Cuairt-litir #48

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Èirinn

Tha na buidhnean AMACH! LGBT+ Galway agus ShOUT! LGBT+ Youth Project air leabhar-pòcaid fhoillseachadh gus fiosrachadh agus comhairle a thoirt do dh’òigridh tar-ghnèitheach is na teaghlaichean aca mu eadar-ghluasadan sòisealta, laghail agus meadaigeach. Faodar leth-bhreacan den leabhar-pòcaid, A Guide to Transitioning, fhaighinn le bhith a’ leigeil fios gu info@amachlgbt.com.

A’ Phòlainn

Riaghail Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna Dimàirt gu bheil Bun-reachd na Pòlainne a’ briseadh a’ chòir a th’ aig a h-uile neach fo Chùmhnant Eòrpach nan Còraichean Daonna air beatha phrìobhaideach leis nach eil e ag aithneachadh aonaidhean aon-sheòrsach.

Florida

Tha an FHSAA (Florida High School Athletic Association) air peanas-airgid luach $16,500 a chur air àrd-sgoil ann am Florida airson leigeil le oileanach tar-ghnèitheach cluich air sgioba ball-bholaidh a cho-fhreagair ris an dearbh-aithne gnè aca.

Chaidh aithris cuideachd gun deach òrdugh probhaidh bliadhna a chur air an sgoil agus gun deach an oileanach a thoirmeasg bho bhith a’ farpais airson sgoile sam bith sa chomann fad bliadhna.

Thathar a’ creidsinn gur e seo a’ chiad turas gun deach sgoil ann am Florida a pheanasachadh airson an lagh 2021, Fairness in Women’s Sports Act, a bhriseadh.

Ohio

Tha reachdadairean ann an Ohio air bhòtadh airson bile a chuireas casg air cùram-slàinte daingneachadh gnè, a leithid casgan-inbhidheachd, do mhion-aoisich tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh. Ma thèid am bile a shoidhnigeadh ‘na lagh leis an Riaghladair, Mike DeWine, thèid Ohio an 23mh stàit gus lagh den leithid seo a chur an gnìomh.

Discord

Tha an lìonra sòisealta Discord air poileasaidh ùr a chur an gnìomh a thoirmisgeas luchd-chleachdaidh bho bhith a’ toirt iomradh air ainm no gnè a bh’ aig neach tar-ghnèitheach mus d’ rinn iad eadar-ghluasad.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.