Category: Temp

  • An Taghadh Coitcheann

    Leis gu bheil na pàrtaidhean poileataigeach uile air na manifestothan aca fhoillseachadh a-nis, seo agaibh geàrr-chunntas air na tha iad ag ràdh mu chòraichean LGDTC+.

    Pàrtaidh Uaine na h-Alba

    Tha manifesto na h-Uainich ag ràdh:-

    • gun cuireadh iad casg air cleachdaidhean ris an caran “teiripe iompachaidh” a dh’fheuchas ri taobhadh-feise no dearbh-aithne gnè neach atharrachadh;
    • gun dèanadh iad cinnteach gum faigheadh pàrantan neo-bhìnearaidh is aon-sheòrsach cothrom air fòrladh pàrantachd;
    • gun iarradh iad air Rùnaire na Stàite airson Alba an casg a chaidh a chur air ath-leasachaidhean gnè an Alba a thogail;
    • gun seasadh iad an aghaidh oidhirpean gus Achd na Co-ionnannachd atharrachadh gus mìneachadh an fhacail “gnè” atharrachadh gu “gnè bith-eòlasach”;
    • agus gun cuireadh iad taic do dh’iomairtean airson còraichean bhoireannach agus LGDTCEN+ air feadh an t-saoghail.

    Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

    Tha manifesto an SNP ag ràdh:-

    • gun seasadh iad airson còraichean a’ choimhearsnachd LGDTE;
    • agus gum biodh iad comasach còraichean LGDTE leasachadh le cumhachdan làn a thigeadh le neo-eisimeileachd.

    Pàrtaidh Alba

    Tha manifesto a’ phàrtaidh Alba ag ràdh:-

    • gun cuireadh iad dìon air còraichean bhoireannach, stèidhichte air gnè.
    • gu bheil iad airson seanadh shaoranach a chur air bhonn gus sgrùdadh a dhèanamh air an dòigh as fheàrr reachdas aithneachadh gnè ath-leasachadh.

    Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

    Chan eil manifesto nan Làbaraich ag ràdh mòran mu chòraichean LGDTC+, ach thuirt iad gu bheil iad airson molaidhean na h-aithisge Cass a chur an gnìomh an Alba.

    Tha manifesto Pàrtaidh Làbarach na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh:-

    • gun cuireadh iad molaidhean na h-aithisge Cass an gnìomh;
    • gun dìonadh iad àitheachan aon-sheòrsach;
    • agus gun cuireadh iad casg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”.

    Pàrtaidh Libearalach Dheamocratach na h-Alba

    Tha manifesto nan Libearalaich ag ràdh:-

    • gun seasadh iad airson còraichean dhaoine ge b’e dè an taobhadh-feise no an dearbh-aithne gnè a th’ aca;
    • gun cuireadh iad casg air na cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”;
    • gun atharraicheadh iad reachdas aithneachadh gnè gus an riatanas mu fhianais-leigheis a thoirt às;
    • agus gun aithnicheadh iad dearbhan-aithne neo-bhìnearaidh ann an lagh.

    Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba

    Tha manifesto nan Toraidhean ag ràdh:-

    • gun cuireadh iad molaidhean na h-aithisg Cass a chur an gnìomh an Alba;
    • gun cuireadh iad an aghaidh oidhirp sam bith gus Bile na Aithne Gnè a thoirt air ais;
    • gun dèanadh iad soilleir ann an lagh gu bheil Achd na Co-ionnannachd stèidhichte air “gnè bith-eòlasach”;
    • agus gun dìonadh iad àiteachan aon-sheòrsach ann an toglaichean poblach.

    Reform UK

    Tha manifesto Reform UK ag ràdh:-

    • gun cuireadh iad casg air “ideòlas tar-ghnèitheach” ann am bun-sgoiltean agus ann an àrd-sgoiltean;
    • gun cuireadh iad casg air neach-cloinne bho bhith ag atharrachadh na riochdairean aca, no bhith a’ dèanamh eadar-ghluasad sòisealta aig an sgoil;
    • gun iarradh iad air sgoiltean innse do na pàrantan nuair a bhios neach-cloinne airson rudan mar seo a dhèanamh;
    • agus gun iarradh iad air sgoiltean àiteachan aon-sheòrsach a thabhann.
  • Chan fhaod luchd-obrach a’ Phàrlamaid bràistean a’ bhogha-fhroise a chur air tuilleadh

    Chaidh ainmeachadh an-dè nach biodh cead aig luchd-obrach air am fastadh le Pàrlamaid na h-Alba tuilleadh lainneardan, prìneachan no bràistean a tha a’ nochdadh taic do ghluasadan sòisealta a chur air.

