Iomairt Facebook airson a’ chiad ceann-suidhe co-sheòrsach aig na h-Èirinn
Chaidh iomairt a chur an sàs air Facebook gus a’ chiad ceann-suidhe co-sheòrsach a thaghadh ann an Èirinn.
Thathar an dùil gun tèid David Norris a thaghadh na Ceann-suidhe na h-Èirinn anns an Taghadh 2011.
Thuirt Norris gur e iomairt Facebook le ballrachd de còrr ’s 1000 daoine a bhrosnaich e a bhith a’ ruith.
“Tha mi dhen bheachd gu bheil e uabhasach cudromach a bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr. Bha e na chuideachadh ri Ceann-suidhe Obama.”
Tha Norris, a tha fosgailte mun ghnèitheachd aige, cuideachd air ràdh nach eil e an dùil gum biodh e na thrioblaid anns na Sgìrean Chaitligeach san dùthaich gu bheil e co-sheòrsach.