Cuairt-litir #60

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Alba

Tha Prìomh Mhinistear ùr na h-Alba, John Swinney, air dearbhadh ann an agallamh le BBC Radio Scotland gu bheil an riaghaltas fhathast airson casg a chur air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”.

Thuirt e ge-tà gum feum iad smaoineachadh air freagairtean a’ cho-chomhairleachaidh agus air toraidhean an sgrùdaidh a rinn Dr Hilary Cass air cùram slàinte daingneachadh gnè a tha NHS Shasainn a’ toirt seachad do dhaoine òga mus tèid iad air adhart.

Dhearbh Swinney cuideachd san agallamh gu bheil e a’ creidsinn gur e boireannaich a th’ ann an tar-bhoireannaich.

Sruighlea

Chaidh ainmeachadh gun tèid tachartas pròise a chumail ann an Sruighlea airson a’ chiad turas.

Tha eagraichean air iomairt maoineachadh-sluaigh a thòiseachadh airson an tachartas a thèid a chumail Disathairne 21d latha den t-Sultain.

Foghlam

Dh’ainmich an Riaghaltas Diardaoin, gun tèid sgoiltean ann an Sasainn air an casg bho bhith a’ teagaisg sgoilearan nas òige na 9 bliadhna a dh’aois mu fheise, agus sgoilearan gu lèir mu dhearbhan-aithne gnè.

Lichtenstein

Bhòt buill pàrlamaid Lichtenstein 24-1 airson pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail. Tha dùil gun tèid an lagh ùr a chur an gnìomh 1d Am Faoilleach 2025.

Mississippi

Tha Riaghladair Mhississippi, Tate Reeves, air bile a shoidhnigeadh ‘na lagh a chuireas casg air luchd tar-ghnèitheach bho bhith a’ cleachdadh na taighean-beaga a tha a’ co-fhreagairt ris an dearbh-aithne gnè aca.

Buenos Aires

Tha triùir bhoireannach leasbach air bàsachadh agus tè eile san ospadal as dèidh gun deach an taigh-aoigheachd anns an robh iad a’ fuireach a chur ‘na theine.

Thuirt na Poilis gun deach an taigh a’ losgadh le ragaichean a bha air am bogadh le stuth lasrachd agus gu bheil iad air fireannach, 62, a bha cuideachd a’ fuireach san taigh-aoigheachd a chur an grèim.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.