Apple a’ beachdachadh air oifis ùr fhosgladh ann an Carolina a Tuath a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh luchd-LGDTE

Tha dithis oifigearan riaghaltais à Carolina a Tuath air a ràdh gu bheil Apple a’ beachdachadh air oifis corporra mòr fhosgladh anns an stàit – a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh coimhearsnachd LGDTE na stàite.

Dh’innis iad dhan Associated Press gu bheil an companaidh teicneòlais faisg air co-dhùnadh am bu chòir dha ionad corporra mòr fhosgladh ann an sgìre Raleigh-Durham ann an Carolina a Tuath.

Thathar an dùil gun tèid eadar 5,000 gu 10,000 obraichean a dhèanamh aig na h-oifisean, ga dhèanamh mar aon de na ionadan còrparra as motha san dùthaich.

Ach chaidh na planaichean a chàineadh le iomairtichean LGDTE. Thuirt Kate Oakley, bho Iomairt Chòraichean Daonna ri Associated Press: “Tha cothrom aig Apple stiùireadh le bhith a’ lorg agus a’ tasgadh ann an àiteachan a tha a’ dìon luchd-LGBTQ gu h-iomlan. Chan e Carolina a Tuath aon dhe na h-àiteachan sin.”

Chaill an stàit sreath de ghnìomhachasan tasgaidh mòra ann an 2016 nuair a bha am bìle connspaideach HB2 ga dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Pat McCory.

Chuir às HB2 dha na h-òrdanan ionadail uile a bha a’ dìon chòraichean LGBTE, chuir e casg air tar-ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh-beag as fheàrr leotha, agus thug e cead do ghnìomhachasan a bhith a’ dèanamh lethbhreith an aghaidh luchd-LGDTE air sgàth ’s adhbharan diadhaidh.

Rinn companaidhean a leithid Paypal agus Deutsche Bank boycott air an stàit air sgàth ’s na laghan lethbhreitheil.

Ann an 2017 chaidh HB2 a chuir às nuair a chaidh HB142 a dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Roy Cooper.

Tha HB142 a’ toirt cead ri tar-ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh-beag dhen ghnè ris a bheil iad ag aithneachadh ach tha e cuideachd a’ cur casg air bailtean-mòra bho bhith a’ dèanamh laghan ùra a-thaobh leithbhreith ro 2020. Tha seo a’ ciallachadh ma tha droch-bhuaidh sam bith air neach tar-ghnèitheach air sgàth ’s an taigh-beag a chleachdas iad cha bhith iad air an dìon leis an lagh. Cuideachd chan eil an lagh ùr seo a’ buntainn ach ri togalaichean poblach agus riaghaltais agus chan eil ri companaidhean prìobhaideach.

Ann an aithris ri PinkNews tha neach-labhairt Apple air diùltadh gun deach co-dhùnaidhean sam bith a dhèanamh aig an ìre-sa a thaobh suidheachadh an oifis ùr.

Read more