Cuairt-litir #44

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Ro-ràdh

Tha mi air leth duilich nach eil cuairt-litir air a bhith ann fad trì seachdain gu leth a-nis, ach bhrìs an sgrìon air a’ MhacBook Air agam agus tha e càran doirbh sgrìobhadh air an iFòn agam - sgrìobh mi an t-eagran seo air a’ PhC aig an oifis (🤫) is feuchaidh mi seo a dhèanamh gus am bi coimpiutair ùr agam.

Glaschu

Dh’aidich boireannach ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Glaschu Diluain gun d’thug i ionnsaigh air boireannach eile ann an club gèidh agus gun do dh’èigh i cainnt homafòbach air oifigear-poilis.

Dh’aidich Amy Montgomery, 28, gun d’thug i ionnsaigh air Aimee Henderson aig a’ chlub AXM ann an Glaschu anns a’ Ghearran 2022.

Thuit Henderson nuair chaidh i an-sàs ann an argamaid eadar a caraid agus Montgomery agus chaidh a cur ann am paisean nuair a bhreab Montgomery i mun a ceann.

Bhathar cuideachd ag aithris gun do chuir i smugaid air PC Gordon Stormont agus gun do dh’èigh i “p**fy b******” dha.

Chuir an Siorram binn dheth ‘s iad a’ feitheamh air aithisgean cùl-fhiosrachaidh.

An t-Sligeach

Chaidh binn-bheatha sa phrìosain a chur air fireannach a mharbh dithis fhear ghèidhe agus a thug ionnsaigh air fear eile anns an t-Sligeach ann an 2022.

Mhurt Yousef Palani Aiden Moffitt, 41, agus Michael Snee,58, agus thug e ionnsaigh air Anthony Burke sa Ghiblean 2022 as dèidh dha aplacaid-suirghe ghèidh a chleachdadh gus coinneachadh riutha.

Dh’aidich Palani gun robh e ciontach aig an Àrd-chùirt Diluain (23mh An Dàmhair), agus chur am Britheamh, Mary Ellen Ring, binn-bheatha airson gach casaid muirt air agus 20 bliadhna a bharrachd airson an ionnsaigh air Anthony Burke.

QSSF

Tha Queer Asian Pride Ireland air ainmeachadh gun tèid, an fhèis film aca, Queer Spectrum Film Festival, a chumail 25mh An t-Samhain aig 11:15m anns a’ Phroject Arts Centre ann am Baile Àtha Cliath.

Bidh iad a’ taisbeanadh sreath de fhilmichean ghoirid LGDTCEN+ bho air feadh an t-saoghail is faodar barrachd fhiosrachaidh mun chlàr fhaighinn an-seo.

Josh Kruger

Tha na Poilis ann am Philadelphia air neach-amharais, a chur an grèim an co-cheangail ri mhurt an neach-naidheachd is neach-iomairt LGDTCEN+, Josh Kruger, na bu tràithe air a’ mhìos seo.

Chaidh an gairm gu taigh Kruger mu 1.28 madainn Diluain 2na den Dhàmhair far an do lorg iad gun deach a losgadh seachd tursan mun a bhodhaig.

Tha na Poilis a-nis air dearbhadh gun deach Robert Davis, 19, a chur an grèim Diardaoin (26mh An Dàmhair) fo chasaid muirt, gun robh gunna mì-laghail aige agus gun do mhill e fianais.

Dòmhnall Trump

Thuirt Dòmhnall Trump aig cruinneachadh ann an Sioux City, Iowa, gun shoidhnigeas e àrd-òrdugh a chur stad air maoineachadh do sgoiltean a bhios a’ putadh susbaint cinnidheach, feiseil no poilitigeach “mì-iomchaidh” air clann ma shoirbheachas e anns an taghadh 2024.

An t-Seapan

Riaghail Àrd-chùirt na Seapaine Diciadain (25mh An Dàmhair) gu bheil an riatanas airson luchd tar-ghnèitheach a bhith air an seasgachadh mar phàirt den eadar-ghluasad aca neo-bhun-reachdail.

Fo lagh 2004, bha aig luchd tar-ghnèitheach a bhith air an seasgachadh mus rachadh an eadar-ghluasad aca aithneachadh gu h-oifigeil agus an gnè aca atharrachadh air clàraidhean oifigeil.

A bharrachd air sin, tha an lagh ag ràdh gum feum neach a tha airson an gnè aca atharrachadh a bhith co-dhiù 18 bliadhna a dh’aois; gum feum iad breithneachadh de neo-shàstachd gnè fhaighinn bho co-dhiù dithis dhotairean; nach fhaod iad a bhith pòsta; agus nach fhaod clann mion-aoiseach a bhith aca.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.