Companasan-catharra air a dhèanamh laghail ann an Èirinn

Chaidh laghan ùra a chur an gnìomh ann an Èirinn Disathairne gus companasan-catharra a dhèanamh laghail anns an dùthaich.

A dh’aindeoin seo tha cuid anns a’ choimhearsnachd LCDT Èireannach air an achd a chàineadh air sgàth ’s gum feumar gach càraid tagradh a chur a-steach co-dhiù trì mìos ro-làimh ma bhios iad airson cead fhaighinn bhon Riaghaltas agus air sgàth ’s nach eil an achd a’ toirt còirichean co-ionann do phàrantan co-sheòrsach.

Tha am buidheann LGBT Noise a’ càineadh an achd ùr air sgàth ’s nach eil e a’ toirt cead pòsaidh do chàraidean aon-sheòrsach.

Thuirt neach-labhairt a’ bhuidhinn ris an Irish Times:

“Bidh pàrantan a’ pàigheadh cìsean mar càraid ach cha bhi còraichean pàrant aca mar càraid. Tha Noise a’ creidsinn nan robh a h-uile buannachd a th’ aig pòsadh ri fhaotainn le companasan-catharra gur e leth-bhreith a bhiodh ann fhathast air sgàth ’s gum biodh siostam fa leth ann do mhuinntir a’ choimhearsnachd LCDT.”

Thathar an dùil gun tèid na ciad companasan-catharra a chumail sa Ghiblean air sgàth ’s gum feumar cead fhaighinn trì mìosan ro-làimh ach faodar cead fhaighinn ro sin ma bhios tu a’ faighinn saoradh bhon a’ chùirt mar thoradh adhbharan slàinte m.s.a.a.

Bidh an achd ùr ag aithneachadh companasan-catharra bho 27 dùthchannan eile a’ toirt a-steach An Rìoghachd Aonaichte agus Canada ach cha bhi e ag aithneachadh pòsaidhean aon-sheòrsach à dùthchannan far a bheil iad ceadaichte.

Read more