Colin & Justin air phòsadh ann an seirbheis dìomhair

30 An Giblean 2008

Tha Colin McAllister agus Justin Ryan air phòsadh ann an seirbheis dìomhair aig an Oifis Chlàraidh Chelsea ann an Glaschu.

Thachair an seirbheis dìomhair anns a’ Ghearran agus cha robh ach dithis eile an làthair, Elaine agus Georga Ponte.

Thug iad gealladh-pòsaidh dha chèile san Dùbhlachd nuair a bha iad ag obair air a’ phrògram t.bh. ùr aca, Home Heist.

“As dèidh bliadhna a’ fuireach ann an Toronto, a’ clàradh Home Heist, bha e soilleir dhuinn gun robh sinn airson pòsadh,” arsa Ryan. “Tha Canada na nàisean adhartach, fosgailte ri agus a’ cur fàilte air pòsadh aon-sheòrsach, bha e brosnachail.”

As dèidh an seirbheis, dh’fhalbh iad airson mìos nam pòg anns a’ Mhuir Caraibeach.

• • •

Caismeachd-pròise Bhirmingham air a chur dheth

30 An Giblean 2008

Cha tèid caismeachd-pròise Bhirmingham air adhart am-bliadhna air sgàth ’s trioblaidean ionmhais.

An àite a’ chaismeachd bidh Fèis-pròise 2008 a’ fosgladh le taisbeanadh de bhuidhnean coimhearsnachd.

Thuirt luchd-eagrachaidh gun tèid faireachdainn a’ chaismeachd a ghlèidheadh le dannsairean agus cluicheadairean.

Thèid an tachartas a chumail 24mh – 25mh den Chèitean ann am Birmingham.

• • •

Ath-leasachaidhean a’ toirt co-ionannachd do dhaoine LCDT ann an Astràilia

30 An Giblean 2008

Tha Riaghaltas na h-Astràilia air còrr ’s 100 ath-leasachaidhean a dhèanamh gus còirichean co-ionann a thoirt do dhaoine LCDT.

Tha buidheann LCDT air fàilte a chur air na leasachaidhean seo ach tha iad cuideachd gan càineadh air sgàth ’s nach eil iad a’ dèanamh pòsaidhean aon-sheòrsach laghail.

Thèid na h-ath-leasachaidhean a chur an gnìomh an ath-mhìos agus bidh iad a’ toirt co-ionannachd do dhaoine LCDT a thaobh cìsean, peinnsein, agus sochairean.

“Bidh na leasachaidhean seo a’ toirt co-ionannachd do dhaoine co-sheòrsach ann an sreath de chuspairean a leithid peinnsein, cìsean, tèarainteachd shòisealta, dìoladh an luchd-obrach, agus òrduighean-cungaidh,” ara Àrd-neach-tagraidh Robert McClelland.

“Bidh iad a’ dèanamh diofar mhòr do Astràilianaich a tha air a bhith a’ fulang leth-bhreith air feadh a’ Cho-fhlaitheas.”

Thuirt am buidheann LCDT Australian Marriage Equality (AME):

“Tha an Riaghaltas a’ dèanamh an rud ceart le bhith a’ dèanamh fòcas air co-ionannachd ionmhais a-mhàin.”

A bharrachd air seo thuirt iad:

“Le bhith ag ath-leasachadh còrr ’s 100 achdan, tha an Riaghaltas a’ toirt rathad iomadh-fhillte airson co-ionannachd a thoirt seachad nuair nach e ach atharrachadh dhen Achd Phòsaidh a tha dhìth.”

• • •

Aithisg ùr a’ sealltainn gu bheil sgaradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh de dhaoine tar-ghnèitheach

30 An Giblean 2008

Tha Comann Eadar-nàiseanta Leasbach agus Co-sheòrsach (ILGA) air aithisg ùr fhoillseachadh a tha a’ sealltainn gu bheil sgaradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh de dhaoine tar-ghnèitheach.

