte Albannach (SCIO) agus air a liostadh air a’ chlàr carthannais a tha air a chumail le Riaghladair Bhuidhnean Carthannais na h-Alba (OSCR).
Chaidh a stèidheachadh ann an 2014 agus ’s e buidheann co-ionannachd nàiseanta a th’ ann, air a riaghladh agus air a ruith le daoine LGBT+.
Tha sinn a’ creidsinn gur e àite fìor mhath a th’ ann an Alba airson a bhith ann an comann-sòisealta an-asgaidh agus fosgailte.
Mar Albannaich, tha sinn a’ faighinn buannachd bho raon reachdais a tha a’ dìon ar còraichean daonna co-ionnan agus saorsa conaltraidh.
Tha sinn cuideachd ag aithneachadh gu bheil an sgeulachd agus eòlas aig a h-uile duine eadar-dhealaichte ach fhathast cudromach – tha mòran againn fhathast a’ faighinn eòlas air lethbhreith, claon-bhreith, burraidheachd no droch-dhìol agus tha sinn airson sin atharrachadh.
Mar charthannais againn ’s e ar n-amasan a bhith:
A-rèir na h-Urrasairean againn ’s e ar n-amasan a bhith:
Tha ar bun-stèidh ag innse gum bi sinn a’ coileanadh nan amasan sin tro dhòighean a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach:
Tha obair Pink Saltire air a roinn ann an trì sreathan obrach:
Làrach-lìn: https://pinksaltire.com
Twitter: @PinkSaltire
Facebook: @PinkSaltire
Snapchat: PinkSaltire
Post-d: info@pinksaltire.com
Leugh am post seo sa Bheurla air PinkSaltire
Thèid a’ chiad Fèis Pròise Tar-ghnèitheach ann an Alba a chumail Disaithairne 31 Màrt 2018 eadar 12-5f.
An tòiseach bidh caismeachd sìos a’ Mhìle Rìoghail gu Pàrlamaid na h-Alba far am bi luchd-labhairt a’ toirt òraid.
As dèidh sin coinnichidh luchd-frithealaidh aig Ionad Co-labhairt Iain Mac an t-Saoir far am bi diofar bùthan-obrach, mic-fosgailte agus cabadaich gu leòr ann.
Bidh fàilte chridheil air daoine tar-ghnèithich agus na càirdean aca. Ma tha sibh airson dol cuiribh fios gu TransPride Scotland le bhith a’ clàradh an seo: https://www.eventbrite.co.uk/e/trans-pride-scotland-tickets-43137513464
Airson barrachd fhiosrachaidh thoiribh sùil air na làraichean-lìn seo:-
Làrach-lìn: www.transpridescotland.org
Bùthan-obrach: https://www.transpridescotland.org/workshop-schedule
Twitter: https://twitter.com/TransPrideScot
Facebook: https://www.facebook.com/transpridescotland/
Chaidh a dhearbhadh le Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaicte Donald Trump gu bheil casg air a chuid as motha de thar-ghnèithich le mì-rian ghnèitheach bho sheirbheis armailteach.
A-rèir an aithris aige chaidh am poileasaidh ùr seo leasachadh mar thoradh air sgrùdadh farsaing a rinn ceannardan armailteach agus sìobhalta. A bharrachd air an aithris chaidh meòrachadn bho Rùnaire an Dìon James Mattis fhòillseachadh far an do dh’innis e gu Trump gu bheil cunnartain mòra ann a bhith a’ toirt cead do thar-ghnèithich a bhith a’ gabhail anns na feachdan armailteach air sgàth ’s gum feumadh iad a bhith saor bho shreath de riaghailtean inntinneil, corporra agus gnèitheach agus gum faodadh iad bacadh a chur air ullachadh agus co-ionnannachd an aonaid agus droch-bhuaidh a thoirt air èifeachdas na feachdan armailteach.
Thuirt Runaire Mattis gum faodadh tar-ghnèithich gabhail anns na feachdan armailteach ma tha iad air a bhith seasmhach agus ag aithneachadh an gnè bith-eòlasach aca airson 36 mìosan às dèidh a chèile. A’ dol air adhart thuirt e nach tèid casg a chur air buill le mì-rian gnèitheach ma tha iad air am breithneachadh as dèidh gabhail ann agus mura h-eil iad airson an gnè aca atharrachadh gu h-oifigeil. Mu dheireadh thuirt e gum faod buill seirbheis a chaidh a dhearbhadh le mì-rian ghnèitheach eadar an t-àm a thàinig poileasaidh an rianachd roimhe gu buil agus ceann-latha èifeachdah a’ phoileasaidh ùir an gnè aca atharrachadh ma thogras iad agus gum faigh iad leigheas a tha a dhìth.