Gnìomhaichean dòchasach gum faigh iad cead airson caismeachd pròise a chumail san Ruis
Tha gnìomhaichean Nicolas Alexeyev agus Anna Komarova ann an Tambov, an Ruis, an dùil tagradh a chur a-steach gus caismeachd pròise a chumail sa bhaile.
Tha gnìomhaichean LCDT sa bhaile air cead fhaighinn mar thà gus fianais a thogail an-aghaidh Riaghladair Oleg Betin an dèidh dha ràdh ann an agallamh, “Tolerance?! To hell! Faggots should be torn apart. And their pieces should be thrown in the wind.”
‘S e seo a’ chiad turas a riamh gu bheil tachartas LCDT air cead fhaighinn san Ruis.
Tha iad airson a’ chaismeachd a chumail 18mh Dàmhair ’08 ach tha Mosgo air bacadh a chur air caismeachdan mar thà ann an 2006, 2007 agus 2008.
Tha ùghdarrasan beachdachadh an tagraidh.