Cuairt-litir #42

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

“Teiripe” iompachaidh

Tha BP nan Tòraidheach, Caroline Nokes, air ràdh gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air na gealltanasan aca a chur casg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe” iompachaidh a bhriseadh.

Rinn Nokes, a tha na Cathraiche Comataidh Thaghte nam Ban is nan Co-ionnannachdan, an aithris an dèidh dhan phàipear-naidheachd, The Times, aithris gum biodh Rishi Sunak a’ cur cùl ris a’ chasg air sgàth ’s bheil casgan den leithid air a bhith “neo-èifeachdach” ann an cuid de dhùthchannan eile.

Thuirt Nokes ri Pink News gu bheil a’ Chomataidh Thaghte air a bhith “gu math soilleir” mun fheum a th’ ann airson casg reachdail air teiripe iompachaidh, gu bheil faisg air dà bhliadhna air a bhith ann bho shoillsich iad na beàrnan anns an reachdas a bhathar a’ moladh agus gu bheil i “a’ cur mar fhiacham gun do chur an riaghaltas cùl ris na gealltanasan a thug iad ris a’ choimhearsnachd LGDTC+”.

Iasgach

Tha sgioba iasgaich nam ban aig Sasainn air ràdh nach gabh iad pàirt ann an farpais na cruinne san t-Samhain an dèidh gun deach tar-bhoireannach, Becky Lee Birtwhistle, a thaghadh ‘son sgioba aca.

Thuirt buidheann riaghlaidh an spòrs, Angling Trust, gun tèid an fharpais air adhart às aonais Shasainn.

Fo riaghailtean làithreach a’ bhuidhinn, faodaidh iasgairean farpais anns an roinn a co-fhreagaireas ris a’ ghnè aca mar a nochdas i air a’ chead-shiubhal no teisteanas aithneachadh gnè aca.

HIV ann an Amsterdam

Tha figearan ùra bhon bhuidheann Dutch AIDS Fund a’ sealltainn gu bheil an àireamh de chùisean ùra de HIV ann an Amsterdam air tuiteam 95% bho chionn 2010.

A-rèir nam figearan, chaidh diagnos HIV a dhèanamh air 128 neach ann an 2019, 66 neach ann an 2021, naoinear ann an 2022 is a’ chathair ag amas air an àireamh sin lùghdachadh gu neoini ro 2026.

California

Tha Riaghladair Chalifornia, Gavin Newsom, air bile a shoidhnigeadh ‘na lagh a chuireas peanas-airgid air sgoiltean poblach a thoirmisgeas leabhraichean mu ghnè no eachdraidh chinneadail.

Florida

Tha Stiùireadair Sgìre-sgoile Shiorrachd Charlotte, Mark Vianello, air òrdachadh leabhraichean LGDTC+ a thoirt a-mach à sgoiltean K-12 (aoisean 5-18) air feadh na sgìre.

Tennessee & Kentucky

Tha Cùirt nan Ath-thagraidhean air riaghladh gum faod luchd-lagha ann an Tennessee agus Kentucky casgan air cùram-slàinte daingneachadh gnè do mhion-aoisich a chur an-gnìomh.

Tha an riaghladh a’ ciallachadh gum bi e mì-laghail san dà stàit leigheasan a-leitheid casgan-inbhidheachd no teiripe bhrodagan a thoirt do mhion-aoisich.

Texas

Tha Galileo Church, ann an Kennedale, Texas air lìonra a stèidheachadh a bheireas maoineachadh do dh’òigridh tar-ghnèitheach a tha feumach air siubhal gu stàit eile gus cùram-slàinte daingneachadh gnè fhaighinn.

Bheir NTTN (North Texas TRANSportation Network) maoineachadh suas ri $1,000 do theaghlaichean a tha a’ fuireach ann an gin de na siorrachdan seo ann an taobh tuath na stàite gus am bi iad comasach air cùram-slàinte a lorg taobh a-muigh na stàite.

TikTok

Thathar ag aithris gu bheil TikTok a’ bruidhinn ris an riaghaltas ann an Kenya mu bhith a’ cur casg air susbaint LGDTC+ san dùthaich.

Tha co-sheòrsachd mì-laghail ann an Kenya agus a-rèir bòrd film na dùthcha tha susbaint LGDTC+ toirmisgte o chionn ‘s gum bi e ga ghlòrachadh, ga bhrosnachadh agus ga nòrmalachadh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.