Chaidh an aithisg a dhèanamh gus fhaighinn a-mach ciamar a tha seirbheisean slàinte a’ làimhseachadh daoine tar-ghnèitheach agus barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn leth-bhreith anns an ionad-obrach.

“Airson a chiad turas tha leth-bhreith agus claon-bhreith an-aghaidh daoine tar-ghnèitheach air feadh an Aonadh Eòrpach air a bhith a dhaingneachadh agus a dhearbhadh le aithisg farsaing pan-Eòrpach mar seo,” arsa Deborah Lambillote, Co-chathraiche Bòrd-stiùiridh ILGA.

Tha sinn an dòchas gum bi an aithisg seo na inneal feumail do luchd-iomairt agus tagraichean a thaobh còirichean daoine tar-ghnèitheach.”

Faodaidh sibh an aithisg seo leughadh aig: http://www.ilga-europe.org/europe/publications/non_periodical.

• • •

Oileanaich air feadh nan Stàitean Aonaichte nan tost

25 An Giblean 2008

Bidh mìltean de dh’oileanaich nan tost anns na Stàitean Aonaichte an-diugh gus gràin-co-sheòrsachd ann an sgoiltean shoillseachadh.

Thathar an dùil gum bi 500,000 oileanaich agus còrr ’s 6,000 sgoiltean a’ gabhail pàirt anns an tachartas a chaidh a chur an gnìomh le GLSEN (Gay, Lesbian and Straight Education Network).

Bidh oileanaich aig Oilthigh Sussex anns an Rìoghachd Aonaichte nan tost cuideachd air sgàth ’s gu bheil oileanaich Ameireaganach ann.

Bidh an tachartas a’ tòiseachadh 9m agus bidh seirbheis Breaking the Silence 5f nuair an sgreuch a h-uile duine aig an aon àm agus bidh cothrom aca a chur am faireachdainnean an cèill.

• • •

Daoine co-sheòrsach air an cur gu deuchainnean HIV le buidhnean àrachais

23 An Giblean 2008

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh le Compass IFA, buidheann a tha a’ toirt comhairle do dhaoine co-sheòrsach a thaobh ionmhais, a tha a’ sealltainn gu bheil na buidhnean àrachais Legal & General agus AEGON fhathast a’ cur daoine co-sheòrsach gu deuchainnean HIV mus faigh iad àrachas slàinte.

Ach thuirt Lesley MacPherson, Ceannard nam Meadhannan Corporra aig AEGON:

“Tha iongnadh oirnn mu dheidhinn na toraidhean seo agus ’s e briseadh-dùil a th’ ann. Bidh sinn a’ toirt treànadh a bharrachd ris ar luchd-obrach gus am bi iad eòlach air riaghailtean an deuchainn HIV agus na poileasaidh againn gus nach bi seo a’ tachairt san àm ri teachd.”

Cuideachd thuirt Russ Whiteworth a tha ag obair airson Legal & General:

“Cha bhi sinn a’ toirt iomradh air ma tha fireannaich co-sheòrsach neo mura h-eil, cha bhi sinn a’ cur a’ cheist seo air luchd-ceannaich aig àm sam bith.”

“Tha sinn a’ breugnachadh a’ mholadh gu bheil sinn a’ dèanamh leth-bhreith an-aghaidh daoine co-sheòrsach.”

• • •

Riaghaltas Bhachrain airson clann co-sheòrsach gam peanasachadh

23 An Giblean 2008

Tha Riaghaltas Bhachrain a’ dèanamh iomairt gus co-sheòrsachd a chur às dhan dhùthaich.

Tha Buill Pàrlamaid air sreath de mholaidhean a chur an gnìomh gus co-sheòrsachd a chur às agus gu connspaideach tha na molaidhean seo ag òrdachadh luchd-teagaisg a chumail sùil air clann airson aomaidh co-sheòrsach agus a bhith gam peanasachadh mar sin.

