Thèid a’ chiad seirbheis aon-sheòrsach a chumail ann an Eilean Leòdhais an-diugh nuair a thèid Anndra Robasdan agus Craig Atkins am pòsadh.
‘S e seo a’ chiad seirbheis aon-sheòrsach ann an Eilean Leòdhais on a chaidh companasan-catharra a chur an gnìomh ann an 2005.
Thuirt Mgr. Robasdan, a tha ag obair air BBC Alba, “Tha a h-uile rud air a dhol gu ceart. Gun trioblaid sam bith.”
Cha deach seirbheis aon-sheòrsach a chumail a-riamh anns na h-Eileanan Siar far a bheil creideamh fhathast gu math làidir anns a’ choimhearsnachd.
Thathar a ràdh gu eil fios aig Neach-clàraidh Euphemia “Effie” NicDhòmhaill gum bi an seirbheis a’ dol air adhart, ach cha robh i airson bruidhinn air a’ chuspair.
Aig a’ cheart àm tha muinntir Leòdhais a’ dèanamh gearain gu bheil CalMac a-nis a’ ruith seirbheis eadar Leòdhais ’s Ulapul Didòmhnaich.
Thuirt neach-labhairt an Eaglais “Aig a’ cheart àm ’s a tha am bata-aiseag a’ seòladh air an t-Sàbaid, tha seo na briseadh-dùil. Cha bu chòir dhan Chomhairle a bhith a’ toirt air luchd-clàraidh a bhith a’ dèanamh seirbheisean mar seo. Tha e mì-mhoralta agus na pheacadh.”
Tha Eaglais na h-Alba air casg a chur air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna.
Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh dìreach dà latha as dèidh dhan Àrd-sheanadh bhòtadh 326-267 gus cead a thoirt ris an t-Urr. Scott Rennie a bhith na mhinistear aig Eaglais Chrois na Bànrighinn ann an Obar Dheathain, ged a tha e a’ fuireach le companach fireannach.
Thèid coimisean àraidh stèidhichte gus a’ chuspair deasbad agus aithisg a dhèanamh ann an 2011.
Chaidh casg a chur air buill an eaglais bhon a bhith a’ bruidhinn air a’ chùis ris na meadhanan.
Tha Àrd-chùirt Chalifornia air bhòtadh gus cumail ri Proposition 8, an iomairt a chur casg air pòsadh aon-sheòrsach anns an stàit.
Bhòt na britheamhan 6-1 an-aghaidh luchd-taice pòsaidhean aon-sheòrsach a bha a’ gearan air sgàth ’s gu bheil Proposition 8 a’ dol an-aghaidh Bun-reachd nan Stàitean Aonaichte. A dh’aindeoin an co-dhùnadh seo, bhòt iad uile gu lèir airson na 18,000 pòsaidhean a chaidh a chumail mar thà a chumail laghail.
Cha robh ach Britheamh Carlos R. Moreno, an aon Democrat anns a’ chùirt, airson Proposition 8 a chur às.
Chaidh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an California anns a’ Chèitean 2008, ach a-rèir Proposition 8 a chaidh a chur an gnìomh anns an t-Samhain 2008 tha pòsadh a’ ciallachadh aonadh eadar fear agus bean a-mhàin.
Tha luchd-gnìomh LCDT air ràdh gu bheil Proposition 8 a’ dol an-aghaidh a’ bhun-reachd agus gu bheil e a’ dèanamh leth-bhreith orra. Tha iad cuideachd ag ràdh nach eil companasan-catharra, a tha ceadaichte anns an stàit, co-ionann ri pòsadh.
Bidh daoine LCDT a’ togail fianais an-aghaidh a’ cho-dhùnadh air feadh California an-diugh.
Chaidh seo a thogail bho làrach-lìn a’ BhBC. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhal air Deasbad a’ leantainn mu Mhinistearan gèidh.
Leanaidh an deasbad aig Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Diluain air am bu chòir do dhaoine a tha gu fosgailte ann an càirdeasan gèidh a bhith ceadaichte àrd-oifisean a bhith aca san Eaglais.
Disathairne bhòt 327 coimiseanar gun robh Clèir Obar Dheathain ceart ann a bhith a’ cur taic ri calla bho Eaglais Chrois na Banrighinn gu Scott Rennie, a tha a’ fuireach le companach fireann.
