Eminem gu bhith a’ riochdachadh Elton John ann am film ùr

07 An Giblean 2008

Tha Eminem (Marshall Bruce Mathers III) gu bhith a’ riochdachadh Sir Elton John ann am film ùr mu dheidhinn beatha an seinneadair co-sheòrsach.

Tha Eminem air tòrr caithream fhaighinn bhon dà fhilm a rinn e mar thà, Da Hip Hop Witch agus 8 Mile, a chaidh a stèidheachadh air a bheatha aige fhèin.

Tha Eminem gu math ainmeil anns a’ choimhearsnachd LCDTE air sgàth ’s gu bheil cuid dhe na h-òrain aige a’ toirt ionnsaigh air, ach ann an 2001 sheinn e aig na Grammys còmhla ri Elton John gus sealltainn nach robh gràin aige air.

Thuirt Eminem ged a tha e uabhasach toilichte gu bheil e an sas anns an fhilm cha bhiodh e deònach air seallaidhean co-sheòrsach a dhèanamh.

• • •

Coimhearsnachd LCDTE an dùil ri leth-bhreith anns a h-uile àite

06 An Giblean 2008

Chaidh sgrùdadh ùr fhoillseachadh le Stonewall a tha a’ sealltainn gu bheil an coimhearsnachd LCDTE an còmhnaidh an dùil ri leth-bhreith anns a h-uile àite.

Bha còrr ’s 1,600 daoine LCDTE a’ gabhail pàirt anns a’ chiad sgrùdadh LCDTE air an làrach-lìn YouGov eadar 6mh-10mh An Dùbhlachd 2007.

Air ainmeachadh Serves You Right bha an sgrùdadh a’ toirt a-steach cuspairean a leithid obair, poileataigs, taigheadas, slàinte, foghlam, am poileas, an t-siostam ceartais agus craoladh.

Thuirt aonar anns gach còignear gun dh’fhulaing iad burraidheachd anns an t-ionad-obrach air sgàth ’s an gnèitheachd aca. Thuirt 65% gun robh iad ga fhulaing anns an sgoil agus thuirt 82% nach robh iad comasach air tighinn a-mach anns an sgoil.

Bha 89% dhen bheachd gun tèid bacadh a chur orra nan robh iad airson a ghabhail anns na Tòraidhean, 61% airson na Làbaraich agus 47% airson na Libearalaich. Thuirt 99% seo mu dheidhinn a’ BhNP agus thuirt 82% gun robh iad dhen bheachd gun tèid bacadh a chur orra nan robh iad airson a ghabhail anns an SNP.

Bha aonar anns gach còignear a’ smaointinn gum biodh e nas doirbhe dhaibh taigh fhaighinn gu h-àraidh airson leasbaich.

Thuirt neach-labhairt airson Stonewall, Ben Summerskill, gu bheil an sgrùdadh seo a’ cur nar cuimhne gu bheil a’ choimhearsnachd LCDTE fhathast an dùil ri leth-bhreith anns an t-aonamh linn air fhichead.

• • •

Dùthaich nan Tàidh a’ gabhail ris a’ chasg air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala

05 An Giblean 2008

Tha a’ Chrois Dhearg ann an Dùthaich na Tàidh air co-dhùnadh a dhèanamh gum bi iad a’ gabhail ri lagh a bhios a’ cur casg air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

Thuirt iad gu bheil iad airson seo a dhèanamh air sgàth ’s gu bheil iad air cus fuil fhaighinn a tha HIV+.

A-rèir Seirbheis Iomlaid Fala thàinig a’ mhòr-chuid dhen fhuil seo bho fìrinnich co-sheòrsach a bha ri feise gun dhìon.

Ach chan e Dùthaich nan Tàidh a-mhàin a tha a’ cur casg air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

Ann an 1985 chuir a’ Chrois Dhearg agus Rianachd nan Drogaichean agus a’ Bhidhe ann an Ameireaga casg duine sam bith a bha ri fèise còmhla ri duine eile o chionn 1977.

A-rèir an lagh seo chan eil daoine a tha a’ gabhail drogaichean ann am fèith neo in-imrich à dùthchannan far a bheil HIV+ làidir ceadaichte ri fala a thoirt.

