Cuairt-litir #26

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Madainn Mhath! / Oidhche Mhath!

Tha Tippermuir Books air leabhar-cloinne LGDTC+ fhoillseachadh anns a’ Ghàidhlig agus Albais.

Chaidh an leabhar, “Madainn Mhath! / Oidhche Mhath!”, eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig le Marcas Mac an Tuairneir agus gu Albais le Matthew Mackie.

Anns an sgeulachd “Madainn Mhath!”, tha balach òg agus a chat a’ gabhail spòrs tràth sa mhadainn mus dùisg a mhàthraichean agus ann an “Oidhche Mhath!”, tha nighean òg agus a athraichean a’ feuchainn ris a teadaidh a shàbhalachadh bho chuilean nach eil airson a dhol na chadal.

Iomradh

Tha buidheann-riaghlaidh farpaisean iomradh Bhreatainn air ainmeachadh nach fhaod tar-bhoireannaich farpais ann an roinn nam ban tuilleadh agus gum bi aca ri farpais ann an roinn fhosgailte ùr.

Thèid an riaghailt ùr a chur an gnìomh 11d den t-Sultain.

Eabhrac Nuadh

Tha an NYPD a’ sireadh fireannaich an co-cheangail ri murt O’Shea Sibley Disathairne. Tha e 17 bliadhna a dh’ aois le falt dorcha ‘s bha lèine dhubh agus briogais-ghoirid dhearg air.

Arkansas

Tha britheamh feadarail air casg sealach a chur air lagh a dhèanadh e mì-laghail do leabhar-lannaichean agus reiceadairean-leabhair leabhraichean “cronail” a thoirt do mhion-aoisich.

Tha luchd-taic Achd 372 ag argamaid nach bu chòir cothrom a bhith aig neach sam bith fo aois 18 air leabhraichean mu chuspairean LGDTC+.

Chuir am Britheamh Timothy L. Brooks casg sealach air an lagh as dèidh do bhuidheann de leabhar-lannaichean agus reiceadairean-leabhair cùis-lagha a chuir air chois na aghaidh.

Thuirt am Britheamh Brooks gu bheil earrannan de Achd 372 neo-chunbhalach agus neo-shoilleir agus mar sin nach gabh a chur an gnìomh gus an riaghal a’ chùirt air a’ chùis-lagha.

Kentucky

Tha Cùirt Ath-thagraidhean nan Stàitean Aonaichte airson an t-Siathamh Cuairte air riaghladh gum faod Stàit Kentucky a dhol air adhart le cur an gnìomh lagh a thoirmisgeas cùram-slàinte daingneachadh gnè do luchd òga san stàite.

Tha an lagh cuideachd ag iarraidh air doctairean tòiseachadh air a bhith a’ cur euslaintich òga bhàrr leigheasan a leithid casgan inbhidheachd no brodagan sa bhad.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.