Tha sin a’ ciallachadh gun tèid Mgr Rennie a phòsadh ris a’ choithional san Òg-Mhios – sia miosan an dèidh dha an calla fhaighinn.
Tha Mgr Rennie air a bhith na Mhinistear aig Àrd-Eaglais Bhrechin bho 1999.
Bha 13 buill de Chlèir Obar Dheathain mi-thoilichte leis an t-suidheachadh mu choinneamh Mgr Rennie agus thug iad a’ chùis chun Àrd-Sheanadh.
‘S fear de na priomh dhraghan a bh’ orra nach robh an clèir air beachd a shireadh bhon Eaglais air fad mus do chur iad taic ri dreuchd ùr Mhgr Rennie.
Gluasadan
Bha aig an 900 Coimiseanar a bha an làthair ri bhòtadh air dà ghluasad.
Thàinig a’ chiad ghluasad bhon t-Urr. Jeremy Middleton, Eaglais Davidson’s Mains, Dùn Èideann, a bha airson gun deidheadh gabhail ris a’ ghearain an aghaidh Chlèir Obar Dheathain agus nach deidheadh an t-Urr. Scott Rennie a phòsadh ri coithional ùr.
Ghluais an Dtr. Urr Seòras Whyte an aghaidh a’ mholaidh sin agus esan ag radh gum bu chòir cuir às don ghearain an aghaidh a’ chlèir.
Bha moladh Dhtr. Whyte ann an dà phàirt agus an dàrna pàirt ag iarraidh nach deidheadh a’ chùis seo a mheas mar seasamh oifigeil na h-Eaglasie air Ministearan gèidh.
De na co-dhiù 900 coimiseanaran a bha an làthair bhòt 326 airson gluasad Mhgr Whyte agus 267 airson gluasad Mhgr Middleton. Bha còrr is 300 nach do bhòt idir.
Tagradh
Thòisich an deasbad mu chlèir Obar Dheathain agus lean e gus an do bhòt na coimiseanaran aig 22.21, mar sin cha chualas an tagradh bho chlèir Lochcarroin ’s an Eilean Sgitheanaich.
Thèid an tagradh sin, a mholas gur e a-mhàin Ministearan, eilltearan agus deacoin a tha ann am pòsadh eadar fireannach agus boireannach no a tha singilte, a bu chòir a cheadachadh san Eaglais.
Bidh cothrom ann do choimiseanaran iad fhèin molaidhean eile a chur air adhart cuideachd.
Tòisichidh an deasbad sin aig 1600 Diluain is dùil gum mair e grunnd uairean a thìde.
Mar a bhios fios agaibh tha an t-Urr. Scott Rennie air a bhith a’ strì airson an dreuchd aige a shàbhaladh as dèidh dhan eaglais a ràdh nach robh e ceadaichte a bhith ag obair air an son air sgàth ’s gu bheil e co-sheòrsach.
Chaidh ath-chuinge a chruthachadh thall aig http://www.thepetitionsite.com/1/support-scott-rennie le Alan Parker. Tha e ag amas air 10,000 daoine a chur an ainmean ris.
Tha Àrd-chùirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail anns an stàit.
Mar phàirt dhen co-dhùnadh aon-ghuthach, thuirt na breitheamhan le bhith a’ mìneachadh pòsadh mar aonadh eadar boireannaich agus fireannaich bha bun-reachd na stàite a’ dol an aghaidh e fhèin air sgàth ’s gu bheil e a’ brosnachadh co-ionannachd.
Chaidh a’ chùis a thoirt dhan chùirt anns an Dùbhlachd 2005 air sgàth ’s sia càraidean aon-sheòrsach a thug Timothy Brien, Clàraich Siorrachd Polk, gu lagh air sgàth ’s nach dh’fhuair iad cead pòsaidh bhon oifis aige.
Thug iad ionnsaigh air laghan na stàite a thuirt gun robh pòsadh a’ ciallachadh aonaidhean eadar boireannaich agus fireannaich a-mhàin.
Anns an Lùnastal 2007 thuirt cùirt na sgìre gun robh e a’ dol an-aghaidh a’ bhun-reachd a bhith a’ cur casg air càraidean aon-sheòrsach a bhith a’ pòsadh.
