Tha luchd-rannsachaidh ag obair aig Sgoil Slàinte Oilthigh Texas ag ràdh gu bheil iad air laigse aig HIV (Bhioras Dìon-slàinte Daonna) a lorg.
Tha an laigse seo na pàirt de phròtain a tha riatanach do HIV airson grèim fhaighinn air ceallan.
Gu ruige seo chan eil banachdach HIV ann air sgàth ’s gu bheil am bhìoras an còmhnaidh ag atharrachadh.
Ach tha luchd-saidheans ag ràdh nach biodh HIV comasach air grèim fhaighinn air ceallan mura robh co-dhiù aon roinn ann nach robh ag atharrachadh.
Tha sgioba air a bhith a’ dèanamh fòcas air sreath de shearbhagan amino a tha nan pàirtean dhen chèis pròtain gp120.
Tha iad cuideachd air antibodies a chruthachadh air ainmeachadh Abzymes a tha comasach air ionnsaigh a thoirt air a h-uile seòrsa de HIV le bhith a’ toirt ionnsaigh air na roinnean nach eil ag atharrachadh.
Chaidh an rannsachadh fhoillseachadh ann an Autoimmunity Reviews agus thèid ga thaisbeanadh aig Co-labhairt Eadar-nàiseanta AIDS ann am Baile Meagsago san Lùnastal.
Tha cùirt air Riaghaltas na h-Eadailt òrdachadh gus €100,000 (£80,000) a thoirt gu daoine co-sheòrsach a chiall an cead-dràibhidh aige o chionn ’s an gnèitheachd aige.
Ann an 2001 dh’innis Danib Giuffrida dha na h-ùghdarrasan gu bheil e co-sheòrsach fhàd ’s a bha e a’ dol tro deuchainn slàinte gus am b’ urrainn dha ghabhail san airm.
An-dèidh nan deuchainnean thug an ospadal na toraidhean gu Ministrealachd na Còmhdhail ag ràdh nach robh e comasach air dràibheadh gu corporra neo gu h-inntinneil.
Chaidh an cead-dràibhidh a thoirt air falbh bhuaithe air sgàth ’s an gnèitheachd aige agus bha feum aige air deuchainn dràibhidh a dhèanamh a-rithist. Rinn e a’ chùis air ach cha d’fhuair e ach cead-dràibhidh sònraichte airson bliadhna seach cead-dràibhidh slàn (10 bliadhna).
Thuirt a’ chùirt gur b’ e Ministrealachd an Dìon agus Ministrealachd na Còmhdhail as coireach air leth-bhreith agus gun robh seo a’ dol an-aghaidh còraichean Mgr Giuffrida.
Tha clionaig ann am meadhan a’ choimhearsnachd LCDT ann an Lunnainn a’ toirt seachad deuchainnean airson HIV do dhaoine co-sheòrsach saor an-asgaidh agus tha toraidhean ri fhaotainn taobh a-staigh 15 mionaid.
A bharrachd air seo tha Sorted Soho a’ toirt seachad banachdaich an-aghaidh Hepatitis B.
A-rèir nan figearan oifigeil bidh Hepatitis B air aon dhuine co-sheòrsach anns gach triùir mus ruigidh iad 35 bliadhna a dh’aois.
A thaobh HIV tha iad ag ràdh gu bheil fichead sa cheud air deuchainnean airson HIV fhaighinn ro anmoch. Cuideachd tha iad ag ràdh gu bheil an tinneas air deichnear sa cheud ann an Lunnainn agus nach eil fios aig an treas cuid dhiubh.
Tha Buidheann Dìon na Slàinte (HPA) agus Comann HIV na Bhreatainn ag ràdh gum bu chòir do co-ghnèithich deuchainn airson HIV fhaighinn co-dhiù gach bliadhna.
Tha an seirbheisean ri fhaotainn gach Dimàirt agus Diciadain eadar 17:30 agus 20:00 aig Sorted Soho, Ionad Slàinte Soho, Lunnainn, W1 agus gach Dihaoine eadar 17:30 agus 20:00 aig Clash, 020 7734 1794.
Thèid bile ùr a bhios a’ brosnachadh co-ionannachd do dhaoine LCDT ainmeachadh gu h-oifigeil leis a’ Bhanrigh anns an òraid aice san t-Samhain.
Thathar an dùil gun tèid am bile tron a’ Phàrlamaid tràth ann an 2009 agus gun tèid a dhèanamh na lagh ron t-samhradh.
An-dràsta tha laghan ann, a leithid Sexual Orientation Regulations, a tha a’ dìon daoine co-sheòrsach bho leth-bhreith a thaobh seirbheisean agus bathar, ach chan eil dad ann fhathast a tha a’ brosnachadh co-ionannachd do dhaoine LCDT san fharsaingeachd agus mar sin tha a’ mhòr-chuid fhathast an dùil ri leth-bhreith nuair a tha iad a’ cleachdadh seirbheisean poblach.
