Cuairt-litir #4

23 An Cèitean 2023

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Rugbaidh nam Bàn

Tha cluicheadair rugbaidh tar-ghnèitheach air mìltean a thogail gus cùis laghail a thoirt an-aghaidh an RFU (Aonadh Ball-coise Rugbaidh) airson casg a chur air tar-bhoireannaich bho fharpaisean nam ban.

Thuirt Julie-Anne Curtiss ri ESPN san t-Sultain 2022 gu bheil an casg a’ toirt buaidh mhòr air an slàinte-inntinn aice agus aig cluicheadairean tar-ghnèitheach eile agus i a-nis air maoineachadh de £6,585 a thogail air an làrach-lìn Crowd Justice gus cùis-lagha a thoirt ‘na aghaidh.

Florida

Tha buidheann, a tha air a dhèanamh suas le Penguin Random House, ùghdarran, pàrantan agus buidheann saor-labhairt, air cùis-lagha a thogail an-aghaidh Escambia County School District agus Escambia County School Board ann am Pensacola, Florida mar thoradh air casg air leabhraichean co-cheangailte ri cuspairean cinnidh agus LGDTC+ ann an leabhar-lannan sgoile.

Siubhal gu Florida

Tha NAACP (National Association for the Advancement of Colored People) air rabhadh a thoirt do dhaoine a tha a’ planaigeadh siubhail gu Florida ‘s iad ag ràdh gu bheil an stàit nàimhdeil do dhaoine dhubha agus daoine LGDTC+.

Nebraska

Bhòt luchd-lagha ann an Nebraska 33-15 Dihaoine gus casg a chur air cùram-slàinte gnè do dh’òigridh thar-ghnèitheach agus casgan-breith as dèidh deich seachdain.

Meagsago

Tha Meagsago air a’ chiad cead-siubhail neo-bhìnearaidh a thoirt a-mach.

Fon phoileasaidh ùr faodaidh do dhaoine neo-bhìnearaidh an gnè a chlàradh mar “X” an àite a bhith taghadh eadar boireannach no fireannach.

Tha a’ ciallachadh gu bheil Meagsago air tighinn na siathamh dùthaich deug san t-saoghal gus aithneachadh laghail a thoirt do dhaoine neo-bhìnearaidh.

• • •

Balach-sgoile air a dhroch leòn ann an Èirinn

20 An Cèitean 2023

Tha na Gardí ann an Navan, Contae na Mí, air dearbhadh gun deach còignear deugaire a chaidh a chur an grèim as dèidh ionnsaigh air balach-sgoile gèidh, 14 bliadhna a dh’aois, an saoradh gun chasaid.

Chaidh bhideo den ionnsaigh a cho-roinneadh fad is farsaing air Twitter.

Thathar ag aithris gun deach am balach a dhroch leòn mun aodann ‘s a cheann agus gun deach a cholann a leòn cuideachd.

Thuirt na Gardí gu bheil iad fhathast a’ rannsachadh na h-ionnsaigh ‘s iad ag iarraidh air neach sam bith aig a bheil fios mu a deidhinn fios a chur gu Stèisean Garda Nevan air 046 9079930 no fios dìomhair a chur thuca air 1800 666 111.

Tha Bile Eucoirean Gràin a’ dol tro Phàrlamaid na h-Èireann an-dràsta, ach cha deach a dhèanamh na lagh fhathast.

• • •

Dìonan tar-ghnèitheach gan cur às bho phoileasaidh Twitter air giùlan gràineil

19 An Giblean 2023

Tha Twitter air am poileasaidh aca air giùlan gràineil ùrachadh gu sàmhach gus earrann a thug dìon do chleachdaichean tar-ghnèitheach bho mhì-ghnèitheachadh (misgendering) is mharbh-ainmeachadh (deadnaming) a chur às.