Anns a’ Mhàrt 2008, chaidh 15 friend-of-the-court briefs a chlàradh a bha a’ toirt taic ri càraidean aon-sheòrsach a bha airson pòsadh, agus airson còirichean na clann aca.
Ghabh ceudan de Iowanaich ris na briefs sin a’ toirt a-steach dithis seann Lietenant Governors Joy Corning agus Sally Pederson.
Tha Iowa a-nis na ciad stàit ann an iar-mheadhan na Stàitean Aonaichte far a bheil pòsadh aon-sheòrsach ceadaichte agus chan eil ach dà stàit eile anns na Stàitean gu lèir fair a bheil e ceadaichte.
Tha dithis marbh ann an Sadr City, roinn Shiite dhe Bhaghdad, air sgàth ’s clèir ionadail a dhìt co-sheòrsachd.
Tha e air nochdadh cuideachd gun deach ceathrar a bharrachd a mhurt sa Mhàrt.
Tha an Clèir Shiite Sattar al-Battat air a bhith a’ dìteadh co-sheòrsachd anns na h-ùrnaighean Dihaoine aige uair is uair a-rithist.
Thuirt am poileas ann an Ioràc gun deach an dithis a mhurt Diardaoin agus gu bheil iad a’ smaointinn gur e na teaghlaichean a tha as coireach. Tha an Associated Press air ràdh nach eil duine sam bith air na cuirp a thagradh neo air iarraidh airson rannsachadh.
Lorg am poileas ceathrar cuirp a bharrachd mìos seo chaidh leis na faclan pervert agus puppies (facal tarcaiseach air a chleachdadh san sgìre) sgrìobhte orra.
Nuair a bha an sgìre fo smachd am Armachd Mahdi bha co-sheòrsachd an-aghaidh an lagh, ach on a chaidh ceasefire a chur an gnìomh, tha daoine co-sheòrsach air a bhith a’ cruinneachadh aig cafaidh sa bhaile.
Cha tèid Iris Robinson, BP à Èirinn a Tuath, a thoirt gu lagh leis a’ phoileas airson moladh gur e tinneas-inntinn a th’ ann an co-sheòrsachd agus coimeas a dhèanamh eadar daoine co-sheòrsach agus paedophiles.
Bha BP am Pàrtaidh Deamocratach Aonachdach (DUP) airson Strangford, a tha pòsta ri Peter Robinson, Prìomh Ministear Èirinn a Tuath, fo sgrùdadh am poileas as dèidh dhan BhBC còrr is 100 gearan fhaighinn nuair a bha Robinson a’ bruidhinn air Prògram Nolan air BBC Radio Ulaidh as t-samhradh agus mun aon àm nochd agallamh san Belfast Telegraph far an tuirt i rudan dhen aon t-seòrsa.
Thuirt neach-labhairt a’ Phoileas as dèidh rannsachadh fada agus farsaing gu bheil iad toilichte gu leòr nach do bhris BP Robinson an lagh agus air sgàth ’s sin cha tèid i a toirt gu lagh.
Thèid coinneamh a chumail gus deasbad ma bhios ministear co-sheòrsach ann an Obair Dheathain comasach air obair airson an eaglais.
Tha am Press & Journal ag ràdh gun deach an t-Urr. Scott Rennie a chur an dreuchd aig Eaglais Chrois na Banrighinn san Fhaoilleach le bhòt 60 gu 24 ach gu bheil 13 buill dhen eaglais air gearanan a dhèanamh mun dhòigh-bheatha aige.
Tha an t-Urr. Rennie a’ fuireach anns a’ mhansa aig Àrd-Eaglais Bhrechin, far a bheil e ag obair, còmhla ris a bhràmair.
A-nis thèid coinneamh a chumail le comataidh air a dhèanamh suas le ministearan agus èildearan gus deasbad air na gearanan agus co-dhùnadh a dhèanamh air ma bhios an cuspair a’ dol air adhart dhan Seanadh sa Chèitean.
Tha bile ùr gus an t-Eilean Mhanainn a thoirt gu ìre an Rìoghachd Aonaichte a-thaobh poileasaidhean gnè air faighinn tron a’ chiad ceum dhen Chomhairle Lagha.
