Bidh luchd-iomairt a’ caismeachd ann an Dùn Èideann Diluain agus iad ag iarraidh gun dèan luchd-poileataigs barrachd adhartas a dhèanamh còraichean tar-ghnèitheach ath-leasachadh.
Bidh buill Out for Independence, Rainbow Greens, buidheann LGDT+ Pàrtaidh Làbarach na h-Alba agus buidheann Òigridh Pàrtaidh Libearalach Deamocratach na h-Alba nam measg.
Cruinnichidh luchd-iomairt taobh a-muigh Seòmraichean Cathair Dhùn Èideann mus tòisich an caismeachd aig 11m.
Tha buidheann feimineach ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd a’ càineadh a’ cho-dhùnaidh gus tachartas “Drag Queen Story Hour” a chumail mar phàirt Pròis Òbain na bliadhna seo.
Tha a’ bhuidheann “Argyll and Bute Scottish Feminists” ag ràdh gu bheil an tachartas, anns a bhios bànrighrean draga a’ leughadh sgeulachdan do chlann, mì-iomchaidh do chlann.
Thuirt iad gu bheil tachartasan draga gu tric feiseil, claon-bhreitheach an-aghaidh boireannaich agus oilbheumach ri mòran agus dh’iarr iad air a’ chomhairle an co-dhùnadh atharrachadh.
Thurt Neach-labhairt a’ Chomhairle nach e iadsan a bhios a’ cur Pròis Òbain air dòigh agus gu bheil a’ Chomhairle “a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh co-ionannachd, iomadachd agus ion-ghabhalachd ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd agus mar sin a’ cur taic ri amasan Pròis Òbain”.
Tha an cleasaiche Mhanainneach, Joe Locke, air gairm airson an riaghailt “àrsaidh” a bhios a’ toirmeasg fireannaich gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala atharrachadh.
Bha Locke, a bhios a’ nochdadh san t-sreath Netflix mòr-chòrdte Heartstopper, a’ bruidhinn ann an teachdaireachd bhideo aig Pròis Eilean Mhanainn Disathairne.
Ann an Eilean Mhanainn, tha fireannaich gèidh toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile anns am bliadhna mu dheireadh.
Ann an Alba, agus an còrr dhan Rìoghachd Aonaichte, tha fireannaich toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise thòineach le cèile ùr anns na trì mìosan mu dheireadh.
Tha Aonadh Rugbaidh na h-Èireann (IRFU) air casg a chur air tar-bhoireannaich bho bhith a’ cluich rugbaidh nam ban.
Bidh tar-fhireannaich fhathast comasach air cluich airson sgiobaidhean fireannach ach feumar cead sgrìobhte agus measadh cunnairt mus cluich iad.
Tha seo a’ tighinn as dèidh gun do chur Aonadh Rugbaidh Shasainn (RFU) casg air tar-bhoireannaich am mìos seo chaidh.
Tha tar-bhoireannaich cuideachd air a bhith toirmeasgte bho bhith a’ cluich gu h-eadar-nàiseanta bho chionn 2020.
Tha Aonadh Rugbaidh Shasainn (RFU) air casg a chur air tar-bhoireannaich bho bhith a’ cluich rugbaidh nam ban.
Bhòt a’ chomhairle 33 an-aghaidh 26 airson am poileasaidh ùr a thèid a chur an gnìomh aig toiseach an ath-sheusan.
Tha am poileasaidh ùr ag ràdh nach fhaod ach boireannaich le dearbh-aithne gnè a tha co-ionann ris an gnè a chaidh a bhuileachadh orra nuair a rugadh iad cluich airson sgiobaidhean boireannach.
Gu ruige seo, bha tar-bhoireannaich air am measadh mar phearsachan air leth gus co-dhùnadh nam biodh iad comasach air cluich airson sgioba boireannach.
Tha am poileasaidh cuideachd ag ràdh gum faod tar-fhireannaich fhathast cluich airson sgiobaidhean fireannach ach gum feumar cead sgrìobhte agus measadh cunnairt mus cluich iad.
Dh’aontaich Lìg Rugbaidh Shasainn (RFL) ris na riaghailtean ùra cuideachd. Thèid an cur an gnìomh san Lùnastal agus nì iad ath-sgrùdadh orra san t-Samhain 2024.
Tha tar-bhoireannaich cuideachd air a bhith toirmeasgte bho bhith a’ cluich gu h-eadar-nàiseanta bho 2020.
Bha dithis air am marbhadh agus 21 air an leòn as dèidh mar a chaidh losgadh orra ann an ionnsaigh faisg air taigh-seinnse LGDT+ ann an Oslo tràth Disathairne.
Thàinig an losgadh beagan uairean a thìde ro thoiseach Pròis Oslo.