Anns an Rìoghachd Aonaichte tha Seirbheis na Fala ag ràdh anns na riaghailtean aca:

We ask gay men not to give blood because gay men, as a group, are known to be at an increased risk of acquiring HIV and a number of other sexually transmitted infections, many of which are carried in the blood.

An-dràsta tha an casg air daoine co-sheòrsach no dà-sheòrsach fad nam beathannan agus tha Seirbheis Nàiseanta na Slàinte ag ràdh nan robh an lagh seo air atharrachadh gus am bi iad comasach air fuil a thoirt seachad bliadhna as dèidh dhaibh ri fèise le duine eile thèid an cunnart àrdachadh trithead ìrean sa cheud.

• • •

Cruinneachadh gus taic a thoirt ri neach-poileataigs a tha dhen bheachd gu bheil a’ choimhearsnachd LCDTE nas miosa na ceannaircich

05 An Giblean 2008

Chruinnich còrr ’s mìle daoine ann an Oklahoma Diciadain gus taic a thoirt ri Riochdaire Sally Kern.

Chaidh Riochdaire Kern a chàineadh seachdainn seo chaidh air sgàth ’s òraid a rinn i nuair a thuirt i gu bheil a’ choimhearsnachd LCDTE na bhagairt nas motha ris na Stàitean Aonaichte na tha ceannaircich.

Fhuair an cruinneachadh urrasachd bhon a’ bhuidheann Concerned Women for America agus bho luchd-eaglaise. Bha bratach mòr aca anns a’ bhaile ag ràdh “We Support Sally Kern.

A’ bruidhinn ris a’ chruinneachadh thuirt Riochdaire Kern nach biodh i ag ràdh gu bheil i duillich.

“Chan ann mum dheidhinn a tha a’ chuspair seo,” ars i. “‘S ann mu dheidhinn an eaglais a tha e agus na còirichean againn a bhith a’ bruidhinn airson Crìosd a bhàsaich air an son.”

Thuirt Chuck Wolfe, neach-labhairt an Gay & Lesbian Victory Fund:

“Tha Sally Kern agus na càirdean aice a’ toirt taic ri iomairtean a tha airson an saoghal aice fhèin a bhrosnachadh, saoghal far am feum daoine LCDT cumail a-mach gu bheil iad eile-sheòrsach neo dol à shealladh.”

“Ma tha sibh co-sheòrsach, neo ma tha thu eòlach air daoine LCDT bidh fios agad dè cho cunnartach agus neo-ghlic ’s a tha seo.”

• • •

Companasan-catharra ann an Èirinn gu bhith a’ cumail a-mach còirichean airson pàrantan LCDT

03 An Giblean 2008

Chaidh dùilean a briseadh ann an Èirinn as dèidh dhan Riaghaltas a dhearbhadh nach tèid còirichean co-ionann a thoirt ri pàrantan LCDT mar phàirt de lagh ùr a bhios ag aithneachadh companasan-catharra.

Thuirt Grainne Healy a tha ag obair airson am buidheann co-ionannachd MarriagEquality:

“Ged a bhios fàilte air leasachadh sam bith anns a’ chuspair seo, tha dragh oirnn a-nis gum bi an naidheachdan seo a’ ciallachadh nach bi a’ choimhearsnachd LCDT a’ faighinn còirichean co-ionann.”

“Cha toir sinn breith air an sgeama gus am faigh sinn cothrom mion-sgrùdadh a dhèanamh air gus am faic sinn dè na planaichean a tha aig an Riaghaltas.”

“Ach tha sinn làn-chinnteach nach bi daoine co-sheòrsach a’ faighinn co-ionannachd gus am faigh iad cead a bhith a’ pòsadh ann an oifis-chlàraidh.”

Bidh Riaghaltas na h-Èirinn a’ foillseachadh na planaichean aca airson Bile nan Companasan-catharra an ath sheachdain.

Thathar an dùil gum bi na planaichean seo a’ toirt a-steach rudan mar peinnseanan, tèarainteachd shòisealta, còirichean cuid, cìs, tiomnaidh agus sochairean.

• • •

Neach-poileataigs air tionndadh an aghaidh PFLAG

02 An Giblean 2008

Tha Riochdaire Sally Kern air tionndadh an aghaidh PFLAG an dèidh coinneamh dòchasach còmhla riutha seachdain seo chaidh.