A bharrachd air seo dh’iarr iad stad a chur air daoine co-sheòrsach cèin a’ fuireach anns an dùthaich agus dh’iarr iad sgrùdadh a dhèanamh gus fhaighinn a-mach dè cho bitheanta ’s a tha co-sheòrsachd ann am Bachrain.

Gu ruige seo tha Bachrain air a bhith nas fosgailte ri co-sheòrsachd an taca ri dùthchannan Muslamach eile anns an Ear-mheadhan.

A dh’aindeoin seo tha co-sheòrsachd fhathast mì-laghail anns an dùthaich agus tha an Riaghaltas air daoine co-sheòrsach cèin fhuadach a-mach san àm a dh’fhalbh.

A-rèir coltas dh’fhuadaich an Riaghaltas 2,000 Filipinich co-sheòrsach a-mach às a dùthaich ann an 2002 ag ràdh gun robh iad an sàs ann an siùrsachd agus gnìomhachdan co-sheòrsach.

Thuirt na Buill Pàrlamaid:

“‘S ann à Dùthaich nan Tàidh neo na h-Eileanan Filipineach a tha na daoine seo agus tha iad a’ tighinn airson an obair seo [obair sna h-ionadan maise agus spathan] fhaighinn, tha iad a’ cleachdadh seo mar smoke screen airson an dòigh beatha co-sheòrsach agus mì-mhoralta aca.”

• • •

Coimisean Eòrpach air òrdugh leth-bhreith a thrèigsinn

23 An Giblean 2008

Air sgàth ’s gearanan bhon a’ Ghearmailt agus eile tha an t-Aonadh Eòrpach air òrdugh a bhiodh a’ dìon daoine LCDT bho leth-bhreith a thrèigsinn.

A dh’aindeoin seo bidh iad fhathast a’ dol air adhart le òrdugh a bhios a’ dìon daoine le ciorraim.

“B’ fheàrr leinn òrdugh farsaing a bhiodh a’ toirt a-steach leth-bhreith air sgàth ’s trioblaidean nach eilear gan déiligeadh ri fhathast,” ars Jan Jarab, neach-labhairt an Coimisean Eòrpach.

“A dh’aindeoin seo feumaidh sinn a bhith practaigeach tha sinn air brathan fhaighinn bho cuid dhe na buill nach biodh iad a’ cur taic ri òrdugh farsaing tha fios gur e trioblaid a tha seo oir tha sinn feumach air aon-inntinn airson an òrdugh a’ cur air adhart.”

“A thaobh na h-adhbharan eile, aois, gnèitheachd, agus creideamh, bheir sinn stiùireadh a-mach an àite òrdugh a dhèanamh.”

• • •

Iomairt “ex-gay” gu bhith stèidheachadh anns a’ Chuimrigh

22 An Giblean 2008

Tha an Crìosdaidh Bun-chreidmheach (Fundamentalist Christian) chonnspaideach Stephen Green air ràdh gum faodadh iomairt ex-gay a bhith a stèidheachadh anns a’ Chuimrigh.

Tha an iomairt ainmeil airson daoine a bhrosnachadh gus “ùrnaigh air falbh nan gèidh” gus am biodh iad eile-sheòrsach.

Bha Mgr Green, a tha ainmeil airson a’ togail fianais an-aghaidh tachartasan pròise, a’ bruidhinn air a’ phrògram aithriseach Week In Week Out air BBC Wales.

Thuirt e ri Ian ‘H’ Watkins, neach-taisbeanaidh co-sheòrsach a’ phrògram, gun urrainn dha “coiseachd air falbh” bho co-sheòrsachd.

“Tha an teachdaireachd bhon a’ Bhìoball ag ràdh nach eil e gu diofar ciamar a chaidh thu gu bhith co-sheòrsach, chan fheum thu fuireach co-sheòrsach,” ars an searmonaiche.”

“Faodaidh tu coiseachd air falbh… tha ministrealachdan leigheis ann.”

“Tha sinn a’ beachdachadh air ministrealachd fhosgladh anns a’ Chuimrigh.”

