Neach-poileataigs aig a bheil gràin-co-sheòrsachd a’ coinneachadh le PFLAG
Tha neach-poileataigs à Oklahoma, a tha ainmeil airson ag ràdh gu bheil daoine co-sheòrsach nan bagairtean nas motha ris na Stàitean Aonaichte na tha ceannaircich, air a bhith a’ coinneachadh le buidheann PFLAG (Parents & Friends of Lesbians & Gays).
Thug a’ choimhearsnachd eadar-nàiseanta an àire do Riochdaire Sally Kern na bu tràithe a’ mhìos seo chaidh nuair a dh’fhoillsich am buidheann Gay & Lesbian Victory Fund bhidio air YouTube a’ sealltainn Riochdaire Kern a’ toirt seachad òraid a bha ri gràin-co-sheòrsachd.
Tha Riochdaire Kern a’ togail casaid an aghaidh a’ choimhearsnachd co-sheòrsach ag ràdh gu bheil iad a’ putadh “gay agenda” agus tha iad a’ feuchainn ri dòigh-beatha co-sheòrsach a bhrosnachadh ri clann òg.
Thuirt i:
“An stuth seo, tha e marbhtach, tha e a’ sgaoileadh agus millidh e na daoine òga againn. Millidh e an nàisean seo.”
Thuirt Loyce Newton-Edwards, Ceann-suidhe PFLAG ann an Oklahoma:
“Tha sinn toilichte gun tug Riochdaire Kern ùine airson bruidhinn rinn, agus gu bheil i deònach smaoineachadh air còmhradh seasmhach stèidheachadh eadarainn.”