‘S e film aithriseach a th’ ann an Firinn is Feise a tha a’ toirt iomradh air sgeulachdan pearsanta bhon Ghàidhealtachd air an còmhstri eadar gnè feise is creideamh spioradail. Tha e ri fhaicinn air BBC iPlayer an-dràsta aig http://www.bbc.co.uk/iplayer/episode/b00g2j55/Firinn_is_Feise/.
Tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air comataidh ùr stèidheachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air dè an t-àite a bu chòir a bhith aig aonaidhean aon-sheòrsach sa Chrìosdachd agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd.
Thuirt an t-Urr. Bruce Reyes-Chow, Moderàtor an Eaglais, gu bheil an comataidh air a dhèanamh suas le iadhairean, luchd-lagha, aoghairean agus proifeiseantaich an-sàs ann an diofar obraichean diadhaidh.
“Tha fios agam gum bi tòrr deasbad a’ dol air adhart a thaobh na co-dhùnaidhean agam,” thuirt Reyes-Chow air a’ bhlòg aige, “agus air an obair a nì iad.”
Coltach ris na prìomh eaglaisean Pròstanach eile, tha Eaglais Chlèireach nan Stàitean Aonaichte air a bhith sgaraichte mu dheidhinn an àite a th’ aig daoine LCDT anns an eaglais. An-dràsta, tha 173 clèirich a’ bhòtadh air cead a thoirt do daoine co-sheòrsach a bhith nam ministearan. Faodaidh clèirich aonaidhean aon-sheòrsach a bheannachadh fhad ’s nach eil iad a’ toirt inbhe co-ionann ri pòsadh dhaibh.
Aig a’ cheart àm, tha cùirtean stàite air diofar co-dhùnaidhean a dhèanamh a thaobh pòsadh aon-sheòrsach: tha iad laghail ann am Massachusetts agus ann an Connecticut ach tha iad mì-laghail anns a’ mhòr-chuid dhe na stàitean eile.
Thuirt Reyes-Chow gun dèan an comataidh cinnteach “gu bheil sinn a’ tuigsinn na tha sinn ag ràdh nuair a tha sinn a’ deasbad pòsadh ann an suidheachadh diadhaidh neo pòsadh ann an institiud catharra.”
Dh’iarr an General Assembly air Reyes-Chow comataidh stèidheachadh agus poileasaidhean mholadh.
Gu sònraichte, feumaidh an comataidh sùil a thoirt air: eachdraidh nan laghan a’ dèiligeadh ri pòsadh agus aonaidhean catharra; ciamar a tha diadhachd agus pòsadh air leasachadh anns an Traidisean Ath-leasaichte agus anns an Traidisean Chrìosdachd san fharsaingeachd; am buaidh a th’ aig lagan an latha an-diugh air companaich aon-sheòrsach agus an clann aca; agus an àite a th’ aig aonaidhean aon-sheòrsach taobh a-staigh a’ choimhearsnachd Chrìosdachd.
Bidh aig a’ chomataidh ri toraidhean an rannsachaidh fhoillseachadh ann an 2010.
Tha an Eaglais Chaitligeach ann an Alba air ionnsaigh a thoirt air daoine co-sheòrsach agus leasbaich a-rithist.
“Tha an t-uamhas de fhianais ann a tha a’ sealltainn gu bheil càirdeasan aon-sheòrsach neo-sheasmhach gu dualach agus gun tèid dùil-bheatha nan daoine a tha an sàs annta ìsleachadh,” arsa neach-labhairt an eaglais, Peter Kearney.
Bha Mgr. Kearney a’ toirt iomradh air cùis-lagha dithis clann a chaidh an uchd-mhacachadh le càraid co-sheòrsach as dèidh dhan Ùghdarrasan Dùn Èideann ràdh gun robh na sean-phàrantan aca ro shean airson a dhèanamh.
Thuir Mgr. Kearney dhan Daily Mail:
“Is e co-dhùnadh lèir-sgriosail a tha seo aig a bhios buaidh mhòr air sochair a’ chlann.”
“Tha dleastanas aig buidhnean uchd-mhacaichidh Caitligeach a bhith coma ma bhios clann air an cur fo chùram càraid pòsta neo càraid co-sheòrsach; tha seo fada fada ceàrr,” ars an eaglais aig Co-labhairt nan Easbaigean san Dàmhair.