Thuirt PFLAG gun robh iad gu math toilichte leis a’ choinneamh eadar iad fhèin agus Riochdaire Kern agus gun robh iad dòchasach air còmhradh seasmhach stèidheachadh leatha.

Ach tha Riochdaire Kern a-nis ag ràdh nach eil PFLAG ag innse na fìrinne. Thuirt i:

“Tha PFLAG air na thuirt mi a thionndadh mun cuairt gus a bheil e a’ coimhead gun do dh’atharraich mi mo bheachdan a-thaobh co-sheòrsachd.”

“Tha mi nam Chrìosdaidh, tha mi a’ creidsinn ann an faclan Dhè agus mar sin chan urrainn dhomh ràdh nach e peacadh a th’ ann an co-sheòrsachd.”

“Tha daoine co-sheòrsach mar-thà nan saoranaich aig a bheil còirichean co-ionnan. Tha iad ag iarraidh ‘còirichean sònraichte’ airson an dòigh-beatha fhulangach aca.”

• • •

Bàrd Èireannach a’ bruidhinn ann an agallamh air amharais gun do ghabh e brath air balaich ann an Neapàl

02 An Giblean 2008

Tha bàrd Èireannach, a tha fo amharas gun do ghabh e brath air balaich ann an Neapàl, air agallamh a dhèanamh air Raidio na Gaeltachta.

Dhearbh Cathal Ó Searcaigh gu robh e ri fèise le balaich ann an Neapàl ach cha robh iad nas òige na 16 (an aois aontachaidh ann an Neapàl) agus nach do ghabh e brath orra agus thuirt e gu bheil e na fhulangaiche de fhilm aithriseach taobhach.

“Tha mi a’ nochdadh mar dhaoine dhiabhlaidh ach chan eil mi a’ smaointinn gu bheil mi mar seo idir.”

“Tha an taigh-òsta agam ann an Neapàl coltach ris an taigh agam. Tha an doras agam fosgailte.”

“Bha iad a’ tighinn mar càirdean. Cha robh iad a’ tighinn airson feise. Cha do ghabh mi brath orra.”

• • •

Buidheann co-ionannachd gu bhith a’ dèanamh prìomhachas air cùisean-lagha a-thaobh gnèitheachd

02 An Giblean 2008

Chaidh sgeama stèidheachadh le Coimisean nan Còirichean Daonna agus Co-ionannachd (EHRC) a bhios a’ dèanamh prìomhachas air cùisean-lagha a-thaobh gnèitheachd.

Mar buidheann poblach, tha dleastanas aig an EHRC a bhith a’ freagairt cùisean gnè, cinnidh agus ciorraim. Thèid an sgeama seo a leasachadh eadar 2008 agus 2009 a bhith a’ toirt a-steach cùisean aois, gnèitheachd, creideamh agus còirichean daonna.

Tha dleastanas aig a h-uile buidheann poblach air sgeama co-ionannachd a dhèanamh ach tha am buidheann Stonewall ag ràdh gum bu chòir do dleastanas a bhith aca air co-ionannachd LCDT a bhrosnachadh cuideachd.

• • •

Taghadh a’ toirt dòchas do dhaoine co-sheòrsach ann an Sìombabue

02 An Giblean 2008

Tha daoine co-sheòrsach ann an Sìombabue an dòchas gum bi smachd Robert Mugabe a’ tighinn gu crìoch an seachdain seo.

Tha Mugabe, 84, air a bhith a’ dèanamh geur-leanmhainn air a’ choimhearsnachd LCDT fad còrr ’s 25 bliadhna.

Tha e ainmeil airson ag ràdh gu bheil daoine co-sheòrsach nas miosa na mucan agus coin agus tha e air luchd-eaglaise bhagairt air sgàth ’s gun robh iad a’ toirt taic ri iomairtean LCDT a leithid le companasan-catharra. Tha e fiù ’s mì-laghail làmh cuideigin dhen aon ghnè a chumail.

Dhùin na h-ionadan-bhòtaidh feasgar Disathairne ach cha deach na toraidhean fhoillseachadh fhathast.

Tha dragh air a’ choimhearsnachd eadar-nàiseanta a thaobh an dàil seo.