    Chan eil an casg, a chaidh a chur an-gnìomh sa bhad, a’ buntainn do Bhuill-phàrlamaid no an luchd-obrach acasan.

  • Achd Eucoir Gràin is Òrdugh Poblach (Alba) ga chur an gnìomh

    Tha Riaghaltas na h-Alba air ainmeachadh gun tèid Achd Eucoir Gràin is Òrdugh Poblach (Alba) a chur an gnìomh 1d An Giblean.

    Leudachaidh an achd an reachdas a th’ ann an-dràsta le bhith:

    • a’ cur aois ris mar fheart ùr ann an co-cheangal ri tromachadh eucoirean tro chlaon-bhreith;
    • a’ cruthachadh eucoirean ùra co-cheangailte ri bhith a’ dùsgadh fuath a’ buntainn ris na feartan clàraichte: aois, ciorram, creideamh, taobhadh feise, dearbh-aithne tar-ghnè, agus atharrachaidhean nam feartan gnè;
    • ag ùrachadh a’ mhìneachaidh air dearbh-aithne thar-ghnè gus iomradh a thoirt air tar-bhoireannaich, tar-fhireannaich agus daoine neo-bhìnearaidh aig nach eil dearbh-aithne a tha boireann no fireann;
    • a’ toirt air falbh an teirm “eadar-sheòrsach” agus a’ cruthachadh roinn air leth airson atharrachaidhean nam feartan gnè.

    Tha an achd a’ cuideachd a’ cur às don eucoir lagh cumanta de thoibheim. Cha deach casaid a thogail mun eucoir sin o chionn 1843.

    A-rèir figearan a chaidh fhoillseachadh le COPFS (Oifis a’ Chrùin ⁊ Seirbheis Neach-casaid a’ Chrùin) an-uiridh, thuit an àireamh de dh’eucoirean gràin ann an Alba le 2% ann an 2022-23.

    Sheall na figearan cuideachd, ge-tà, gu bheil an àireamh de dh’eucoirean gràin a’ buntainn ri taobhadh feise air àrdachadh bho 16% ann an 2013-14 gu 33% ann an 2022-23, agus gun robh 55 eucoirean gràin a’ buntainn ri dearbh-aithne tar-ghnè ann an 2022-23.

  • Highland Pride 2024 air ainmeachadh

    Tha eagraichean Highland Pride air ainmeachadh gum bi iad a’ comharrachadh Pròis 2024 anns an Ògmhios / an Iuchar le sreath de thachartasan air feadh na Gàidhealtachd.

    Nam measg thèid caismeachd-pròise na bliadhna seo a chumail 22na An t-Ògmhios ann an Inbhir Nis.

    Cumaibh sùil air nam meadhan-sòisealta aca air Instagram no Facebook no Twitter airson barrachd fhiosrachaidh.

  • Hebridean Pride ann an cunnart dùnadh

    Tha Hebridean Pride air ainmeachadh gun tèid an cur mu sgaoil an ceann cola-deug mura lorg iad co-dhiù 5-7 neach a bhios deònach smachd a thoirt air stiùireadh an tachartais.

    Bidh a’ chomataidh-stiùiridh làithreach a’ fàgail an dreuchdan aig a’ choinneamh bhliadhna 18mh Am Màrt.

    Bidh iad a’ coinneachadh 11m anns An Leòdhas Ùr ann an Steòrnabhagh agus bidh fàilte air neach sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith a’ gabhail anns a’ chomataidh a fhrithealadh no fios a chur gu hebpride@gmail.com.

  • 22 daoine air an cur gu bàs anns an Eaman airson casaidean co-cheangailte ri co-sheòrsachd

    Tha Amnesty International ag aithris gu bheil dà chùirt anns an Eaman air binn-bhàis a chur air 22 daoine airson casaidean co-cheangailte ri co-sheòrsachd.

    San Fhaoilleach chur cùirt ann an Dhamar binn-bhàis air naoinear – seachdnar gu bhith air an cur gu bàs le clachadh agus an dithis eile le ceusadh – agus binnean prìosain eadar 6 mìosan agus 10 bliadhna air 23 daoine a bharrachd airson casaidean co-cheangailte ri co-sheòrsachd agus “gnìomhan mì-mhoralta”.