“Chan eil mi a’ creidsinn gu bheil daoine co-sheòrsach air am breith co-sheòrsach,” ars esan.

“Cha leig Dia do dhaoine co-sheòrsach a bhith gam breith agus an uairsin can nach eil e ceadaichte.”

A bharrachd air seo rinn Mgr Green coimeas eadar Mgr Watkins agus marbhaiche Jeffery Dahmer:

“Tha an dithis agaibh a’ dol an-aghaidh facal Dhè – ’s peacadh a th’ ann an peacadh, ’s e peacadh a th’ ann an peacadh ann an sùilean Dhè.”

• • •

NHS anns a’ Chuimrigh airson seirbheisean co-ionann a thoirt ris a’ choimhearsnachd LCDTE

22 An Giblean 2008

Tha Edwina Hart, Ministear Slàinte na Cuimrigh air stiùireadh ùr a thoirt ris an NHS anns an dùthaich.

Thuirt i gun deach an stiùireadh a chur ri chèile le Cynulliad Cenedleathol Cymru (Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh) ann an co-obrachadh le Stonewall Cymru air sgàth ’s gun robh ceisteachan aig Stonewall a’ sealltainn gu bheil daoine LCDTE anns a’ Chuimrigh an còmhnaidh an dùil ri leth-bhreith nuair a tha iad a’ cleachdadh na seirbheisean slàinte.

Tha an stiùireadh ùr seo ag amas air fiosrachadh a thoirt ri luchd-obrach mu dheidhinn cùisean LCDTE, air dèanamh cinnteach gu bheil daoine LCDTE comasach air an aon sheirbheis fhaighinn ’s a tha daoine eile agus air dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean slàinte a’ smaointinn air a h-uile duine nuair a tha iad a’ beachdachadh air seirbheis ùr a thoirt seachad.

Thuirt Edwina Hart, Ministear na Slàinte:

“Tha mi toilichte gu bheil an NHS anns a’ Chuimrigh a’ strì airson a h-uile duine a thoirt a-steach agus bu toigh leam luchd-obrach a bhrosnachadh an stiùireadh ùr a leughadh.”

Thuirt Jenny Porter, Oifigear-ceangail Stonewall Cymru:

“Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air an stiùireadh ùr seo.”

“Tha fios againn nach eil tòrr daoine LCD deònach air innse ri doctairean neo nursaichean mun gnèitheachd aca air sgàth ’s leth-bhreith agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil cuid a’ faighinn comhairle slàinte mì-fhreagarrach.”

“Bidh an stiùireadh seo a’ ciallachadh gum bi luchd-obrach an NHS nas eòlaiche air cùisean nan euslaintich LCD agus a’ toirt fios gu bheil còir aig a h-uile euslainteach air cùram fhaighinn a tha freagarrach dhaibh.”

• • •

Eilean Mhanainn air dreachd bhile a dhèanamh gus còirichean co-ionann a thoirt ri daoine tar-ghnèitheach

21 An Giblean 2008

Tha Eilean Mhanainn air dreachd bhile fhoillseachadh a bhios ag aithneachadh daoine tar-ghnèitheach gu h-oifigeil.

A-rèir an Gender Recognition Bill 2008 thèid còirichean co-ionann a thoirt ri daoine a tha air an gnè atharrachadh agus aig a bheil Teisteanas Aithne Gnè.

Tha an dreachd bhile air fhoillseachadh leis an Riaghaltas agus chaidh ga stèidheachadh air an Gender Recognition Act 2004 a chaidh a chur an gnìomh leis an Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Ard-choylargh (Àrd Ministear) Tony Brown:

“A-rèir laghan Eòrpach tha dleastanas eadar-nàiseanta aig an t-Eilean Mhanainn a bhith ag aithneachadh daoine tar-ghnèitheach agus an gnè ùr aca.”

“A-nis bu toigh leam cothrom a thoirt ris a’ phoblach a bhith a’ toirt na beachdan aca ris an Tinvaal (a’ Phàrlamaid).”