Thuirt Gordon Brown, Prìomhaire an Rìoghachd Aonaichte:

“Bidh sùilean an t-saoghal air Sìombabue anns na làithean a tha romhainn agus tha mi a’ smaointinn gu bheil e gu math cudromach gum bi taghadh saor aca, gum bi na toraidhean a’ tighinn a-mach agus gum bi iad a’ tighinn a-mach gu luath.”

• • •

Taic airson pòsaidhean aon-sheòrsach a’ fàs nas làidire ann an Èirinn

31 Am Màrt 2008

Fhad ’s a tha gnìomhaichean LCDTE ann an Èirinn a’ feitheamh ri chluinntinn molaidhean an Riaghaltas airson càraidean aon-sheòrsach aithneachadh gu h-oifigeil, tha cunntas-bheachd ùr a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-chuid ann an Èirinn air a shon.

Chaidh an cunntas-bheachd fhoillseachadh leis a’ bhuidhinn co-ionannachd MarriagEquality agus tha na toraidhean a’ sealltainn gu bheil 84% airson pòsaidhean aon-sheòrsach neo companasan-catharra.

Ach tha an Riaghaltas air pòsaidhean aon-sheòrsach a dhiùltadh mar thà air sgàth ’s gum biodh feum aca air a’ bhun-reachd atharrachadh.

Thathar an dùil gum bi Brian Lenihan, Ministear na Ceartais a’ foillseachadh molaidhean a thaobh companasan-catharra a dh’aithghearr.

Thathar a’ tuigsinn gum bi Èirinn ag aithneachadh pòsaidhean LGBT, aonaidhean-catharra agus companasan-catharra nan dùthchannan cèin.

• • •

Iorànach co-sheòrsach gu bhith a’ fuireach anns a’ Ghrèig

31 Am Màrt 2008

Tha gnìomhaichean LCDTE anns a’ Ghrèig a’ dèanamh subhachas an dèidh dhan Riaghaltas tèarmann a thoirt ri Iorànach co-sheòrsach a bha gu bhith a’ fuadach a-mach.

Air ainmeachadh Alex gus a chumail sàbhailte air sgàth ’s gun robh e ga chur an grèim, ga bhualadh agus ga chur an cràdh air sgàth ’s gun robh e co-sheòrsach.

Chaidh dà thagradh aige a dhiùltadh leis an Riaghaltas mar thà ach chaidh iomairt a stèidheachadh leis a’ choimhearsnachd LCDTE anns a’ Ghrèig gus Alex a shàbhaladh.

Thuirt neach-labhairt aca:

“Tha sinn toilichte ri ràdh gun deach tèarmann a thoirt ris an Iorànach co-sheòrsach Alex as dèidh ath-sgrùdadh dhen chùis-lagha aige.”

“Bu toigh leinn taing mhòr a thoirt ris na daoine a bha gar cuideachadh leis an iomairt.”

Ach tha iad ag ràdh ged a tha iad toilichte leis a’ cho-dhùnadh seo tha fhathast tòrr daoine co-sheòrsach eile air feadh an t-saoghal ann an èis.

• • •

Iosrael air bhìosa a thorit ri Palastaineach co-sheòrsach

30 Am Màrt 2008

Tha Iosrael air bhìosa a thoirt ri Palastaineach co-sheòrsach air sgàth ’s gun robh e ann an cunnart anns a’ Bhruach an Iar.

Tha an duine gun ainm an dùil ris a’ chompanach aige fhaicinn a-rithist ann an Tel Aviv.

Ach tha Feachdan Dìon na h-Iosrael (IDF) air ràdh gur e bhìosa airson ùine ghoirid a th’ ann fhàd ’s a tha Ministrealachd na h-Iosrael a’ sgrùdadh na cùis-lagha aige agus ’s mar sin feumaidh e bhìosa ùr fhaighinn gach mìos gus an co-dhùnadh aca.

Tha co-sheòrsachd fhathast toirmeasgte anns na sgìrean Muslamach anns a’ Bhruach an Iar ach tha Iosrael fada nas fosgailte ris.

Tha i ag aithneachadh pòsaidhean aon-sheòrsach eadar-nàiseanta, tha iad a’ toirt cead ri companaich eadar-nàiseanta a bhith a’ fuireach leis na companaich Iosraeleach aca agus tha raon de laghan diofraichte a’ dìon a’ choimhearsnachd co-sheòrsach.

• • •