An t-Òban airson a’ chiad fèis-pròise aca a chumail an ath-bhliadhna

10 An Dàmhair 2018

Thèid fèis-pròise a chumail anns an t-Òban an ath-bhliadhna airson a’ chiad turas a-riamh.

Chaidh ainmeachadh air Facebook ann an bhidio goirid le bànrigh draga ionadail, Crystal, anns a bheil i ag iarraidh air muinntir an àite tighinn gu sgrìonadh sònraichte dhen film God’s Own Country ann an Taigh-dhealbh Pheonix 26mh Dàmhair aig 7f. Cuideachd thuirt i gum bi oidhche làn ceòl agus fealla-dhà aig Bar na Seilear as a dhèidh.

Thuirt Gary Hamilton, neach-labhairt Fèis-pròise an Òbain ri Phink Saltire:

“Rugadh am beachd bho iomairt an aghaidh stiogma a bha a’ ruith anns an t-Òban ann an co-bhonn ri Waverley Care Scotland agus Taigh-dhealbh Pheonix. Tha sinn air ar brosnachadh leis na tachartasan a chaidh a chumail air feadh na dùthcha agus tha sinn airson taic a shealltainn dhan choimhearsnachd iomallach LGBT+ againn fhèin.”

Thathar an dùil ri barrachd fhiosrachaidh mun fhèis anns a’ bhliadhn’ ùr agus faodar cumail suas leis an naidheachd as ùire mu a dheidhinn air Facebook: https://www.facebook.com/ObanPride/

• • •

Ceannard Fèis-pròise Ghlaschu air a dhreuchd a leigeil dheth

09 An Dàmhair 2018

Tha Alasdair Mac a’ Ghobhainn, Ceannard Fèis-pròise Ghlaschu air a dhreuchd a leigeil dheth as dèidh 10 bliadhna mar thoradh air duilgheadasan an tachartais am-bliadhna.

Chuir còrr ’s 1500 daoine na h-ainmean aca ri athchuinge ag iarraidh air a dhreuchd a leigeil dheth air sgàth duilgheadasan a bha a’ ciallachadh nach b’ urrainn do dhaoine faighinn a-steach dhan tachartas.

Ann an aithris (a ghabhas leughadh gu h-ìseal) tha Mgr Mac a’ Ghobhainn air ràdh gu bheil e “uabhasach duilich dhaibhsan nach d’fhuair a-steach dhan fhèis” agus gu bheil e “an dòchas gun urrainn do dh’Fhèis-pròise Ghlaschu càirdeasan a chàradh agus càirdeasan adhartach ùra a stèidheachadh leis an Riaghaltas ionadail agus gun toir iad taic leantainneach dhaibh.”

“I have been involved with Pride Glasgow for over 10 years in various roles. I have been instrumental in the growth of the event over the years and the delivery of the ‘Pride Life’ volunteer project.

This year’s event was not without its challenges and I’m hugely sorry for those who didn’t get access to the Festival. I know and trust that the team at Pride Glasgow will learn important lessons and deliver a fantastic event for the community next year.

I’d like to thank all the staff at Glasgow City Council for their support over the years and hope that Pride Glasgow can rebuild and establish new positive relationships with local government and that they will offer continued support.

There has been some contention and fractioning-off within the community after this years event and I hope that with my resignation, the community will work together to resolve issues and focus on the pride movement moving forward.

Pride will always hold a place in my heart but I have decided it’s time for me to hand over the rainbow baton and provide opportunities for new ideas and fresh enthusiasm.

I have had many great opportunities at Pride and have been privileged to work along side thousands of passionate volunteers. I wish the current volunteers the very best and would like to thank them for all of the support and the kindness they have shown me over the years – you’re all amazing and a fantastic team.”

Alasdair Mac a’ Ghobhainn – Aithris Liubhairt, 8mh An Dàmhair 2018:

Leig Fo-cheannard agus Stiùiriche na fèis, Ross Stevenson, dheth a dhreuchd anns an Lùnastal nuair a dh’fheumadh an fhèis £10,000 a phàigheadh air ais do luchd-frithealaidh nach d’fhuair a-steach air sgàth ’s gun do reic iad barrachd tiocaidean na bha ri fhaotainn.

Cuideachd tha Pink Saltire ag aithris gu bheil àireamh de dh’fhiachan (a dh’fhaodadh a bhith suas ri £40,000) aig an fhèis a tha fhathast ri phàigheadh. Thuirt neach-labhairt na fèis ri Phink Saltire gu bheil iad a’ bruidhinn ri HMRC agus cunntasair ùr mu na dùbhlain leantainneach aca.

