Cuairt-litir #23

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Rannsachadh truailleadh fala

Bheir am Prìomhaire Rishi Sunak fianais an-diugh do rannsachadh an truaillidh fala.

Thathar a’ creidsinn gun do chaill mu 3,000 neach am beatha agus gun deach HIV agus Hepatitis C a chur air mu 30,000 neach as dèidh dhaibh fuil thruaillte fhaighinn anns na 70’an agus na h-80’an.

Keir Starmer

Tha Keir Starmer air ràdh a-rithist gur e “inbheach boireann” a th’ ann am boireannach.

Nochd Ceannard nan Làbarach air prògram Nicky Campbell air BBC Radio 5 Live sa mhadainn ‘s e a’ freagairt sreath de chèistean bhon a’ phoball.

Nuair a thog Campbell a’ cheist mu Phoileasaidh Aithneachadh Gnè nan Làbarach, thuirt Starmer gu gramail gur e “inbheach boireann a th’ ann am boireannach”.

Tha aithris Starmer air tighinn dà latha as dèidh do Rùnaire Dùbhlanach airson Boireannaich agus Co-ionnannachd ainmeachadh nach ceadaich Na Làbaraich fèin-aithneachadh agus gum biodh riatanas ann fhathast airson fianais-leigheis mus faigheadh neach tar-ghnèitheach Teisteanas Aithneachadh Gnè.

Balach tar-ghnèitheach, 13, air fhaighinn marbh

Tha balach tar-ghnèitheach, 13, air làmh a chur na bheatha fhèin mar thoradh air burraidheachd as dèidh dha tighinn a-mach aig an sgoil aige.

Thathar ag aithris gun deach Onyx John fhaighinn marbh 16mh den Iuchar aig taigh a mhàthair ann an Beaudesert, Queensland.

Dh’innis a phiuthar, Lambert Ivy, do Daily Mail Australia robh Onyx a’ fulaing burraidheachd aig an sgoil ‘s air loidhne.

Thuirt i cuideachd gun do dh’fheuch nigheanan aig an sgoil ionnsaigh a thoirt air an-uiridh agus ged a thuirt an sgoil gun dèiligeadh iad ris, cha robh buaidh sam bith ann a-riamh dha na nigheanan.

Dhearbh neach-labhairt Roinn Foghlam Queensland gu bheil rannsachadh a’ leantainn aig an sgoil.

Farpaisean snàmh na Cruinne

Tha buidheann-riaghlaidh snàmh na cruinne, World Aquatics, air ainmeachadh gun tèid roinn mheasgaichte a chruthachadh gus am bi lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach fhathast comasach air farpais.

Bha am buidheann air ainmeachadh mar-thà san Ògmhios nach biodh tar-bhoireannaich comasach air farpais ann an farpaisean nam ban tuilleadh.

Thuirt Ceann-suidhe a’ bhuidheann Dimàirt air thoiseach air farpaisean na cruinne ann an Iapan gun tèid barrachd fhiosrachaidh mu na planaichean aca leigeil mu sgaoil a dh’aithghearr.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.