A' toirt thugaibh an naidheachdan LGBTQIA+ as ùire

Dithis air am faighinn ciontach de mhurt Bhrianna Ghey

Crìstean MacMhìcheil Dithis air am faighinn ciontach de mhurt Bhrianna Ghey

Breatainn, Lagh

Chaidh dithis dheugairean fhaighinn ciontach de mhurt an deugaire thar-ghnèithich, Bhrianna Ghey.

Chaidh Ghey, 16, a fhaighinn marbh ann am pàirc ann an Warrington sa Ghearran as dèidh dhi a bhith air a sàthadh 28 tursan.

Cha ghabhadh Caileag X agus Balach Y ainmeachadh o chionn ‘s gu bheil iad 16 bliadhna a dh’ aois.

Thèid binn a chur orra gu foirmeil an ath-mhìos, ach thuirt am britheamh gun tèid binn beatha a chur orra.