Tha fireannach, 42, à Iòran an grèim aig na Poileas is e fo-chasaid ceannairceachd.
Bhòt Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann an-diugh airson pòsaidhean aon-sheòrsach a cheadachadh.
Bhòt buill an Àrd-sheanaidh 274:136 airson lagh na h-eaglaise atharrachadh gus am bi ministearan comasach air cupail aon-sheòrsach a phòsadh ann an eaglaisean ach chaidh a dhèanamh soilleir ge-tà nach tèid toirt air ministear sam bith a dhèanamh.
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dheth a’ cho‑labhairt LGDT+ aca as dèidh do chòrr is 100 buidheann ainmeachadh nach biodh iad an làthair air sàilleibh co‑dhùnadh na Riaghaltas gus pearsachan tar‑ghnèitheach fhàgail a‑mach à phlanaichean gus casg a chur air teiripe iompachaidh.
Barrachd fhiosrachaidh
Thuirt am Prìomhaire, Boris Johnson, nach bu chòir do thar‑bhoireannaich fharpais ann an spòrs nam ban.
Barrachd fhiosrachaidh
Tha Rothaireachd Bhreatainn, buidheann‑riaghlaidh rothaireachd Bhreatainn, air casg a chur air pearsachan tar‑ghnèitheach is neo‑bhìnearaidh bho fharpaisean gus an dèanar ath‑sgrùdadh air na poileasaidhean aca.
Barrachd fhiosrachaidh
Ann an San Marino, chaidh Paolo Rondelli a thaghadh mar a’ chiad cheann-stàite LGDT+ san t‑saoghal.
Barrachd fhiosrachaidh
Tha Seirbheis Fala na h-Èireann air na riaghailtean a thaobh fala a thoirt seachad atharrachadh.
Bho 28 Am Màrt bidh fireannaich gèidh is dà-sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad as dèidh ceithir mìosan gun a bhith ri feise le fireannach eile an àite a bhith a’ feitheamh bliadhna gu lèir.
Thathar an dùil gun tèid na riaghailtean atharrachadh a-rithist nas fhaide den bhliadhna gus an dàil a chur às gu tur agus measadh a dhèanamh air gach tabhartaiche fa leth gus faighinn a-mach ma tha iad comasach air fuil a thoirt seachad.
Tha Comataidh Co-ionannachd, Chòirichean Daonna agus Ceartais Chatharra (EHRCJ) airson do chuid bheachdan air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) a chluinntinn.
Atharraichidh Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) Achd Aithneachadh Gnè 2004 a th’ ann an-dràsta gus slatan-tomhais ùra a thoirt a-steach airson daoine a tha ag iarraidh Teisteanas Aithneachadh Gnè.
Nuair a gheibh neach tar-ghnèitheach Teisteanas, tha e a’ ciallachadh gu bheilear gan aithneachadh gu laghail sa ghnè a ghabh iad agus gum faod iad teisteanas-breithe ùr fhaighinn leis a’ ghnè sin air.
Tha e fa-near dhan Bhile:
Nam bu toigh leat pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh, thèid iarraidh ort, an dara cuid:
Suirbhidh ghoirid mu phrionnsapalan coitcheann a’ Bhile a lìonadh a-steach
Do bheachdan mionaideach air ullachaidhean sònraichte a’ Bhile a nochdadh;
ach cha leig thu leas freagairt a thoirt air gach pàirt den cho-chomhairleachadh, no na ceistean air fad.
Bidh an co-chomhairleachadh a’ dol eadar 21 Am Màrt agus 13 An Cèitean agus tha barrachd fhiosrachaidh ri fhaighinn anns a’ Ghàidhlig no a’ Bheurla an-seo.
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Ann an òraid do Cho-labhairt a’ Phàrtaidh Tòraidheach ann am Blackpool Disathairne, thuirt Liz Truss, Ministear airson Boireannaich agus Co-ionannachd, gum bu chòir dhan chogadh ann an Ucràin crìoch a chur air deasbadan “gòrach” mu dheidhinn riochdairean.
Tha deuchainnean clionaigeach air trì banachdaichean HIV air tòiseachadh anns na Stàitean Aonaichte.
Chaidh na banachdaichean a leasachadh le Moderna agus tha iad stèidhichte air an teicneòlas mRNA a chleachd iad airson a’ bhanachdach COVID-19 aca.
Tha Highland Pride air ainmeachadh ann am post air an làrach-lìn aca gun tèid tachartas pròise na bliadhna seo a chumail Disathairne 11mh latha dhen Ògmhios.
Bha tachartasan ann an 2020 agus 2021 air an cur dheth ri linn a’ choròna-bhìoras.
Dh’ainmich iad cuideachd gu bheil iad air maoineachadh de £10,000 a ghlacadh bhon Chrannchur Nàiseanta airson an tachartas a chur air dòigh.