Faodaidh sibh an dreachd leughadh aig http://www.gov.im/.

• • •

BBC Alba: Deasbad mu dhaoine gèidh a’ toirt seachad fala

15 An Giblean 2008

Nochd an sgeulachd seo air làrach-lìn a’ BhBC na bu tràithe:-

Thèid ath-chuinge airson cead a thoirt do dhaoine gèidh ann an Alba fuil a thoirt seachad a dheasbad anns a’ Phàrlamaid Dimàirt.

Tha a’ bhuidheann an LGBT Network, a bhios a’ strì airson chòirichean do dhaoine gèidh, den bheachd gur e leth-bhreith a th’ anns a’ chasg a th’ air fireannaich ghèidh bho bhith a’ toirt seachad fala.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte do dh’fhireannaich ghèidh fuil a thoirt seachad.

Chaidh an casg a chur an sàs anns na 1980an air sgàth eagail mun ghalair HIV.

Dleastanas

Chan eil bacadh air daoine hetero-ghnèitheach bho bhith a’ toirt seachad an cuid fala.

Tha Seirbheis Fala na h-Alba (SNBTS) ag ràdh gu bheil e mar dhleastanas dhaibh a bhith cho cinnteach ’s a ghabhas gu bheil an fhuil a tha ri fhaotainn anns an stòras aca glan agus sàbhailte.

Thuirt labhraiche bhon LGBT Network:”‘S e poileasaidh seann-fhasanta a th’ anns a’ chasg, a chaidh a chur an gnìomh bho chionn deicheadan nuair a bha daoine den bheachd gur e galair nach biodh ach daoine gèidh a’ faighinn a bh’ ann an HIV.

“Tha fhios againn san là a th’ ann nach ann mar sin a tha cùisean.

“Chan eil adhbhar clinigeach ann airson a’ chasg air fireannaich gèidh agus dà-ghnèitheach a bhith a’ toirt seachad fala.

“Bu chòir don SNBTS coimhead air feise gun dìon am measg a h-uile duine a bhios a’ toirt seachad fala, seach fireannaich ghèidh agus dà-ghnèitheach a-mhàin,” thuirt e.

Ach thuirt an Dr Brian Mac ‘ill-Fhialain, bhon SNBTS:”Chan urrainn fiù ’s na deuchainnean mionaideach airson Hepatitis agus HIV a thèid a dhèanamh air a h-uile tabhartas fala, stad a chur air gach cunnart gàrachaidh.

“Feumar mar chiad cheum – agus fo lagh Bhreatainn – tabhartasan far a bheil fianais ann de chunnart sam bith a sheachnadh.”

Galairean eile

“Cha ghabh seirbheisean fala ann am Breatainn – coltach ris a’ chuid as motha de dhùthchannan Eòrpach, na Stàitean Aonaichte agus Canada – ri fuil bho fhireannaich a dh’innseas gun robh iad ri feise le fireannach eile.

“‘S ann am fireannaich ghèidh a bha còrr is 60% de chùisean dearbhte de HIV far an robh fianais ann gun deach a thogail ann am Breatainn.

“‘S ann ag àrdachadh a tha galairean leithid Hepatitis B agus Sifilis a gheibhear tro fheise no tron fhuil.

“Chunnacas àrdachadh de 117% ann an Sifilis bho 2002 gu 2006,” thuirt e.

Tha an Dr Mac ‘ill-Fhialain ag ràdh gu bheil rannsachadh a’ sealltainn gum biodh barrachd chunnairt ann de bhith a’ toirt seachad HIV tron fhuil, nan deadh an casg a thogail.

Thuirt e cuideachd gum bithear a’ dèanamh ath-sgrùdaidh air na riaghailtean gu cunbhalach, ’s gur e fianais mheidigeach seach leth-bhreith as coireach gu bheil iad mar a tha iad.

Thèid an gnothach ro Chomataidh Ath-chuingean na Pàrlamaid Albannaich Dimàirt.

• • •