Cuairt-litir #59
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Casgan inbhidheachd
Tha an carthannas òigridh, LGBT Youth Scotland, air iarraidh air clionaig an Sandyford car a chur den cho-dhùnadh a chur casg eadar-amail air a bhith a’ toirt seachad casgan inbhidheachd do dh’euslaintich ùra fo 18 bliadhna a dh’aois.
Sgrìobh iad ann an aithris air an làrach-lìn aca gun dèan an gluasad cròn air daoine òga agus gum bi àrdachadh anns an ìre de dhroch shlàinte-inntinn a-measg daoine tar-ghnèitheach òga.
Grindr
Tha luchd-cleachdaidh Grindr san RA a’ toirt na h-aplacaid suirghe gèidh gu cùirt airson am fiosrachadh prìobhaideach a cho-roinneadh.
Chaidh cùis-lagha a chur a-steach gu Àrd-chùirt a’ Cheartais ann an Lunnainn Diluain às leth còrr ‘s 600 neach-cleachdaidh a tha a’ tagairt gun do cho-roinn Grindr fiosrachadh mu an inbhe HIV, an taobhadh-feise agus an cinnidheachd do bhuidhnean treas-phàrtaidh eadar 2018 agus 2020.
An Rùis
Tha riaghailtean farpais bhardachd Andrei Dementyev na bliadhna seo air a bhith air atharrachadh gus innteartan bho “shaoranaich a tha air an gnè atharrachadh” a thoirmeasg “gus beachdan tradaiseanta Ruiseanach air pòsadh, teaghlach, màthaireachd, athaireachd agus leanabachd a dhìon”.
B’ àbhaist don riaghailtean fàilte a chur air innteartan bho bhàird “gun umhail dhan saoranachd, nàiseantachd, obair no àite-còmhnaidh aca”.
Alabama
Ghabh Taigh Riochdairean na h-Alabama ri bile a chuireas casg air brataichean-proise bho sgoiltean agus a leudaicheas lagh “Don’t say gay” na stàite bho ìrean K-5 (bun-sgoil) gu ìre 8 (àrd-sgoil a trì).
Ghabh iad cuideachd ri bile a chuireas binn phrìosain air leabhar-lannaichean a bheireas leabhraichean mu fheise no ghnè do mhion-aoisich gun chead-pàrant.
Tha na bilean a-nis air beulaibh Seanadh na Stàite airson sgrùdadh.
Florida
Tha fireannach an grèim ann am Floria fo chasaid gun do mhuirt e tar-bhoireannach tràth madainn Dimàirt.
Thathar ag aithris gun deach Andrea Doria Dos Passos, 37, a mharbhadh fhad ‘s a bha i ‘na cadal taobh a-muigh Miami City Ballet ann am Miami Beach.
Chaidh an neach-amharais, Gregory Fitzgerald Gibert, 53, a chur an grèim na b’ anmoiche air an latha as dèidh dhan Phoilis dealbhan CCTV a sgrùdadh.
Massachusetts
Tha fireannach an grèim ann am Massachusetts às dèidh mar a chaidh corp deugaire neo-bhìnearaidh a chaidh a dhìth anns a’ Ghiblean 2022.
Chaidh corp River Nevaeh Goddard, 17 a lorg leis na Poilis 3mh An Giblean aig taigh am bràmair, Shane Curry, ann an Stow, Massachusetts.
Nochd Curry, 20, sa chùirt Diluain fo chasaidean ionnsaigh agus ionnsaigh a rinn cron air a’ bhothaig, ach chaidh e às àicheadh nan casaidean.
Tennessee
Ghabh Taigh Riochdairean Thennessee ri bile Diardaoin a nìthear e mì-laghail mion-aoisich a thoirt fo bhruid is an toirt gu stàit eile gus cothrom fhaighinn air cùram slàinte daingneachadh gnè.
Doiminicea
Chur Àrd-chùirt Dhoiminicea car den lagh a rinn feise aon-sheòrsach mì-laghail.
Riaghail iad Diluain gun robh an casg a’ briseadh bun-reachd na dùthcha o chionn ‘s gun robh e a’ briseadh a-steach air a’ chòir air beatha dhachaigh phrìobhaideach.
Ioràc
Chaidh lagh ùr moraltachd a chur an gnìomh ann an Ioràc Disathairne (27mh An Giblean).
Fon lagh ùr bidh:
• binn 10 gu 15 bliadhna sa phrìosain air neach sam bith a thèid a dhìteadh de cho-sheòrsachd;
• binn co-dhiù 7 bliadhnaichean sa phrìosain air neach sam bith a bhrosnaicheas co-sheòrsachd no siùrsachd;
• agus binn eadar 1 agus 3 bliadhna sa phrìosain air daoine a dh’atharraicheas an gnè, no fireannaich a bhios a’ cur aodach boireannta air.