Thèid prìosanaich tar-ghnèitheach aig a bheil eachdraidh de dh'fhòirneart an aghaidh bhoireannaich a chur ann am prìosain fireannach

30 Am Faoilleach 2023

Tha Seirbheis Prìosan na h-Alba (SPS) air ainmeachadh gun tèid prìosanaich tar-ghnèitheach aig a bheil eachdraidh de dh’fhòirneart an aghaidh bhoireannaich neo eucoirean feise a chur ann am prìosain fireannach sa chiad dol a-mach gus an tèid measadh cunnairt fa-leth a dhèanamh orra.

Tha an naidheachd a’ tighinn as dèidh gun do dh’ainmich Nicola Sturgeon seachdain seo chaidh nach fuirich Isla Bryson, a tha na boireannach thar-ghnèitheach, anns a’ phrìosan bhoireannach Cornton Vale.

Chaidh Bryson a dhìteadh Dimàirt seo chaidh airson dithis bhoireannach èigneachadh ann an 2017 agus 2019 mus do dh’atharraich i a gnè.

Dh’atharraich Bryson a gnè fhad s’ a bha i a’ feitheamh ris a’ chùis-lagha tòiseachadh.

Bha i air a cumail an grèim ann an Cornton Vale fhad ‘s a bha i a’ feitheamh ri dìteadh mus deach a gluasad gu HMP Dhùn Èideann Diardaoin.

• • •

Alba: Tar-bhoireannaich toirmeasgte bho rugbaidh beantainn nam ban

25 Am Faoilleach 2023

Dh’ainmich Aonadh Rugbaidh na h-Alba (SRU) Dimàirt gun cur iad casg air boireannaich thar-ghnèitheach bho bhith a’ cluich ann am farpaisean rugbaidh beantainn nam ban.

Faodaidh fireannaich tar-ghnèitheach fhathast cluich ann am farpaisean fireannach, ach feumaidh an club aca measadh cunnairt a dhèanamh agus an toradh a chur a-steach dhan SRU.

Thèid am poileasaidh ùr a chur an gnìomh Diciadain 1d latha den Ghearran agus thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air gach bliadhna agus nuair a bhios dàta saidheansail is rannsachadh ùr ri fhaighinn.

• • •

"Rally for Trans Equality"

18 Am Faoilleach 2023

Ma tha sibh gu bhith faisg air Dùn Èideann Diardaoin 19mh den Fhaoilleach, cruinnichidh luchd-iomairt 1.30f taobh a-muigh Queen Elizabeth House gus fianais a thogail an-aghaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson bacadh a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba).

Ùrachadh (18mh den Fhaoilleach @ 5:55m)

Mura bhios sibh faisg air Dùn Èideann, bidh togail-fianais 1f aig Castlegate, Obar Dheathain cuideachd.

Ùrachadh (20mh den Fhaoilleach @ 3:51f)

Bidh cruinneachaidhean a bharrachd Disathairne 11m aig Buchanan Steps, Glaschu G1 2NG agus 2f Seòmraichean a’ Chathair, 19 City Square, Dùn Dè DD1 3BY.

• • •

Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air ainmeachadh a-rithist gun cur iad bacadh air teiripe iompachaidh

17 Am Faoilleach 2023

Thuirt Michelle Donelan, Ministear airson Cultar, an-diugh gum foillsich an Riaghaltas dreachd reachdais a dh’aithghearr gus bacadh a chur air teiripe iompachaidh ann an Sasainn agus sa Chuimrigh.

’S e “teiripe iompachaidh” am facal a thathar a’ cleachdadh mar thuairisgeul air cleachdaidhean sam bith a dh’fheuchas ris an taobhadh feise no an ìomhaigh a thaobh gnè a tha aig neach atharrachadh.

Chaidh am poileasaidh a mholadh grunn thursan le riaghaltasan Tòraidheach leantainneach, a’ tòiseachadh le riaghaltas Theresa May ann an 2018 ach chaidh ainmeachadh an-uiridh le Boris Johnson nach biodh daoine tar-ghnèitheach air an dìon leis an reachdas.