B’ àbhaist dhan poileasaidh a ràdh:

“We prohibit targeting others with repeated slurs, tropes or other content that intends to dehumanize, degrade or reinforce negative or harmful stereotypes about a protected category. This includes targeted misgendering or deadnaming of transgender individuals.”

ach chaidh atharrachadh 8mh den Ghiblean gus an rosgrann mu dheireadh a chur às.

Tha am poileasaidh fhathast a’ toirmeasg ionnsaighean a-thaobh cinnidh, cinnidheachd, tùs-àite, dual-fhine, taobhadh feise, gnè, fèin-aithne gnè, creideimh, aoise, ciorraim no droch-thinneis.

• • •

SQIFF: 'The Trans-Generational Tour April-June 2023'

17 An Giblean 2023

Bidh an fhèis-film LGDTC+, SQIFF, a’ taisbeanadh sreath de fhilmichean air an dèanamh leis a’ choimhearsnachd tar-ghnèitheach aig Cùirt an Easbaig, Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.

Thèid na filmichean a thaisbeanadh aig An Lanntair, Steòrnabhagh san Ògmhios cuideachd.

Gheibhear barrachd fhiosrachaidh an-seo.

• • •

Bùth-obrach: 'What's happening in trans healthcare?'

17 An Giblean 2023

Bidh Scottish Trans a’ stiùireadh bùth-obrach an-asgaidh mu chùram-slàinte tar-ghnèitheach 2f Disathairne 29mh den Ghiblean san Ionad Spectrum, Inbhir Nis. Gheibhear barrachd fhiosrachaidh agus tiocaidean an-seo.

• • •

Athchuinge an-aghaidh Bile na h-Aithne Gnè air a chur air dòigh leis a' Phàrtaidh Alba

16 An Giblean 2023

Tha am pàrtaidh poileataigeach, Alba, air athchuinge a chur air dòigh a tha a’ feuchainn ri stad a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) bho bhith a’ dol na lagh.

Tha e a’ tighinn as dèidh gun do dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba Diciadain gun dèan iad dùbhlan laghail an-aghaidh mar a chur Riaghaltas na RA stad air a’ bhile.

Chaidh am bile, a dhèanadh e nas fhasa do dhaoine thar-ghnèitheach GRC (teisteanas aithneachadh gnè) fhaighinn, aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba san Dùbhlachd ach thuirt Riaghaltas na RA gun dèanadh e sgaradh eadar diofar dhùthchannan na Rìoghachd Aonaichte agus chleachd iad Earrann 35 de dh’Achd na h-Alba gus stad a chur air bho bhith a’ dol na lagh.

Sgrìobh Alba air an làrach-lìn aca Diardaoin gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba fòcas a dhèanamh air cùisean a tha cudromach do mhuinntir na h-Alba an àite a bhith beò-ghlacte le gnè ach tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gum feum iad a dhol air adhart le dùbhlan laghail an-aghaidh Riaghaltas na RA gus deamocrasaidh na h-Alba a dhìon.

• • •

Seachdnar air an EHRC fhàgail mar a tha oillt thar-ghnèitheach a' sìor-fhàs sa bhuidheann

16 An Giblean 2023

Tha Vice News ag aithris gu bheil seachdnar àrd-oifigeach - ball-bùird, stiùiriche-gnìomha, ceathrar stiùiriche agus ball-comataidh - air an EHRC (Coimisean nan Còraichean Daonna is na Co-ionnannachd) fhàgail air sgàth ’s gu bheil oillt thar-ghnèitheach a’ sìor-fhàs sa bhuidheann.

Chaidh an coimisean a stèidheachadh ann an 2007 gus sùil a chumail air laghanan co-ionnannachd agus a dhèanamh cinnteach gun tèid an cur an-gnìomh air feadh Shasainn, na Cuimrigh is na h-Alba.