Thèid an Gender Recognition Bill, a chaidh a chur air adhart le Eddie Lowey, a chur an gnìomh gus riaghailtean Cùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna a’ co-fhreagairt.
Bidh am bile a’ toirt còirichean co-ionannachd, a’ toirt a-steach còirichean pòsaidh, do dhaoine tar-ghnèitheach sam bith a tha air teisteanas oifigeil fhaighinn.
Tha am bile cuideachd ag ràdh gu bheil e mar dhleastanas dhan Oifis Clàraidh a bhith a’ cumail Clàr Gnè dìomhair mu dheidhinn a h-uile teisteanas gnè.
Chaidh am bile stèidheachadh air laghan a chaidh a chur an gnìomh anns an Rìoghachd Aonaichte leis an Gender Recognition Act.
Tha am bile air faighinn tro trì ceuman anns an House of Keys mar-thà ach tha dà cheum air fhàgail mus bi e na lagh.
Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an casg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.
Chaidh an casg a chur an sàs anns na 1980an air sgàth eagail mun ghalair HIV.
Mhol an aithisg mu dheireadh, a chaidh a dhèanamh anns an Fhaoilleach 2007, gum bu chòir dhan poileasaidh a-thaobh fireannaich co-sheòrsach fuirich mar a bha e.
Thèid an rannsachadh ùr a dhèanamh le comataidh comhairle neo-eisimeileach a tha an urra ri comhairle a thoirt dhan riaghaltas a-thaobh cùisean fala, ceallain agus buill.
Bidh an aithisg ùr a’ toirt a-steach fiosrachadh mu dheidhinn cho cumanta ’s a bhios Seirbheis na Fala a’ lorg galaran-gabhaltach agus ciamar a bhios na galaran-gabhaltach seo a’ sgaoileadh. Cuideachd thèid rannsachadh a dhèanamh gus faighinn a-mach cò na buidhnean as cumanta air a bheil galaran-gabhaltach mar seo.
A bharrachd air seo bidh iad a’ sgrùdadh poileasaidhean eile air feadh an t-saoghal gus faighinn a-mach ciamar a tha dùthchannan eile a’ làimhseachadh a’ chuspair seo.
Tha buidhnean LCDT air fàilte a chur air an naidheachd seo. Tha na buidhnean seo dhen bheachd gur e leth-bhreith a th’ anns a’ chasg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte dhaibh a bhith a’ toirt seachad fala.
Thuirt labhraiche bhon Lìonra LCDT: “‘S e poileasaidh seann-fhasanta a th’ anns a’ chasg, a chaidh a chur an gnìomh bho chionn deicheadan nuair a bha daoine dhen bheachd gur e galair nach biodh ach daoine co-sheòrsach a’ faighinn a bh’ ann an HIV.”
“Tha fhios againn san là a th’ ann nach ann mar sin a tha cùisean.”
“Chan eil adhbhar clionaigeach ann airson a’ chasg air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a bhith a’ toirt seachad fala.”
Thuirt Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS) gu bheil iad a’ cur fàilte air an rannsachadh ach gu bheil e mar dhleastanas dhaibh a bhith cho cinnteach ’s a ghabhas gu bheil an fhuil a tha ri fhaotainn anns an stòras aca glan agus sàbhailte.
Thèid a’ mhòr-chuid dhen rannsachadh a thaisbeanadh dhan comataidh comhairle as t-samhradh.
Tha lagh ùr gus brìgh eucoirean gràineil leasachadh a bhith a’ toirt a-steach gràin-co-sheòrsachd air gluasad air adhart ann an Alba.
Tha Comataidh Ceartas Holyrood air taic a thoirt dhan bhile ùr a chaidh a chur air adhart le BPA Uaine Patrick Harvie.
Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh mar thà gum bi iad airson am bile aontachadh, a’ ciallachadh gu bheil e cha mhòr ach cinnteach gun tèid a dhèanamh na lagh.
Bidh seo a’ ciallachadh gum bi binne nas làidire ri fhaicinn airson eucoirean gràineil an-aghaidh daoine LCDT neo daoine le ciorraim.
Leis an Offences Aggravated by Prejudice (Scotland) Act, bhiodh Alba a’ dol leis an còrr de Bhreatainn far a bheil laghan mar seo mar thà.