Cuairt-litir #25

, , ,

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Eabhraig Nuadh

Chaidh fireannach dubh gèidh, 28, a mhurt ann an Nuadh Eabhrac Disathairne.

Thathar ag aithris gun robh O’Shae Sibley taobh a-muigh stèisean-peatrail oidhche Shathairne ’s esan agus na càirdean aige a’ dannsadh nuair a thòisich argamaid eatarra agus buidheann de dh’fhireannaich eile.

Thilg iad tàthagan homafòbach air mus do shàth fear dhiubh e mun a bhodhaig.

Chaidh a thoirt a dh’ospadal ach cha do mhàir beò e.

Thathar ag aithris gu bheil an NYPD ga rannsachadh mar eucoir gràin.

O'Shae Sibley
Dealbh le Kemar Jewel air Facebook.

Montana

Tha britheamh ann am Montana air casg sealach a chur air lagh a chuireas casg air tachartasan drag san stàid.

Chaidh bile HB359 a shoidhnigeadh ’na lagh le Riaghladair Grey Gianforte 22na den Chèitean, ach riaghail am britheamh Brian Morris Diciadain nach eil am mìneachadh a tha an lagh a’ cur air drag soilleir gu leòr agus mar sin dh’fhaodadh e a bhith air a chleachdadh gus casg a chur air iomadh seòrsa tachartais eile.

Mairidh an casg sealach gu 6mh den Lùnastal, ach tha dùil gun ro-shuidhich am Britheamh Morris èisteachd eile mun a’ chùis.

Mike Pence

Tha Mike Pence, a tha a’ seasamh airson a bhith na Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, air ràdh gu bheil e airson luchd tar-ghnèitheach a thoirmeasg bho bhith a’ frithealachadh anns na feachdan armaichte.

Bha luchd tar-ghnèitheach toirmisgte bho seirbheis san airm rè linn Dhòmhnaill Trump ach thog Joe Biden an casg nuair a chaidh e na Cheann-suidhe san Fhaoilleach 2021.

Astràilia

Tha na Poilis ann an Sydney a’ sireadh fireannaich as dèidh dha dithis fhireannach a sàthadh le sgian-choille taobh a-muigh club-oidhche ann an sgìre LGDTC+ a’ bhaile Disathairne.

Chaidh fireannach, 25, a thoirt a dh’ospadal as dèidh dha bhith air a sàthadh iomadh turas, ach thathar ag aithris nach eil e ann an cunnart a bheatha.

Chaidh fireannach eile, 34, an-sàs agus chaidh a leòn mun a ghàirdean clì agus a làmh dheas.

Theich an neach-amharais as dèidh na h-ionnsaighe ’s tha na Poilis ag iarraidh air neach sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh thuca air an àireamh fòn 1800 333 000.

Aon fhreagairt ri “Cuairt-litir #25”

  1. […] an NYPD a’ sireadh fireannaich an co-cheangail ri murt O’Shea Sibley Disathairne. Tha e 17 bliadhna a dh’ aois le falt dorcha ’s bha lèine dhubh agus […]

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach