Deasbad mu dhaoine co-sheòrsach a’ toirt seachad fala

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an casg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

Chaidh an casg a chur an sàs anns na 1980an air sgàth eagail mun ghalair HIV.

Mhol an aithisg mu dheireadh, a chaidh a dhèanamh anns an Fhaoilleach 2007, gum bu chòir dhan poileasaidh a-thaobh fireannaich co-sheòrsach fuirich mar a bha e.

Thèid an rannsachadh ùr a dhèanamh le comataidh comhairle neo-eisimeileach a tha an urra ri comhairle a thoirt dhan riaghaltas a-thaobh cùisean fala, ceallain agus buill.

Bidh an aithisg ùr a’ toirt a-steach fiosrachadh mu dheidhinn cho cumanta ’s a bhios Seirbheis na Fala a’ lorg galaran-gabhaltach agus ciamar a bhios na galaran-gabhaltach seo a’ sgaoileadh. Cuideachd thèid rannsachadh a dhèanamh gus faighinn a-mach cò na buidhnean as cumanta air a bheil galaran-gabhaltach mar seo.

A bharrachd air seo bidh iad a’ sgrùdadh poileasaidhean eile air feadh an t-saoghal gus faighinn a-mach ciamar a tha dùthchannan eile a’ làimhseachadh a’ chuspair seo.

Tha buidhnean LCDT air fàilte a chur air an naidheachd seo. Tha na buidhnean seo dhen bheachd gur e leth-bhreith a th’ anns a’ chasg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte dhaibh a bhith a’ toirt seachad fala.

Thuirt labhraiche bhon Lìonra LCDT: “‘S e poileasaidh seann-fhasanta a th’ anns a’ chasg, a chaidh a chur an gnìomh bho chionn deicheadan nuair a bha daoine dhen bheachd gur e galair nach biodh ach daoine co-sheòrsach a’ faighinn a bh’ ann an HIV.”

“Tha fhios againn san là a th’ ann nach ann mar sin a tha cùisean.”

“Chan eil adhbhar clionaigeach ann airson a’ chasg air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a bhith a’ toirt seachad fala.”

Thuirt Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS) gu bheil iad a’ cur fàilte air an rannsachadh ach gu bheil e mar dhleastanas dhaibh a bhith cho cinnteach ’s a ghabhas gu bheil an fhuil a tha ri fhaotainn anns an stòras aca glan agus sàbhailte.

Thèid a’ mhòr-chuid dhen rannsachadh a thaisbeanadh dhan comataidh comhairle as t-samhradh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.