Thar na 18 mìosan a tha romhainn tha Stonewall ag ràdh gum bi iad a’ coiteachadh na Pàrlamaid gus dèanamh cinnteach gum bi am bile cho farsaing ’s a ’s urrainn dha bhith gus seirbheisean nas fheàrr chruthachadh dhan 3.6 millean daoine LCDT a tha a’ fuireach ann am Breatainn.
Tha fireannaich HIV+ anns na Stàitean Aonaichte a’ cur dòchas anns a’ bhuidheann Growing Generations a tha ag ràdh gum faod iad a bhith nam pàrantan.
Tha am buidheann ag ràdh gu bheil an teicneòlas againn a-nis airson sìol-ghinidh a chur gu deuchainn airson HIV agus gum faod iad surrogates agus donor eggs a chleachdadh gus teaghlaichean bith-eòlasach a thoirt do dh’fhireannaich HIV+.
“Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil saidheans agus an lagh a’ tighinn ri chèile gus freagairt reusanta agus sàbhailte dhan chuspair seo ruigsinn,” ars Gail Taylor, Ceann-suidhe Growing Genereations.
Gu ruige seo tha Growing Generations ag obair còmhla ri còignear aig a bheil HIV agus tha iad an dùil ri barrachd fhad ’s a tha daoine a’ fàs eòlach air an t-seirbheis.
Tha Fèis-pròise Lunnainn air iris ùr fhoillseachadh an còis an caismeachd fhèin leis an dùil barrachd daoine a tharraing ris an tachartas am-bliadhna.
Thuirt Emma Hands, Iar-chathraiche Fèis-pròise Lunnainn, gu bheil an iris uabhasach cudromach dhan bhuidheann.
“Tha i a’ solarachadh teachd-a-steach luachmhor dhan charthannas againn le bhith a’ reic sanasan, ach a bharrachd air seo tha i a’ toirt cothrom dhuinn ar obair brosnachadh agus soillseachadh.”
Thèid an iris sgaoileadh saor an-asgaidh ann an bàraichean, clubaichean, bùthan agus leabharlannan ann an Lunnainn.
Tha George Takei air fhoillseachadh air an làrach-lìn aige gu bheil e an dùil a chompanach, Brad Altman, a phòsadh.
Tha iad nam measg iomadach càraidean LCDT, a leithid Ellen DeGeneres agus Portia de Rossi a tha airson pòsadh as dèidh dha Àrd-chùirt Chalifornia pòsaidhean LCDT a dhèanamh laghail anns an stàit.
Tha Takei gu math ainmeil airson Hikaru Sulu a chluich ann an Star Trek agus Kaito Nakamura a chluich ann an Heroes. Tha e cuideachd na gnìomhaiche a tha an sàs ann agus ag obair airson iomadach buidhnean LCDT.
Sgrìobh Takei air an làrach-lìn aige gu bheil iad air a bhith a’ falbh le chèile o chionn 21 bliadhna agus iad uabhasach toilichte gu bheil iad gu bhith “pòsta agus nar luchd-àiteachaidh co-ionann nar stàit.”
Tha Taigh nam Morairean air the Criminal Justice and Immigration Bill a dhèanamh na lagh a’ ciallachadh gum bi eucoirean gràineil an-aghaidh daoine LCDT mì-laghail.
A dh’aindeoin seo tha fhathast atharrachaidhean anns a’ bhile a tha a’ dìon eucoraich air sgàth ’s saorsa labhairt neo an creideamh aca.
Tha na Tòraidhean air a bhith a’ cur cudrom air cùlaibh na h-atharrachaidhean seo, agus tha cuid dhiubh a leithid Lord Tebbit air a bhith an còmhnaidh an-aghaidh còirichean LCDT.
Thuirt Ben Summerskill, Àrd-ofigear Stonewall gu bheil an lagh ùr na cheum mhòr airson co-ionannachd laghail ach gun robh uallach air gu bheil tòrr luchd-poileataigs fhathast an-aghaidh co-ionannachd.
B’ ann air an 6mh den Chèitean 1868 a thàinig am facal “homosexuality” gu bith.
Ro seo cha robh ach beagan faclan neo-phàirteach ann airson tuairisgeul a thoirt air tarraing co-sheòrsach. Bha faclan a leithid bugger, molly, sodomite neo pederast cumanta ach aig àm nuair a bha luchd-tagraidh a’ bruidhinn a-mach airson còirichean LCDT bha feum aca air faclan ùr a chruthachadh.
B’ e Karl Heinrich Ulrichs a’ chiad daoine a chur facal air tarraing co-sheòrsach. Mhìnich Ulrichs mar seo e:
Urning: “male bodied person with a female psyche” – fir aig a bheil tarraing gu fireannaich eile.
Urningin: “female bodied person with a male psyche” – boireann aig a bheil tarraing gu boireannaich eile.
Urninthum: a’ ciallachadh co-sheòrsachd neo homosexuality anns a’ Bheurla.
Ach ann an 1868 chaidh facal ùr a chruthachadh, Homosexualität, bhon facal Greugach homo- (aon) agus am facal Laideannach sexualis (seòrsa). Chleachd Karl-Maria Kertbeny am facal seo airson a’ chiad turas ann an litir a chur e gu Ulrichs an 6mh dhen Chèitean 1868 agus mean air mhean thòisich barrachd ’s barrachd daoine anns a’ Ghearmailt ga chleachdadh.