Thuirt Donelan an-diugh ge-tà gum bi am bile a’ dìon a h-uile duine.

Tha seo a’ tighinn as dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ainmeachadh an-dè gun cuireadh iad bacadh air reachdas ùr an Alba a dhèanadh e nas fhasa do dhaoine tar-ghnèitheach teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

• • •

Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus bacadh a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba)

16 Am Faoilleach 2023

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air dearbhadh gun cur iad bacadh air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba).

Bhòt Pàrlamaid na h-Alba san Dùbhlachd gus am bile a dhèanamh na lagh ach tha Westminster ag ràdh gun cleachd iad Achd na h-Alba Earrann 35 gus stad air a’ bhile bho bhith a’ faighinn Aonta Rìoghail.

Cha deach Earrann 35 a chleachdadh a-riamh roimhe ach tha Rùnaire Stàite na h-Alba, Alasdair Jack, air ràdh ann am brath-naidheachd gun toir am bile buaidh mhòr air cùisean co-cheangailte ri co-ionannachd ann an Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe ge-tà nach toireadh am bile buaidh sam bith air Achd na Co-ionannachd 2010 air sgàth ’s nach eil e a’ toirt còirichean sam bith a bharrachd do dhaoine tar-ghnèitheach na tha aca mar-thà.

Barrachd ri leantainn.

• • •

Draghan air Rishi Sunak mun bhuaidh ath-leasachaidhean gnè

13 Am Faoilleach 2023

Tha Rishi Sunak air ràdh gu bheil dragh air mun bhuaidh a bheireadh ath-leasachaidhean gnè ùra ann an Alba air a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt am Prìomhaire gu bheil Riaghaltas an RA a’ leantainn an cleachdadh àbhaisteach le bhith a’ gabhail comhairle mun a’ bhuaidh.

Cha do dhearbh e ge-tà nan cuireadh Westminster bacadh air an reachdas.

• • •

Dh’fhaodadh gum bi Teisteanasan Aithneachadh Gnè Albannach mì‑dhligheach anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte

09 Am Faoilleach 2023

Tha am Ministear airson Boireannaich agus Co‑ionnannachd, Kemi Badenoch, air ainmeachadh gun nithear ath‑sgrùdadh air liosta nan dùthchannan às a bhios an Rìoghachd Aonaichte ag aithneachadh Teisteanasan Aithneachadh Gnè (Gender Recognition Certificates) gus dèanamh cinnteach gu bheil pròiseasan aca a tha cho mionaideach sa tha am pròiseas a th’ aig an Rìoghachd Aonaichte an‑dràsta.

Fo Achd Aithneachadh Gnè (2004), faodaidh cuideigin teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn ma tha iad air breithneachadh meidigeach de neo‑shastachd gnè (gender dysphoria) fhaighinn agus ma tha iad air a bhith beò anns an gnè a ghabh iad fad dà bhliadhna.

Bhòt Pàrlamaid na h‑Alba san Dùbhlachd gus an achd seo ath‑leasachadh ’s a‑measg nan atharrachaidhean thèid an riatanas airson breithneachadh meidigeach a chur às.

Thuirt Badenoch nach bu chòir do dhuine sam bith a bhith comasach air dol gu dùthaich eile gus teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn mura biodh iad comasach air teisteanas fhaighinn anns an Rìoghachd Aonaichte.

Thathar a’ creidsinn gun cur Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte casg air teisteanasan aithneachadh gnè bho dhùthchannan gun na riatanasan seo ’s mar sin dh’fhaodadh sin a’ ciallachadh nach bi teisteanasan aithneachadh gnè à Alba dligheach anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

• • •

Pàrtaidh Uaine na h-Alba: Feumar casg a chur air teiripe iompachaidh ann an 2023

01 Am Faoilleach 2023

Glacadh-sgrìn o “Boy Erased (2018)” a bheireas sùil air teiripe iompachaidh

Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba air ràdh gum feumar casg a chur air teiripe iompachaidh ann an 2023.