• • •

Òraidean Fèis-pròise Inbhir Nis 2018

07 An Dàmhair 2018

Bhidiothan dhe na h-òraidean aig Fèis-pròise Inbhir Nis 2018.

• • •

Comhairle air cead a thoirt seachad airson Fèis-pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

26 An t-Sultain 2018

Chaidh a dhearbhadh madainn Dimàirt gum faod Fèis-pròise Inbhir Nis dol air adhart 6mh Dàmhair.

Thuirt neach-labhairt a’ Chomhairle ris The Inverness Courier:

“Tha sinn air innse ris na h-eagraichean nach eil gearanan sam bith aig Comhairle na Gàidhealtachd no Poileas Alba mun caismeachd a’ dol air adhart a-rèir am brath rùin aca.”

• • •

Chan fhaigh athair tar-ghnèitheach sochair-chloinne

22 An t-Sultain 2018

Chan fhaigh athair tar-ghnèitheach sochair-chloinne air sgàth ’s nach eil e airson a bhith clàraichte mar mhàthair air teisteanas breith an leanaibh.

Tha an duine, nach gabh ainmeachadh airson adhbharan laghail, ag àramaid seach gun robh e aithnichte gu làghail mar fhireannach aig àm a bhreith gum bu chòir dha bhith clàraichte mar athair.

Tha e a-nis air dùbhlan laghail a chur a-steach an-aghaidh na riaghailtean a dh’fheumas cuideigin a bheireas breith a bhith clàraichte mar mhàthar air an teisteanas breith ach mar thoradh sin cha tèid teisteanas breith a thoirt seachad gus a bheil co-dhùnadh air a dhèanamh air a’ chùis.

Tha ùghdarrasan a-nis air innse dha nach eil e comasach air sochair-chloinne fhaighinn air sgàth ’s nach eil teisteanas breith aig an leanabh.

Tha The Times ag aithris nach tèid co-dhùnadh a dhèanamh air a’ chùis airson grunn mìosan.

• • •

Fèis-pròise Innse Ghall air a chàineadh le Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich

21 An t-Sultain 2018

Tha Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich air iomradh a thoirt air a’ chiad fèis-pròise anns na h-Eileanan an Iar mar “duilich agus nàireach”.

Tha The Press & Journal ag aithris gun tuirt An t-Ùrr. Graeme Craig “Ge b’ e dè an seòrsa mì-bheus gnèitheach, chan eil e rudeigin a bhith mòiteil às.”

“Is e tachartas duilich agus nàireach a tha seo. Bidh e a’ stiùireadh dhaoine, gu h-àraid na h-òigridh, dhan taobh ceàrr a-thaobh fèin-aithne, dàimhean agus toileachadh ghnèitheach. Tha e draghail gum faigh an fheadhainn a tha a’ strì leis na rudan seo comhairle ceàrr.”

“Bidh daoine nas sona cho luath ’s a tha an comann-sòisealta ag aithneachadh bith-eòlas bunaiteach, a’ brosnachadh pòsadh dìlseach, monogamous agus iol-ghnèitheach. Is e leantainn stiùireadh ar Cruthaidhear an rud as glice an-còmhnaidh.”

Tha Fèise-pròise Innse Ghall gu bhith a’ dol air adhart 6mh Dàmhair ann an meadhan Steòrnabhaigh aig an aon àm sa bhios tachartas eile coltach ris a’ dol air adhart ann an Inbhir Nis.

A-rèir duilleag Facebook an tachartais aig àm-fhoillseachaidh an sgeulachd seo, tha còrr ’s 400 dhaoine beachdachadh air frithealadh an tachartas ann an Steòrnabhagh.

• • •

Corr ’s 14,000 air na h-ainmean aca a chur ri athchuingean airson Fèis-pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

19 An t-Sultain 2018

Tha còrr ’s 14,000 duine air na h-ainmean aca a chur ri trì athchuingean gus an taic aca a shealltainn airson Fèis-pròise Inbhir Nis.

Chaidh na h-athchuingean a thòiseachadh as dèidh gun do thòisich Donald Morrison athchuinge eile an-aghaidh an fhèis air sgàth “adbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta.”

Tha còrr ’s 700 duine air na h-ainmean aca a chur ri athchuinge Mgr Morrison ’s tha iad ag iarraidh air a’ Chomhairle cead a dhiùltadh airson an tachartas a dhol air adhart.