“Feumaidh poileasaidhean teaghlaichean seasmhach a bhrosnachadh.”
Tha daoine LCDT ann am Bachrain a’ togail casaid an-aghaidh riaghaltas an dùthaich as dèidh dhaibh casg a chur air lìn-sòisealta LCDT.
Tha làraichean-lìn sòisealta, a leithid Gaydar, gu math measail a-measg daoine LCDT san dùthaich air sgàth ’s gu bheil iad a’ toirt dòigh sàbhailteach dhan choimhearsnachd LCDT a bhith coinneachadh ri chèile.
Tha mòran a-nis dhen bheachd gum bi iad ann an cunnart air sgàth ’s gum bi aca ri coinneachadh ann am poblach, far a bhios iad ri fhaicinn leis na teaghlaichean aca, na h-ùghdarrasan agus daoine eile a tha an-aghaidh co-sheòrsachd.
Chaidh iomairt ùr a chur air bhog ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt gus cead pòsaidh slàn a thoirt do dhaoine LCDT.
Cuideachd tha an athchuinge ag amas air pòsaidhean diadhaidh a thoirt do chàraidean LCDT.
Chaidh athchuinge na Pàrlamaid a chur air dòigh leis Amnesty International.
Thuirt Nick Henderson, Ceannard an lìn: “Tha co-ionannachd a’ ciallachadh gum bu chòir dhan lagh a bhith a’ toirt còirichean dhan a h-uile duine.”
“A dh’aindeoin na coltasan eadar companasan-catharra agus pòsadh – tha ’sgaraichte ach co-ionann’ co-ionann ri neo-ionannachd.”
Tha an athchuinge airson an 1977 Marriage (Scotland) Act atharrachadh gus cead pòsaidh a thoirt do chàraidean LCDT. Tha e cuideachd airson an lagh atharrachadh gus am bi seirbheisean diadhaidh ceadaichte òir tha laghan a thaobh companasan-catharra a chur bacadh air seirbheisean mar seo.
Thuirt Mgr Henderson: “Bu toigh leinn faicinn cothroman aig càraidean LCDT seirbheis diadhaidh a chumail, a bharrachd air companasan-catharra, ma tha e ceadaichte anns a’ bhuidheann diadhaidh.”
“A thaobh pòsadh aon-sheòrsach, tha sgaradh farsaing eadar bheachdan gach buidheann agus bu chòir do eaglaisean, teampaill agus sionagogan a bhith comasach air càraidean LCDT a phòsadh ma thogras iad.”
“Tha an Riaghaltas ceàrr le bhith a’ smaointinn gu bheil creideamh agus daoine LCDT neo-chomasach air dol ri chèile, agus cha bu chòir dhan stàit ràdh ma tha aon buidheann diadhaidh ceart agus gu bheil buidhnean eile ceàrr.”
Chuir Attorney General Edmund G. “Jerry” Brown, Jr., iongnadh air a h-uile duine ann an California nuair thug e bharail laghail do Àrd-chùirt Chalifornia an aghaidh Proposition 8. Bidh dleastanas àbhaisteach aig an Attorney General an lagh a’ dìon. Thuirt Attorney General Brown, a b’ àbhaist a bhith na riaghladair e fhèin (1975-1983), gu nach eil comas aig bhòt an t-sluaigh sam bith a chur às don còraichean bun-reachdail coltach ri co-ionnanachd nan daoine. ‘S e seo argamaid laghail caran nas làidire na h-argamaid a rinn na luchd-dùbhlain eile.
Bidh an neach-lagha ainmeil Kenneth Starr a’ dìon Proposition 8 air beulaibh an Àrd-chùirt Chalifornia mar riochdaire nam buidheann a chuir am Proposition air adhart bho thùs. Bha Kenneth Starr an sàs sna cùisean-lagha an aghaidh Ceann-suidhe Bill Clinton anns na 1990s, agus an-diugh tha e na Dhean aig Pepperdine Law School ann am Malibu ann an California.
An e “ath-sgrùdadh neo dìreach “atharrachadh” a th’ ann?
