Moladh gus leigeil le clann Albannach gnè atharrachadh air an teisteanas breith aca
Bu chòir do chlann cho òg ri 12 a bhith comasach air gnè atharrachadh air an teisteanas breith aca gun taic phàrant, a-rèir Coimiseanair Cloinne is Òigridh na h-Alba.
Ann am freagairt do cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba a thaobh ùrachadh laghan aithne gnè, thuirt Bruce Adamson gum bu choir do dh’òigridh a bhith comasach air gnè atharrachadh air an teisteanas breith aca gun taic phàrant mura h-eil iad ag aithneachadh leis an gnè bith-eòlasach aca.
Thuirt e gum biodh e “mì-reusanta nan robh cead phàrantan a dhìth airson aithneachadh laghail dhen atharrachadh nan robh am pàiste comasach air atharrachadh às aonais.”
Cuideachd a-rèir Mgr Adamson bhiodh e na bhriseadh dhen Co-chruinneachadh UN airson Còirichean Cloinne mura robh clann tar-ghnèitheach comasach air aithneachadh laghail fhaighinn.
Thuirt Eaglais Shaor na h-Alba gum biodh gluasad sam bith gus leigeil le clann fo aois 16 a bhith a’ faighinn aithne laghail air atharrachadh gnè mì-chùramach, gum biodh e na mhòr-dhragh ann an iomadh teaghlach agus gum biodh deugairean so-leònta a’ faireachdainn troimh-chèile mu a dheidhinn.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh e a’ dèanamh sgrùdadh air freagairtean na co-chomhairle.