Tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd
Tha tidsearan co-sheòrsach ann an Èirinn gu bhith gan cur à dreuchd air sgàth ’s gu bheil an gnèitheachd aca a’ dol an aghaidh poileasaidh creideamh nan sgoiltean.
Tha tidsearan anns a’ bhuidhinn LCDT aig INTO (Irish National Teacher’s Organisation) ag ràdh gu bheil an Employment Equality Act a’ toirt cead ri sgoiltean a chur tidsearan à dreuchd air sgàth ’s an gnèitheachd aca ma tha e a’ dol an aghaidh creideamh an sgoile.
A-rèir Earrann 37 dhen achd faodaidh sgoiltean gnìomh a thoirt gus “casg a chur air neach-obrach sam bith a tha a’ lagachadh inbhe creideamh an t-ionad-obrach.”
Chaidh a’ bhuidhinn LCDT stèidheachadh ann an 2004 agus tha 35 buill an sas ann. Tha iad air iomairt stèidheachadh a-nis gus Earrann 37 a chur às.