Gearanan a’ cur bacadh air ministear co-sheòrsach
Thèid coinneamh a chumail gus deasbad ma bhios ministear co-sheòrsach ann an Obair Dheathain comasach air obair airson an eaglais.
Tha am Press & Journal ag ràdh gun deach an t-Urr. Scott Rennie a chur an dreuchd aig Eaglais Chrois na Banrighinn san Fhaoilleach le bhòt 60 gu 24 ach gu bheil 13 buill dhen eaglais air gearanan a dhèanamh mun dhòigh-bheatha aige.
Tha an t-Urr. Rennie a’ fuireach anns a’ mhansa aig Àrd-Eaglais Bhrechin, far a bheil e ag obair, còmhla ris a bhràmair.
A-nis thèid coinneamh a chumail le comataidh air a dhèanamh suas le ministearan agus èildearan gus deasbad air na gearanan agus co-dhùnadh a dhèanamh air ma bhios an cuspair a’ dol air adhart dhan Seanadh sa Chèitean.