Cuairt-litir #24

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Blaby

Tha Comhairle-pharaiste Bhlaby air àicheadh a dhèanamh gu bheil pròiseas fastaidh homafòbach aca.

Tha e air tighinn as dèidh dhaibh iarrtasan obrach bho Ande Savage, 56, agus Glynn Smith, 65 a dhiùltadh ‘s an dithis thagraichean a’ creidsinn gur ann mar thoradh air an taobhadh feise aca nach robh iad air am fastadh.

Thug an dithis fhireannach iomradh air an taobhadh feise aca san iarrtasan aca, ‘s thuirt iad gun d’fhulaing iad ceistean borb agus ionnsaigheach mu a dheidhinn rè na h-agallamhan aca.

Michigan

Tha Stàit Michigan air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh” a thoirmeasg.

Bhòt Seanadh na Stàite 21-15 airson a’ chasg san Ògmhios agus chaidh a shoidhnigeadh ‘na lagh 26 den Iuchar.

Tha an lagh a’ toirmeasg “cleachdadh no leigheas sam bith a chleachdas neach-proifeasanta slàinte-inntinn mar oidhirp air taobhadh feise no dearbh-aithne gnè a th’ aig neach atharrachadh.

A-rèir a’ charthannas LGDTC+, The Trevor Project, bha 15 sa cheud den òigridh LGDTC+ ann am Michigan fo bhagairt “teiripe iompachaidh” an-uiridh [Tùs].

Florida

Chaidh tar-fhireannach beò-leatromach agus an leanabh aige a mharbhadh ann an Winter Haven, Florida 21 den Iuchar.

Tha Oifis an t-Siorraim ann an Siorrachd Polk ag aithris gun do thilg Riley John Groover, 26, a chèile, Camdyn Rider, 21, faisg air an taigh aca, mus do chur e an urchair ann fhèin.

Bha dùil aig Rider ris an leanabh an ath-mhìos.

Ghàna

Tha dùil gun gabh Pàrlamaid Ghàna ri lagh a dhèanadh e mì-laghail a bhith ri feise co-sheòrsach, a bhith tar-ghnèitheach agus iomairt airson còraichean LGDTC+.

Tha a’ phàrlamaid air a bhith ga dheasbad fad dà bhliadhna mar-thà agus tha a’ mhòr-chuid de bhuill-phàrlamaid air an taic a chur ris.

Thuirt buidheann de dh’eòlaichean nan Nàiseanan Aonaichte ann an 2021 gum brosnaich an lagh “teiripe iompachaidh”, obair-lannsa neo-riatanach air clann eadar-sheòrsach agus èigneachadh de leasbaich mar oidhirp gus an dèanamh eile-sheòrsach.

Thuirt Eaglais Anglach Ghàna ann an 2022 gun robh an lagh ro chruaidh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.