Dh’fhàs am facal homosexual nas cumanta anns a’ Bheurla an dèidh 1895 nuair a rinn Charles Gilbert Chaddock eadar-theangachadh dhen leabhar Psychopathia Sexualis agus nuair a thòisich Sigmund Freud ga chleachdadh anns na leabhraichean agus na h-òraidean aige.
Ach gu ìre mhòr cha robh am facal homosexual stèidhichte gu ruige na 1930’an nuair a thòisich a’ mhòr-chuid a’ cleachdadh homosexual, heterosexual agus bisexual.
Bhàsaich Kertbeny ann an 1882 air sgàth ’s stròc agus chaidh ga thìodhlacadh ann an Kerespi Cemetry ann am Budapest. Ann an 2002 chur an coimhearsnachd LCDT leac ùr air an uaigh aige agus bidh iad a-nis a’ cur blàth-fhleasg ùr air a h-uile turas ’s a bhios fèis-pròise ann am Budapest.
Tha duine co-sheòrsach air a bhith ga chur an grèim anns na h-Eileanan Caimean airson pòg a thoirt dhan companach aige fhad ’s a bha iad air saor-làithean anns a’ Mhuir Charaibeach.
Chaidh casaidean a dhèanamh an aghaidh Aaron Chandler agus an companach aige le daoine eile a bha a’ fuireach aig Royal Palms Resort. Thug am Poileas rabhadh dhaibh nach bu chòir dhaibh pòg gu poblach agus nuair a phòg iad ann an club an oidhche sin chaidh Mgr Chandler ga chur an grèim.
Tha an sgeulachd seo air a bhith gu math connspaideach air sgàth ’s gu bheil na h-Eileanan Caimean na colonaidh Bhreatannach far a bheil co-sheòrsachd laghail.
Chaidh co-sheòrsachd a dhèanamh laghail anns na h-Eileanan Caimean ann an 2000 ach tha fhathast laghan ann a tha a’ cur casg air daoine co-sheòrsach a’ taisbeanach an gaol aca gu poblach gu h-àraidh ma tha iad a’ cur dragh air daoine eile.
Tha triùir ann an Eilean Lesbos, a’ Ghrèig, a’ toirt buidheann LCDT gu lagh air sgàth ’s gu bheil iad a’ cleachdadh am facal “leasbach” anns an ainm aca.
Tha iad ag ràdh gu bheil ainm a’ bhuidheann Homosexual and Lesbian Community of Greece a’ dèanamh oilbheum dhaibh air sgàth ’s gu bheil am facal Leasbach a’ ciallachadh cuideigin à Eilean Lesbos seach boireann aig a bheil tarraing ri boireannaich eile.
“Chan urrainn do mo phiuthar ag ràdh gur e Leasbach a th’ innte,” arsa Dimitris Lambrou. “Tha an fèin-aithne againn air a bhith a’ gabhail bhuainn gun chòir le boireannaich aig nach eil ceanglaichean ri Lesbos.”
“Chan e gnìomh ionnsaigheach an-aghaidh leasbaich a th’ ann,” ars e. “Faodaidh iad tighinn gu Lesbos, pòsadh neo rud sam bith a thogras iad a dhèanamh. Ach tha sinn airson am facal Leasbach a chur às dhan ainm aca.”
Tha Riaghaltas na Bhreatainn air innse do Chomhairle na h-Eòrpa gu bheil iad a’ coimhead air còirichean LCDT leasachadh ann an Diobraltar.
Tha fhathast aois aontachaidh neo-ionann aig a’ cholonaidh Bhreatannach agus tha seo a’ dol an-aghaidh Cùmhnant Eòrpach nan Còraichean Daonna.
A bharrachd air seo tha laghanan ann fhathast an-aghaidh buggery agus gross-indecency ach tha iad air an cleachdadh an-aghaidh daoine co-sheòrsach a-mhàin.
Tha BPE (Ball Pàrlamaid na h-Eòrpa) Michael Cashman air a bhith a’ bruidhinn ri Gordon Brown mu dheidhinn a’ chuspair connspaideach agus tha an Comhairle Eòrpach air an aithris seo a chur a-mach:
“Tha an Rìoghachd Aonaichte air daingneachadh an dealas aice airson cuspairean leasbach, co-sheòrsach, dà-sheòrsach agus tar-ghnèitheach agus air comharrachadh gu bheil Riaghaltas Dhiobraltaire eòlach air dè cho cudromach ’s a tha an cùmhnant, gu h-àraidh a thaobh leth-bhreith.”
“Tha Comadaidh nam Ministearan toilichte gu bheil an Rìoghachd Aonaichte a’ coimhead air a’ chuspair seo agus gu bheil fios aice gu bheil Diobraltar air cùram an Rìoghachd Aonaichte agus gu bheil seo a’ ciallachadh gu bheil i an urra ri Diobraltar a’ gabhail ris a’ chùmhnant.”