    Cuideachd chur cùirt ann an Ibb binn-bhàis air 13 oileanaich agus binn chuipidh air triùir a bharrachd 1d den Ghearran airson “co-sheòrsachd a sgaoileadh”.

  • Luchd-obrach LGDT+ ag iarraidh reachdaire ùr Oilthigh Dhùn Èideann a chur às a dhreuchd

    Chaidh an sgrìobhaiche Simon Fanshawe a shuidheachadh na reachdaire air Oilthigh Dhùn Èideann Diluain.

    Bha e na cho-stèidheadair a’ bhuidhinn-iomairt, Stonewall, ach e air càineadh a dhèanamh air a’ bhuidheann o chionn grèis a-nis airson taic a chur dhan iomairt airson còraichean thar-ghnèitheach.

    Ann an 2019 rinn e òraid aig tachartas cur air bhog a’ bhuidhinn LGB Alliance a bhios ag iomairt an-aghaidh còraichean thar-ghnèitheach.

    Ann an 2022 sgrìobh e artaigil ann an Daily Mail anns an tuirt e gun robh beachdan na buidhne a-thaobh còraichean thar-ghnèitheach a’ criomadh còraichean bhoireannach agus ann an 2023 sgrìobh e artaigil airson UnHerd anns an tuirt e gum bu chòir dhan ghluasad LGD (Leasbach, Gèidh is Dà-sheòrsach) sgaradh bhon ghluasad airson còraichean thar-ghnèitheach.

    Thuirt neach-labhairt Lìonra Pròis an oilthighe ris The National gu bheil seo a’ sealltainn a-rithist nach eil àrd-sgioba stiùiridh an oilthighe a’ cumail ris na poileasaidhean aca fhèin air Co-ionnannachd, Iomadachd agus Ion-ghabhaltas.

    Thuirt neach-labhairt an oilthighe gu bheil an reachdaire air an ainmeachadh is air an taghadh leis na h-oileanaich agus an luchd-obrach, agus o chionn ‘s nach do sheas neach sam bith eile ‘son taghadh chaidh Simon Fanshawe a shuidheachadh na reachdaire.

  • Riaghaltas na RA a’ sireadh £150,000 bho Riaghaltas na h-Alba

    Dhearbh Rùnaire Stàite na h-Alba, Alister Jack, Diciadain gum bi Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ sireadh airgid-dìolaidh airson na cosgaisean laghail aca rè na cùise-lagha a thog Riaghaltas na h-Alba nan aghaidh airson bacadh a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè Phàrlamaid na h-Alba.

    Riaghail Cùirt an t-Seisein san Dùbhlachd gun robh an ordugh earrainn 35 a chleachd Jack gus bacadh a chur air a’ bhile laghail.

    Thathar ag aithris gu bheil iad airson mu £150,000 fhaighinn air ais.

    Tha luchd-pàighidh cise air £230,000 a phàidheadh mar-thà airson cosgaisean Riaghaltas na h-Alba.

  • Dealbh air fhoillseachadh an dèidh eucoir gràin

    Dh’fhoillsich na poilis ann an Sheffield dealbh de dh’fhireannach a tha iad airson bruidhinn ri ann an co-cheangal ri eucoir gràin homafòbach a thachair mu 3:50m air an 30mh latha den Dùbhlachd taobh a-muigh Dempseys, bàr gèidh air Sràid Hereford.

    ‘S urrainnear fios a chur dhaibh air 101 is an àireamh 14/227336/23 a thoirt seachad.

    ‘S urrainnear cuideachd fios a chur, gun a bhith a’ fàgail ainm, gu Crimestoppers air 0800 555 111.

  • Riaghaltas na h-Alba a’ sireadh beachdan air casg air teiripe-iompachaidh

    Tha Riaghaltas na h-Alba air co-chomhairleachadh a thòiseachadh air na planaichean aca a chur casg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”.

    ‘S e a th’ ann an “teiripe iompachaidh” cleachdadh sam bith a dh’fheuchas ri taobhadh feise, no dearbh-aithne gnè, neach atharrachadh.

    Fon chasg a tha am beachd, dh’fhaodadh do neach no buidheann sam bith a bhith air an dìteadh ma nì iad cron (corporra no saidhg-eòlach) air neach le bhith a’ feuchainn ris an taobhadh-feise no gnè atharrachadh.

    Faodar barrachd fhiosrachaidh mun a’ cho-chomhairleachadh, a bhios a’ ruith dhan 2na latha den Ghiblean, fhaighinn an-seo.