Chaidh an coimisean a chàineadh seachdain seo chaidh ge-tà as dèidh gun tug iad comhairle ri Kemi Badenoch, Ministear nam Bàn is na Co-ionnannachd, air mar a ghabhas Achd na Co-ionnannachd ath-leasachadh gus bacadh a chur air daoine tar-ghnèitheach bho àiteachan aon-sheòrsach - seòmraichean-éididh, taighean-beaga agus m.s.a.a. - le bhith a’ dèanamh sgaradh nas soilleire eadar mìneachadh laghail nam faclan “gender” agus “sex”.

A-rèir Vice News b’ e obair-ullachaidh a’ chomhairle seo a thug air na h-oifigich an coimisean fhàgail.

• • •

Bànrigh draga Albannach ag amas air a' chrùn

13 An Giblean 2023

Bidh bànrigh draga à Dùn Dè a’ taisbeanadh aig ro-fharpais Miss Continental Northern Europe ann an Rotterdam as t-samhradh.

Sgrìobh Miss Peaches air Instagram gu bheil i air bhiorain gur ise “a’ chiad bhànrigh Albannach a-riamh gus an dùthaich againn a riochdachadh san taisbeanadh chliùiteach seo”.

Bidh còrr is 40 ro-fharpais air feadh an t-saoghail mus tèid na buannaichean gu Chicago airson a’ chuairt dheireannach agus crùnadh Miss Continental 2023 san t-Sultain.

View this post on Instagram

A post shared by Miss Peaches🍑 (@officialmisspeaches)

• • •

Dùbhlan laghail do Riaghaltas na RA air ainmeachadh

12 An Giblean 2023

Dh’ainmich Prìomh-mhinistear na h-Alba, Humza Yousaf, gu h-oifigeil an-diugh gun dèan Riaghaltas na h-Alba dùbhlan laghail an-aghaidh Riaghaltas na RA mun cho-dhùnadh aca bacadh a chur air ath-leasachadh gnè an Alba.

Chaidh am bile, a dhèanadh e nas fhasa do dhaoine thar-ghnèitheach teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn, tro Phàrlamaid na h-Alba san Dùbhlachd ach chleachd Westminster Earrann 35 de dh’Achd na h-Alba gus stad a chur air bho bhith a’ faighinn aonta rìoghail.

B’ e seo a’ chiad turas a-riamh gun deach an earrann seo a chleachdadh bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh.

• • •

Tar-bhoireannaich toirmeasgte bho fharpaisean snàimh nam ban

03 An Giblean 2023

Tha Swim England air ainmeachadh gun tèid casg a chur air boireannaich tar-ghnèitheach bho fharpaisean snàimh nam ban.

A-rèir am poileasaidh ùr aca cha bhi ach boireannaich cios-ghnèitheach comasach air farpais san roinn bhoireannach is thèid roinn fhosgailte a chruthachadh do snàmhadairean fireannach, neo-bhìnearaidh agus tar-ghnèitheach.

Sgrìobh iad air an làrach-lìn aca gur e seo an dòigh as fheàrr cothromachd na farpais a dhìon.

Thèid am poileasaidh ùr a chur an gnìomh air a’ chiad latha dhen t-Sultain 2023.

• • •

Là Faicsinneachd nam Pearsa Tar-ghnèitheach

31 Am Màrt 2023

Tha a’ choimhearsnachd tar-ghnèitheach an-còmhnaidh air a bhith aig tòiseach na strìthe airson còraichean na coimhearsnachd LGDTC+ gu lèir agus ’s e sin an adhbhar a bhios An Gèidheal Ùr a’ cur taice riutha chan ann dìreach an-diugh air Là Faicsinneachd nam Pearsa Tar-ghnèitheach ach a h-uile latha.

• • •

Sàr-dhibhearsanaiche Paul O’Grady air bàsachadh

29 Am Màrt 2023

Naidheachd bhrònach mun t-sàr-dhibhearsanaiche Paul O’Grady (Lily Savage).

• • •