Luchd-obrach LGDT+ ag iarraidh reachdaire ùr Oilthigh Dhùn Èideann a chur às a dhreuchd

Chaidh an sgrìobhaiche Simon Fanshawe a shuidheachadh na reachdaire air Oilthigh Dhùn Èideann Diluain.

Bha e na cho-stèidheadair a’ bhuidhinn-iomairt, Stonewall, ach e air càineadh a dhèanamh air a’ bhuidheann o chionn grèis a-nis airson taic a chur dhan iomairt airson còraichean thar-ghnèitheach.

Ann an 2019 rinn e òraid aig tachartas cur air bhog a’ bhuidhinn LGB Alliance a bhios ag iomairt an-aghaidh còraichean thar-ghnèitheach.

Ann an 2022 sgrìobh e artaigil ann an Daily Mail anns an tuirt e gun robh beachdan na buidhne a-thaobh còraichean thar-ghnèitheach a’ criomadh còraichean bhoireannach agus ann an 2023 sgrìobh e artaigil airson UnHerd anns an tuirt e gum bu chòir dhan ghluasad LGD (Leasbach, Gèidh is Dà-sheòrsach) sgaradh bhon ghluasad airson còraichean thar-ghnèitheach.

Thuirt neach-labhairt Lìonra Pròis an oilthighe ris The National gu bheil seo a’ sealltainn a-rithist nach eil àrd-sgioba stiùiridh an oilthighe a’ cumail ris na poileasaidhean aca fhèin air Co-ionnannachd, Iomadachd agus Ion-ghabhaltas.

Thuirt neach-labhairt an oilthighe gu bheil an reachdaire air an ainmeachadh is air an taghadh leis na h-oileanaich agus an luchd-obrach, agus o chionn ‘s nach do sheas neach sam bith eile ‘son taghadh chaidh Simon Fanshawe a shuidheachadh na reachdaire.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.