Cuairt-litir #47
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Bile na h-Aithne Gnè
Riaghail Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann Dihaoine gu robh an casg a chur Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air ath-leasachaidhean gnè Riaghaltas na h-Alba laghail.
Bhòt Pàrlamaid na h-Alba 86-39 airson an lagh a dhèanadh e nas fhasa do luchd tar-ghnèitheach GRC (Teisteanas Aithneachadh Gnè) fhaighinn, ach chleachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte na cumhachdan aca fo earrann 35 de dh’Achd na h-Alba gus bacadh a chur air an lagh.
Tha 21 làithean aig Riaghaltas na h-Alba gus ath-thagradh an-aghaidh a’ cho-dhùnaidh a chur a-steach.
Prìosanaich thar-ghnèitheach
Tha Seirbheis Phrìosain na h-Alba air an stiùireadh aca ùrachadh a ràdh gum bu chòir do phrìosanaich thar-ghnèitheach le eachdraidh de chron air boireannaich a bhith air an cumail ann am prìosain fhireannach. Thèid am poileasaidh ùr a chur an gnìomh 24mh An Gearran 2024.
GRCan Eadar-nàiseanta
Tha am Ministear airson Boireannaich agus Co-ionnannachd, Kemi Badenoch, air ainmeachadh nach aithnich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte GRCan bho dhùthchannan far a bheil luchd tar-ghnèitheach comasach air an gnè atharrachadh gun dearbhadh meadaigeach de neo-shàstachd gnè tuilleadh.
Doctor Who
Tha a’ BhBC air ràdh gun d’fhuair iad còrr is 100 gearan bho luchd-amhairc a bha den beachd gun robh an caractar tar-ghnèitheach, Rose, a nochd ann an earrann a chomharraich 60 bliadhna bho thoiseach a’ phrògram mì-iomchaidh.