Aig àm sgrìobhaidh a’ phost seo bha còrr ’s 8,100 ainmean aig an athchuinge Support Inverness Gay Pride and the LGBTQI community, còrr ’s 4,900 ainmean aig an athchuinge Allow the pride march agus 1843 ainmean aig an athchuinge To enable LGBT+ people to celebrate their identity in the face of discrimination.

A’ bruidhinn mun taic a tha iad air fhaicinn bhon a’ choimhearsnachd, thuirt Rosemary Roscrow, neach-labhairt Fòram LCDT na Gàidhealtachd, ri PhinkSaltire: “Tha sinn moiteil às Inbhir Nis agus a’ Ghàidhealtachd airson taic a thoirt dhuinn, a’ sealltainn gu bheil a’ chuid as motha den Ghàidhealtachd anns an 21mh linn!”

Cleachdaibh na ceanglaichean gu h-ìosal ma tha sibh airson ur n-ainm a chuir ris na athchuignean:-

38Degrees: Support Inverness Gay Pride and the LGBTQI community

Change.org: Allow the pride march

Change.org: To enable LGBT+ people to celebrate their identity in the face of discrimination

PinkSaltire: Community rally behind Highland LGBT event after petition

• • •

MFR: Agallamh le Donald Morrison a thòisich athchuinge an-aghaidh Fèis-pròise Inbhir Nis

19 An t-Sultain 2018

Seo agaibh agallamh a rinn MFR / Bauer Radio Scotland le Donald Morrison, fear a thòisich athchuinge an-aghaidh Fèis-pròise Inbhir Nis air sgàth, mar a chanas e, “adhbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta”.

Anns a’ bhidio tha Mgr Morrison ag ràdh nach eil e moralta airson daoine LCDT a bhith a’ taisbeanadh no a’ brosnachadh an taobhadh-fèise agus “an dòigh-beatha” aca ann an àiteachan poblach.

Thuirt Mgr Morrison: “they thrust lewdness in the faces of men, women and children alike by frolicking unashamedly on rainbow-coloured floats making obscene sexual gestures.”

“If this unsavoury event is given planning permission then these desperately sad scenes are now likely to be witnessed very tragically in Inverness on October 6.”

Tha còrr ’s 700 duine air na h-ainmean aca a chur ri athchuinge Mgr Morrison ’s tha iad ag iarraidh air a’ Chomhairle cead a dhiùltadh airson an tachartas a dhol air adhart.

• • •

A’ Chiad Fèis-pròise airson na h-Eileanan an Iar

15 An t-Sultain 2018

Chaidh ainmeachadh Diardaoin gun tèid a’ chiad fèis-pròise a-riamh a chumail anns na h-Eileanan an Iar 6mh Dàmhair.

Mar phàirt dhen fhèis bidh caismeachd ann an Steòrnabhagh agus thèid crìoch a chur air an fhèis le pàrtaidh anns a’ chlub-oidhche Era sa bhaile.

Bhruidhinn Carl Easton, manaidsear a’ chlub ris The Scotsman:

“Tha coimhearsnachd co-sheòrsach air an eilean ach coltach ri àiteachan beaga eile, cha bhiodh daoine ga sgaoileadh. Tha e sàmhach agus caran mùchta.”

“Tha mi an dòchas gum faigh an tachartas fàilte mhòr.”

“Is dòcha gum bi duine no dhà a’ seasamh taobh a-muigh mo chluba le soidhnichean. Chan eil mi ag aontachadh le sin ach tha mi a’ creidsinn gu bheil còir aca a bhith comasach air sin a dhèanamh.”

Chuir Angus McCormack, Comhairliche Neo-eisimeileach airson Steòrnabhagh a Deas, fàilte air an tachartas. Thuirt e ris The Scotsman:

“Tha mi air leth toilichte gum bi seo a’ dol air adhart agus tha mi an dòchas gun tèid taic farsaing a thoirt dha.”

“Air sgàth ’s gu bheil tachartasan mar seo air feadh na h-Alba a-nis, ’s dòcha gu bheil daoine a’ tòiseachadh ri feumalachdan dhen a h-uile coimhearsnachd aithneachadh.”

Chan eil barrachd fiosrachaidh ann mun tachartas aig an àm seo ach sgrìobh na h-eagraichean air Facebook gu bheil iad airson àm iongantach a bhith aca agus iad airson crìoch air a chur air neo-fhulangas ann na h-eileanan an iar.

Cumaibh sùil air an duilleag Facebook seo airson am fiosrachadh as ùire mun tachartas.

• • •

Dè na riochdairean a th’ ort?

