Cuairt-litir #25
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Nuadh Eabhrac
Chaidh fireannach dubh gèidh, 28, a mhurt ann an Nuadh Eabhrac Disathairne.
Thathar ag aithris gun robh O’Shae Sibley taobh a-muigh stèisean-peatrail oidhche Shathairne ‘s esan agus na càirdean aige a’ dannsadh nuair a thòisich argamaid eatarra agus buidheann de dh’fhireannaich eile.
Thilg iad tàthagan homafòbach air mus do shàth fear dhiubh e mun a bhodhaig.
Chaidh a thoirt a dh’ospadal ach cha do mhàir beò e.
Thathar ag aithris gu bheil an NYPD ga rannsachadh mar eucoir gràin.
Montana
Tha britheamh ann am Montana air casg sealach a chur air lagh a chuireas casg air tachartasan drag san stàid.
Chaidh bile HB359 a shoidhnigeadh ‘na lagh le Riaghladair Grey Gianforte 22na den Chèitean, ach riaghail am britheamh Brian Morris Diciadain nach eil am mìneachadh a tha an lagh a’ cur air drag soilleir gu leòr agus mar sin dh’fhaodadh e a bhith air a chleachdadh gus casg a chur air iomadh seòrsa tachartais eile.
Mairidh an casg sealach gu 6mh den Lùnastal, ach tha dùil gun ro-shuidhich am Britheamh Morris èisteachd eile mun a’ chùis.
Mike Pence
Tha Mike Pence, a tha a’ seasamh airson a bhith na Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, air ràdh gu bheil e airson luchd tar-ghnèitheach a thoirmeasg bho bhith a’ frithealachadh anns na feachdan armaichte.
Bha luchd tar-ghnèitheach toirmisgte bho seirbheis san airm rè linn Dhòmhnaill Trump ach thog Joe Biden an casg nuair a chaidh e na Cheann-suidhe san Fhaoilleach 2021.
Astràilia
Tha na Poilis ann an Sydney a’ sireadh fireannaich as dèidh dha dithis fhireannach a sàthadh le sgian-choille taobh a-muigh club-oidhche ann an sgìre LGDTC+ a’ bhaile Disathairne.
Chaidh fireannach, 25, a thoirt a dh’ospadal as dèidh dha bhith air a sàthadh iomadh turas, ach thathar ag aithris nach eil e ann an cunnart a bheatha.
Chaidh fireannach eile, 34, an-sàs agus chaidh a leòn mun a ghàirdean clì agus a làmh dheas.
Theich an neach-amharais as dèidh na h-ionnsaighe ‘s tha na Poilis ag iarraidh air neach sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh thuca air an àireamh fòn 1800 333 000.