Cuairt-litir #43

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Uàrdan ospadal bhoireannach

Dh’fhaodadh euslaintich tar-ghnèitheach a bhith air an toirmeasg bho uàrdan ospadal bhoireannach fo phlanaichean Rùnaire na Slàinte, Steve Barclay.

Fo stiùireadh làithreach an NHS, faodaidh euslaintich tar-ghnèitheach leigheas fhaighinn ann an uàrd a cho-fhreagaireas ris an dearbh-aithne gnè aca, ach tha Barclay airson seo atharrachadh gus am faigheadh euslaintich tar-ghnèitheach cùram ann an uàrd fa-leth.

A bharrachd air sin, thathar ag aithris gu bheil Barclay airson cainnt a tha in-ghabhalaiche air dearbhan-aithne tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh a thoirt às an stiùireadh mu mhenopause, aillse na h-ugh-lainn agus aillse muineal na machlaig.

EHRC

Tha an EHRC, am buidheann air a bheil uallach airson laghan an-aghaidh leth-bhreith a cho-èigneachadh, air dithis neach-aghaidh ath-leasachaidhean gnè a shuidheachadh dhan chomataidh Albannach aca.

Tha an neach-naidheachd agus neach-deasachaidh na h-iris Holyrood, Mandy Rhodes, agus an t-seann BhPA Tòraidheach, Adam Tomkins air ràdh roimhe gur e feart “do-atharraichte” a th’ ann gnè agus nach eil ach dà ghnè ann.

Mermaids

Tha Mermaids, a’ charthannas a bhios a’ toirt taic do dh’òigridh tar-ghnèitheach, air ainmeachadh gu bheil iad air an lìonra-sòisealta X (Twitter) fhàgail.

Dh’fhoillsich iad aithris anns an d’thuirt iad gu bheil iad airson na meadhanan sòisealta a chleachdadh gus comas a thoirt do dh’òigridh tar-ghnèitheach is oideachadh a thoirt don mhòr-shluaigh air na cùisean a bhios a’ toirt buaidh orra ach nach eil luachan X co-chòrdail ris na luachan aca tuilleadh.

Thuirt iad gum bi iad a’ cur air bhog sianail TikTok agus gu bheil iad fhathast air Instagram, Facebook agus LinkedIn.

Warwickshire Pride

Tha Warwickshire Pride air ràdh nach bi fàilte air a’ Phàrtaidh Tòraidheach aig na tachartasan aca “gus tòisich iad air luchd tar-ghnèitheach a làimhseachadh leis an urram, an spèis agus an coibhneas air a bheil iad airidh”.

Josh Kruger

Tha na Poilis ann an Philadelphia air dearbhadh gun deach an neach-naidheachd gèidh is an neach-iomairt LGDTC+, Josh Kruger, 39, a losgadh gu bàs.

Chaidh an gairm gu taigh Kruger mu 1.28 madainn Diluain far an do lorg iad gun deach a losgadh seachd tursan mun a bhodhaig.

Thuirt na Poilis neach deach gunna a lorg aig an làrach, nach deach neach sam bith a chur an grèim fhathast agus gu bheil rannsachadh a’ leantainn.

Nebraska

Chaidh reachdas ùr a chur an gnìomh ann a Nebraska Didòmhnaich a chuireas casg air obair-lannsa daingneachadh gnè do luchd tar-ghnèitheach fo aois 19.

Tha am bile cuideachd a’ cur air mion-aoisich tar-ghnèitheach a dhol fo co-dhiù 40 uair de theiripe.

Na h-Eileanan Mhoiriseas

Tha Àrd-chùirt na h-Eileanan Mhoiriseas air feise co-sheòrsach a dhì-eucoireachadh.

Chaidh feise co-sheòrsach a dhèanamh mì-laghail san dùthaich ann an 1838 nuair a bha i fo riaghladh colonaidheach Breatannach.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.