‘S ann do bun-reachd na stàite a bhuineas Proposition 8 an-dràsta. Chan urrainn do Àrd-chùirt bun-reachd a chur às. Ciamar am b’ urrainn do luchd-dùbhlain a thoirt cùis-lagha na h-aghaidh? Seo cnac a’ chùis: tha clàs dìon còraichean co-ionnan aig Bun-reachd na Stàite, ach an e Proposition 8 ath-sgrùdadh mòr air a’ chlàs sin agus a’ Bhun-reachd fhèin, neo dìreach atharrachadh beag? ‘S e ceist chudromach a th’ann. ‘Sann a-mhàin pàrlamaid na stàite, ris an canar The State Assembly, a b’ urrainn ath-sgrùdadh bun-reachdail a chur air beulaibh an t-sluagh, agus feumar a bhith mòr-chuid de 2/3 san Assembly air a shon. Ma tha an sluagh ag iarraidh atharrachadh beag a dhèanamh, ‘s urrainn dhaibh ath-chuinge a dhèanamh airson atharrachadh a chur air a’ bhallot, agus tha mòr-chuid simplidh, 51%, gu leòr airson buaidh. Tha na luchd-dùbhlain, a tha nan gearanaichean a’ chùis, ag iarraidh gum breith an Àrd-chùirt gur e ath-sgrùdadh mòr a th’ ann am Proposition 8, agus gun robh na modhan gun a bhith riaghailteach. Ma dh’aontaicheas na breitheamhan, bhiodh Proposition 8 a’ dol à bith.
Chaidh bhidio ùr a chur air an làrach-lìn FunnyOrDie.com, a tha a’ togail fianais an aghaidh Proposition 8.
B’ e cruthachadh Marc Shaiman a bh’ ann, a sgrìobh ceòl film ‘South Park: Bigger, Longer & Uncut’ agus dhealbh-chluich cheòlmhor ‘Hairspray’.
Chaidh Proposition 8 aontachadh le luchd-bhòtaidh ann an California 4mh An t-Samhain. Chuir i pòsadh aon-sheòrsach fon choill, ach tha ceist toinnte dè thachras ris na càraidean a chaidh a phòsadh mar-thà. Thuirt an co-dhùnadh seo gun robh còir a phòsadh aig daoine co-sheòrsach fo bhun-reachd na stàite.
Tha daoine ainmeil a’ cluich anns a’ bhidio: Neil Patrick Harris, John C. Reilly, Margaret Cho agus Jack Black, a tha a’ cluich Ìosa. Aig an deireadh, tha Harris ag ràdh ris na daoine air gach taobh an deasbaid gum biodh pòsadh (agus sgaradh-pòsaidh) aon-sheòrsach na b’ fheàrr dhan eaconomaidh Ameireaganach — an deidh do Ìosa a dhìobradh a dhearbhadh dha na daoine chràbhaich ri argamaid an spioraid.
Tha clèir Èireannach air am bhidio-ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.
Anns a’ bhidio ùr tha Boyzone a’ nochdadh ann an seallaidhean còmhla ri ban-actairean a’ riochdachadh na mnathan aca ach tha Stephen Gately, a tha co-sheòrsach, a’ nochdadh le actair fireannach.
Thuirt an Clèir Èireannach ris The Sun gu bheil am bhidio a bhios air fhaicinn le muilnean a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach ri daoine òga.
Ach thuirt Stephen Gately, “Nam bheachd-sa, cha bu chòir do chùis mhòr a bhith a’ dèanamh a-mach à seo.”
B’ e Boyzone a’ chiad còmhlan-ciùil a chur càraid co-sheòrsach ann am bhidio-ciùil.
Seo agaibh am bhidio-ciùil airson Better:
Tha luchd-foghlaim ann an Chicago air a ràdh nach tèid planaichean airson sgoil LCDT fhosgladh sa bhaile air adhart.
Thathar ag ràdh gu bheil luchd-dùbhlain a-nis airson an sgoil fhosgladh gu mion-chodaichean eile seach a bhith airson daoine LCDT a-mhàin.
“Bha iad airson dèanamh cinnteach gum biodh an sgeama fosgladh a-mach ri clann eile air an iomall air sgàth ’s adhbharan a leithid creideamh, cuideam agus eile,” arsa neach-labhairt ùghdarrasan an sgìre, Michael Vaughn.
Thuirt luchd-taice an sgeama nach robh iad airson na planaichean a dhol air adhart a-nis air sgàth ’s gun robh iad air a bhith “watered down” agus nach eil iad a’ co-fhreagairt na h-amasan aca tuilleadh.
