Riaghaltas nan Tòraidhean air a’ chasg air “teiripe iompachaidh” a thrèigsinn a-rithist

Cha robh guth air a’ chasg air na cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh” ann an Òraid an Rìgh madainn Dimàirt.

‘S e a th’ ann an “teiripe iompachaidh” cleachdadh sam bith a dh’fheuchas ri taobhadh feise, no dearbh-aithne gnè, neach atharrachadh.

Gheall Sunak nuair a chaidh e na Phrìomhaire gum biodh an casg deiseil a chur an gnìomh san t-Samhain, ach cha cur e iongnadh air mòran gu bheil e a-nis air a’ ghealltanas sin a thrèigsinn.

Tha còrr ’s còig bliadhna agus ceathrar Prìomhairean air a bhith ann a-nis bho gheall na Tòraidhean an toiseach casg a chur air.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.