’S e ‘teiripe iompachaidh’ am facal a thathar a’ cleachdadh mar thuairisgeul air cleachdaidhean sam bith a dh’fheuchas ris an taobhadh feise no an ìomhaigh a thaobh gnè a tha aig neach atharrachadh.

Ann am brath-naidheachd a ghabhas a leughadh air an làrach-lìn aca, thuirt Neach-labhairt Co-ionannachd Pàrtaidh Uaine na h-Alba, Maggie Chapman, gur e “tàmailt a th’ ann gu bheil cleachdaidhean iompachaidh fhathast a’ leantainn.

“Tha iad ainneartach, droch-dhìolach agus chan eil àite ann dhaibh ann an comann-sòisealta ùr-fhasanta is adhartach.

“Am-bliadhna bidh sinn ag obair còmhla ri luchd-iomairt agus Riaghaltas na h-Alba gus reachdas a thoirt a steach a chuireas stad air cleachdaidhean iompachaidh gu bràth.”

• • •

Eileanan Breatannach na Maighdinn gus reifreann a chumail air pòsadh aon-sheòrsach

23 An Dùbhlachd 2022

Cumaidh Eileanan Breatannach na Maighdinn reifreann gus co-dhùnadh nam bu chòirear pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail.

Tha e air tighinn as dèidh gun deach dùbhlan laghail a thogail an aghaidh na Riaghaltais le càraid aon-sheòrsach a tha ag iarraidh aithneachadh laghail air an aonadh aca.

An dràsta tha an lagh ag ràdh nach fhaod ach boireannach agus fireannach a phòsadh.

Cha deach ceann-latha an reifreinn a thaghadh fhathast.

• • •

Buill-phàrlamaid na Spàinne air bhòtadh gus fèin-aithneachadh a cheadachadh

23 An Dùbhlachd 2022

Tha Buill-phàrlamaid na Spàinne air bhòtadh airson fèin-aithneachadh laghail a cheadachadh san dùthaich.

Bhòt Buill-phàrlamaid 188-150 airson gabhail ris a’ bhile, agus cha do bhòt seachdnar.

Tha e a’ ciallachadh gum bi neach sam bith nas sìne na 16 bliadhna a dh’aois comasach air an gnè laghail aca atharrachadh gun a bhith a’ toirt seachad fianais-leigheis.

An uair sin bidh aig tagraichean ris an t-iarrtas aca a dhearbhadh trì mìosan às deidh dhaibh an tagradh aca a chur a-steach mus tèid an t-atharrachadh a dhèanamh dligheach.

Feumaidh an t-Seanadh aontachadh ri fhathast, ach thathar an dùil gun tèid a dhèanamh na lagh an ceann grunn sheachdainnean.

• • •

Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) troimhe

22 An Dùbhlachd 2022

Bhòt Pàrlamaid na h-Alba an-diugh airson Achd Aithneachadh Gnè ath-leasachadh gus a dhèanamh nas fhasa do dhaoine tar-ghnèitheach an gnè laghail aca atharrachadh.

Bhòt Buill-phàrlamaid 86-39 airson gabhail ris a’ bhile.

Thathar an dùil a-nis gun tèid an lagh atharrachadh an ath-bhliadhna gus nach bi aig tagraichean ri fhianais-leigheis a thoirt seachad gus teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

Cuideachd thèid an aois as lugha do thagraichean a lùghdachadh bho 18 gu 16 is an ùine a dh’fheumas tagraichean a bhith beò sa ghnè a ghabh iad a lùghdachadh bho dhà bhliadhna gu trì mìosan no sia mìosan ma tha an tagraiche 16 no 17.

• • •

Faclair.lgbt

15 An Dùbhlachd 2022

Chaidh Faclair nan Gèidheal ùrachadh le URL ùr snasail (https://faclair.lgbt/) agus faodar a rannsachadh a-nis! Tha e fhathast ri lorg air làrach-lìn a’ Ghèidheil Ùire cuideachd.

• • •