17 An Lùnastal 2018

Seo agaibh ceangal gu deasbad gu math inntinneach le Anna NicNeacail agus Michael Bauer mu bhriathrachas LCDTE agus gu h-àraid riochdairean freagarrach do dhaoine neo-bhìnearaidh: Dè na riochdairean a th’ ort?.

• • •

Comhairliche tar-ghnèitheach Albannach a’ leigeil às an dreuchd mar thoradh air droch dhìol

15 An Lùnastal 2018

Tha an aon comhairliche tar-ghnèitheach ann an Alba air ainmeachadh gum bidh iad a’ leigeil às chuid dhe na dreuchdan aca mar thoradh air “sreath de dhroch dhìol guineach agus seasmhach” a’ toirt a-steach bagairtean bàis.

Dh’ainmich Comhairliche Gregor Murray air Facebook gum biodh iad* a’ leigeil às na dreuchdan aca mar Neach-gairm Comataidh Seirbheis Clann agus Teaghlaichean agus mar Neach-labhairt airson Cothroman Co-ionannachd ach gum biodh iad fhathast nan Comhairliche airson Dùn Dè.

*Tha Gregor neo-bhìnearaidh agus ’s fheàrr leotha an riochdair iad a chleachdadh.

Ann an litir gu Ceannard na Comhairle, John Alexander, thug Murray iomradh air an droch dhìol a dh’fhuiling iad thairis air na mìosan a dh’fhalbh agus thuirt iad gur e seo an co-dhùnadh as fheàrr airson an slàinte-inntinn a tha air tuiteam fon ìre far am bu chòir dha bhith.

Chaidh Comhairliche Murray a chàineadh airson cànan a chleachd iad ann am brathan air-loidhne le buidhnean boireannaich.

An-uiridh, thug iad iomradh air a’ bhuidheann Women 50:50 mar “absolute roasters”, a ‘cosnadh càineadh bhon bhallrachd le Ceannard Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, Kezia Dugdale, nam measg.

San Iuchar thug iad iomradh air buidheann-gnìomha leasbach mar “utter ****s” an dèidh dhaibh caismeachd-pròise ann an Lunnainn a ghlasadh.

Dhearbh Comhairliche Alexander gu bheil e air gabhail ri co-dhùnadh Comhairliche Gregor:

“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e ceart gu bheil iad air leisgeul a dhèanamh.”

“Tha e follaiseach gun do thuit cànan agus giùlan Comhairliche Murray fada fo na h-ìrean a bhiodh mi fhèin agus am poball an dùil bho bhall taghte agus ’s e mearachd a bh’ ann. Cha bhi mi a’ dìon giùlain no cànan mar sin. ”

A dh’aindeoin sin thuirt Mgr Alexander gun robh Murray aon dhe na comhairlichean as dìcheallaiche agus gu bheil iad air tòrr a dhèanamh gus beathannan muinntir Dhùn Dè a leasachadh.

Ann an co-dhùnadh thuirt e:

“Aig an àm seo, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gu bheil Gregor a’ toirt ùine a bhith a’ beachdachadh air na tha air tachairt bho chionn ghoirid, a bhith a’ dèanamh fòcas air an slàinte, agus gu bheil iad a’ faighinn taic tron ùine seo.”

• • •

Baile beag Cuimreach airson a’ chiad fèis-pròise aige a chumail

13 An Lùnastal 2018

Tha coimhearsnachd beag anns a’ Chuimrigh air tighinn còmhla gus fèis-pròise a phlanadh airson 1mh t-Sultain 2018.

Cha do chum Llantwit Major fèis-pròise a-riamh ach tha iad an dùil gum bi e na deagh eisimpleir do choimhearsnachdan beaga eile a tha airson pride a chomharrachadh.

Ghluais Rhodri Ellis Owen, eagraiche an tachartais, gu Llantwit Major 18 mìosan air ais.

Thuirt e ris a’ BhBC gu bheil e airson “iomadachd a’ bhaile cladaich brèagha seo a chomharrachadh”.

Cuideachd thuirt e nach eil feum aig daoine òga LCDTE a bhith a’ fàgail na bailtean beaga aca gus gabhail ris an nàdur aca fhèin agus gum faod tachartasan mar seo cur air daoine a bhith a’ faireachdainn gu bheil iad an-sàs ann am beatha a’ bhaile.

Mar phàirt dhen fhèis bidh còisir de bhoireannaich LCDTE, dannsairean burlesque, agus diosgo anns an Tudor Tavern le DJ agus cluicheadair-drag.

• • •