Chaidh iomairt ùr a chur air bhog anns na Stàitean Aonaichte gus sgoilearan a theagasg mu dheidhinn am buaidh a tha aig cànan oilbheumach air daoine LCDTE.
Mar phàirt dhen iomairt thèid sanasan ùra fhoillseachadh air 33,000 stèiseanan air feadh na Stàitean a’ toirt a-steach t.bh., radio, pàipearan-naidheachd, irisean agus an t-eadar-lìon.
Chaidh an iomairt a chur air bhog le GLSEN (The Gay, Lesbian and Straight Education Network) agus The Ad Council.
Anns na sanasan ùra chìtear suidheachaidhean diofraichte far a bhios cuideigin ag ràdh “that’s so gay” mar a bhios a’ mhòr-chuid de sgoilearan ag ràdh an-diugh. Aig deireadh na sanasan bidh Wanda Sykes neo Hilary Duff ag innse dha na sgoilearean “to knock it off”.
Tha an iomairt an dùil gum bi deugairean mothachail air am buaidh a tha aig cànan mar seo air sgàth ’s gum bi i oilbheumach ri cuid.
A bharrachd air na sanasan tha an iomairt air làrach-lìn ùr a chur air bhog aig www.ThinkB4YouSpeak.com agus tha na sanasan ag iarraidh air duine sùil a thoirt air.
Tha an iomairt a’ buntainn ri foillseachadh de GLSEN’s 2007 National School Climate Survey a tha a’ sealltainn gu bheil 9/10 deugairean LCDTE ag ràdh gu bheil iad air a bhith a’ sàrachadh air sgàth ’s an gnèitheachd aca.
‘S e “That’s gay” an abairt as cumanta a chluinneas tu anns na raon-cluiche san là an-diugh ach tha rannsachadh a’ sealltainn nach eil a’ mhòr-chuid eòlach air am buaidh a th’ aig faclan mar seo air daoine eile.
Tha Associated Press ag ràdh gu bheil luchd-bhòtaidh ann an Arizona air bhòtadh airson casg a chur air pòsadh aon-sheòrsach.
Ged a bha pòsadh aon-sheòrsach mì-laghail ann an Arizona mar thà bha luchd-bhòtaidh airson bun-reachd na stàit atharrachadh gus nach biodh cùirt comasach air seo atharrachadh.
Chaidh na h-atharrachaidhean aontachadh Dimàirt.
A bharrachd air muinntir Arizona, bhòt luchd-bhòtaidh ann an California agus Florida air casg air pòsadh aon-sheòrsach an-dè. Chan eil na toraidhean air fhoillseachadh fhathast, ach an-dràsta thathar an dùil gun tèid Proposition 8 aontachadh ann an California.
AIR ÙRACHADH: Bhòt California, Florida agus Arizona airson casg a chur air pòsadh aon-sheòrsach.
Tha ionad-rannsachaidh anns na Stàitean Aonaichte air ràdh gu bheil còrr ’s 18,000 daoine air phòsadh ann an California o chionn 17mh dhen t-Òg-mhios 2008 nuair a rinn na h-ùghdarrasan pòsadh aon-sheòrsach na lagh.
An-diugh bidh luchd-bhòtaidh san stàit a’ bhòtadh air Proposition 8 a tha a’ feuchainn ri casg a chur air pòsadh aon-sheòrsach. Bidh luchd-bhòtaidh ann an Florida agus Arizona a’ bhòtadh air cuideachd.
Tha còrr ’s $60m (£32m) air a thogail eadar gach taobh dhen deasbad le companaidhean mòra a leithid Apple a thug $100,000 dhan iomairt an-aghaidh Proposition 8 agus Google a thug $140,000 dhan iomairt. Cuideachd tha rionnagan a leithid Brad Pitt agus Steven Spielberg air airgead a thogail. Air an taobh eile tha an Eaglais Chaitligeach agus Eaglais Mhormonach air tòrr airgead a thogail dhan iomairt airson Proposition 8.
Chaidh cunntas-bheachd fhoillseachadh o chionn ghoirid a’ sealltainn gum bhòt 49% dhe luchd-bhòtaidh an-aghaidh Proposition 8, 44% airson agus nach eil 7% cinnteach.